Search

A Mhnathan a' Ghlinne Seo

Fieldworkers
Date June 1956
Track ID 70649
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.56.A5

Original Tape ID

SA1956.056

Summary

The contributor recites a pibroch song with links to the massacre of Glencoe. He explains the location of Luban na h-Abhainn which is mentioned in the song.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach (TD): Seo ceathramh no dhà a chuala mi mu Mhurt Ghlinn Chomhain:

A mhnathan a' ghlinne seo
A mhnathan a' ghlinne seo
A mhnathan a' ghlinne seo
'S mithich dhuibh èirigh.

'S mis' rinn a' mhocheirigh
'S mis' rinn a' mhocheirigh
'S mis' rinn a' mhocheirigh
Sibhse chuir feum air.

Ta an crodh air an togail
Ta an crodh air an togail
Ta an crodh air an togail
'S na fir air an reubadh.

Na taighean ri theine
Na taighean ri theine
Na taighean ri theine
'S na mnathan ag èigheach.

Aig Lùban na h-Abhainn
Air Cùl Tom an t-Sabhail
Ta iomadh fear-taighe
Na laighe nach èirich.

Seumas Ros (SR): Seadh a-nise, an robh caoin agaibh air an òran a tha sin?

TD: Cha robh. Cha robh. Cha chuala mi a' chaoin aig an fhear aig an cuala mi e idir.

SR: Seadh.

TD: Ach chunnaic mi fhèin an t-àite air Cùl Tom an t-Sabhail - Lùban na h-Abhainn agus Cùl Tom an t-Sabhail. Chì duine sam bith iad, ach cha b' fhuilear dha duine eòlach a bhith cuide ris airson na h-àiteachan a shealltainn dha.

SR: A bheil e faisg air an rathad mhòr?

TD: Tha, dìreach ris an rathad. Dìreach ri fàl an rathaid. Cha leig duine a leas an rathad fhàgail.

SR: An ann an sin far a bheil sin far a bheil an càrn?

TD: Tha e faisg air rudeigineach. Chan eil e... tha e dìreach faisg air a' chàrn. Agus tha an dà àite dìreach dlùth... glè dhlùth dha chèile, Lùban na h-Abhainn - chì duine far a bheil an abhainn a' lùbadh a-staigh, agus Cùl Tom an t-Sabhail. Tha e coltach gun do rinn an t-òran feum nuair a bha cluas-chiùil aig an nighinn òig.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good