Search

Ailean sgliathach, sgrothach.

Date October 1977
Track ID 71019
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.132.A7

Original Tape ID

SA1977.132

Summary

Ailean sgliathach, sgrothach.

The contributor tells of a Lewis minister, Allan MacKenzie, who was described by an Uig person as 'Ailean sgliathach, sgrothach'. He gives the definition of the two words, which are local to Uig, Lewis.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Siud sibh ma-thà. Bha sibh a' dol a dh'innse mu fhacal a chuala sibh.

An t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid (RM): Bha ministear uaireigin ann an Leòdhas air an robh Ailean MacCoinnich bho chionn fhad' fhada, 's tha mi a' smaoineachadh gun robh e anns an Eaglais Stèidhichte, 's anns an Eaglais Shaoir, 's anns an Eaglais Bhig. Bha e... bha e anns na trì eaglaisean. Agus bha cuideigin ann an Ùig ag ràdh mu dheidhinn:

"Ailean sgliathach, sgrothach, a' ruith air seachd eaglaisean na h-Àisia."

IP: Seadh, seadh. Agus...

RM: Nis, bha mi a' faighneachd dhan duine a dh'innis seo dè bha sgliathach, sgrothach a' ciallachadh. Sgliathach, tha mi a' smaoineachadh... nist, an e... 's e rudeigin mar a... chan eil cuimhn' a'm an tuirt e, an e fear a bhiodh a' caogadh a shùilean. Agus... no an e sgrothach a bha sin? Chan eil mi cinnteach. Ach 's e mun dòigh anns an robh e a' coimhead co-dhiù, seo a bha sgliathach, sgrothach a' ciallachadh co-dhiù. Ach... 'S e faclan Ùigeach... 's ann à Ùig Leòdhais a bha seo.

IP: 'S ann, dìreach. Tha mi a' creidsinn gur e am facal as fhaisge againn air a sin, spliathach. Agus sin fear a bhiodh a chasan a-mach.

Màiri NicAsgaill (MN): Sheadh, tha sgliathach cuideachd ann. Duine sgliathach.

IP: Agus dè bha thusa a' ciallachadh le sgliathach.

MN: Bha truagh, caol.

RM: Aidh, ò chan eil fhios nach e sin a bh' ann. Cha chreid mi gu bheil an dà fhacal sin, chan eil iad aig Dwelly idir anns an fhaclair.

IP: Chan eil, tha mi a' creidsinn.

Alasdair MacAsgaill (AM): Chuala mi am facal sglèatach.

IP: Duine sglèatach, an e?

AM: Boireannach.

IP: Ò, boireannach.

AM: Boireannach sglèatach. Tha e a' ciallachadh, cha chreid mi, rudeigin truagh na dreach.

MN: Tha mi cinnteach [???] sglèat, glas.

RM: Am fear a dh'innis sin dhomh, thuirt e gun do... an tè a thuirt seo gun do phòs tè a bha càirdeach rithe am ministear seo a-rithist an dèidh dhi seo a ràdh mu dheidhinn. Gun robh e a' smaoineachadh nach canadh e... nach canadh i 's dòcha sin mu dheidhinn an dèidh dha an tè sin a phòsadh. Sin a thuirt i mu dheidhinn co-dhiù, a chionn gun robh e anns na trì eaglaisean, gun do ruith e air seachd eaglaisean na h-Àisia.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good