Search

Fichead seanfhacal, le mìneachadh air corra fhear dhiubh:

Fieldworkers
Date June 1956
Track ID 71068
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.57.A1(20-38)

Original Tape ID

SA1956.057

Summary

Twenty proverbs, with some explanations.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach:

Is olc an t-eun a shalaicheas a nead fèin.

Cha tig eun glan às nead salach.

Bheir an t-anabarr molaidh an t-anabarr dolaidh.

Cha phàigh taing sibh.

Cha bhi an t-uisge air a' mhuileann an-còmhnaidh.

Cha do chìr thu ceann [?liath-sheann] fathast.

Airgead mar na sligean.

Chan eil mar a bhitheadh air. Sin rud air nach biodh coire.

Thachair sruth ri steall.

Bheir teas teas à feòil. Faodaidh mi a ràitinn gu bheil a cheart rud fìor mu dheidhinn 'Bheir fuachd fuachd à feòil', agus chuir mi fhìn dearbhadh air a sin. Nuair a bha mi thall ann an Canada, bha mi a-muigh feasgar fuar geamhraidh, mar a tha a h-uile feasgar anns an àite ud, le reothadh uabhasach. Agus dh'fhalbh mi gu gòrach - bha agam ri dhol dà mhìle a-mach gu ruige taigh air ceann coinneimh, agus bha còir agam a bhith air... a bhith air còmhdach-cinn a chur orm a chòmhdaicheadh mo chluasan, mar a bha mi a' dèanamh an-còmhnaidh nuair a bhithinn a' falbh ann an uidheam-ghiùlain a bha fosgailte. Ach ge be air bith gu dè bu choireach, tha mi a' smaoineachadh gur e bu choiriche ris gun robh an t-astar cho goirid - cha robh ann ach dà mhìle, 's bha mi a' smaoineachadh nach b' urrainn dhomh fuachd mòr fhaireachadh gus an ruiginn. Ach 's mi a bha gòrach. Nuair a ràinig mise mo cheann-uidhe 's a chaidh mi a-staigh, sheall an gille a bha cuide rium agus chunnaic e gun robh a' chluas agam air reothadh. 'S chaidh e a-mach agus fhuair e dà chnap sneachda agus deighe agus chuir e a' chluas agam eadar... eadar an dà chnap, agus chùm e ann an sin e co-dhiù airson cairteal na h-uarach, agus thug am fuachd a bha ann an sin an reothadh a-mach às mo chluais. Nan robh mise air mo làmh a chur air mo chluais, bha mi air mo chluas a thoirt dhìom, agus 's e fuachd a thug a-mach am fuachd 's an reothadh, agus tha e... tha e ann an seo againn mar... mar sheanfhacal, ach 's ann timcheall teas: bheir teas teas à feòil.

Guirean air tòn baintighearna. Bha sin a' ciallachadh, rud beag air nach bu chòir do dhuine sam bith gearan a dhèanamh do bhrìgh agus nach robh e a' dol a thighinn gu ceann-adhbhair dha.

Mus ruig thu ceann an ròpain.

Cho dearg ri measair fhala.

'S e bàs a' chinn-adhairt a bh' ann.

Na gearain gu bràth air bàs a' chinn-adhairt.

Dh'èigh e na creachan.

Chan e cuid aon duine a tha ann. Bhiodh an seanfhacal sin ga chur am feum glè thric aig àm a' Chiad Chogaidh Mhòir. 'S ainneamh an latha nach tigeadh sgeul-bàis gu cuidigineach anns an sgìreachd, agus 's e a theireadh athair an teaghlaich nuair a gheibheadh e fios gun do mharbhadh a mhac anns an Fhraing: Ò, chan e cuid aon duine a th' ann.

Caolanan a' seangachadh leis an acras.

Thug thu às mo bheul e, is tu as luaithe a gheibh biadh annasach. Faodaidh mi beagan mìneachaidh a thoirt air a sin. Nam biodh dithis ann an siud a' seanchas air rud sam bith, agus gun tachradh gun canadh duine rud a bha an duine eile a' dol a ràdh air thoiseach air, theireadh am fear sin: Ò, thug thu às mo bheul e, is tu as luaithe a gheibh biadh annasach.

'S ann ort a tha coltas do ghnothaich.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good