Search

Fiosrachadh mu ghoibhnean agus ceàrdaichean.

Date 1972
Track ID 72019
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.244.A3

Original Tape ID

SA1972.244

Summary

Information about smiths and smithies.

The old smithies were built close to water. The smith was educated and highly regarded. Nobody but the smith was allowed to enter the smithy. He kept his craft secret. An intruder could lawfully be beheaded with the last sword the smith made. Swords weren't considered ready for battle until they had been tested in blood.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Bha na seann cheàrdaichean air an togail ann an cois uisge, an dàrna cuid ann an cois na mara no ann an cois loch-tàimh, agus chan eil fhios a'm gu dè b' adhbhar dha sin ach bha adhbhar air. Dòcha gum bu thoigh leotha uisge a bhith aca airson an iarainn fhuarachadh ann, agus tha mi làn chreidsinn gur e sin an t-adhbhar airson gum feumadh ceàrdaichean a bhith ann an cois uisge.

Nise, 's e an gobha an duine b' fhoghlamaichte a bh' ann na latha agus 's ioma 's ioma ceud bliadhna bhon uair sin. Ach bha e air a mheas na dhuine sònraichte, agus bha àite àrd aige ann am measg dhaoine, 's e air a mheas na dhuine foghlamaichte.

Ach bha a' ghoibhneachd air a cumail dìomhair, agus chan fhaodadh duine sam bith a dhol a-staigh gu ruige a' cheàrdach anns an t-seann aimsir ach an gobha fhèin. Agus bha glè thric a' cheàrdach uaireannan air a dèanamh gun doras, 's chan fhaigheadh duine a-staigh oirre ach a dhol a-staigh air a' mhullach. Bha solas gu leòr aig a' ghobha bhon an adhar os a chionn, ged nach bitheadh uinneag 's ged nach bitheadh doras ann.

Agus bha a h-uile gobha, bha e a' cumail a cheàird dìomhair, agus duine sam bith air am biodh dànadas a dhol a-staigh nuair a bhiodh an gobha ag obair, dh'fhaodadh an gobha le lagh, gu dligheach le lagh an àite, an ceann a sgathadh dheth leis a' chlaidheamh mu dheireadh a rinn e. 'S glè thric bha an claidheamh mu dheireadh a bha an gobha a' dèanamh, cha robh e air a mheas freagarrach airson a dhol leis gu cath mura biodh e air a dhearbhadh ann am fuil.

Iain Peatarsan: Ò uill, tha sin glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good