Search

Dithis shagart.

Date 1972
Track ID 72023
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.244.A6

Original Tape ID

SA1972.244

Summary

What happened when two clergymen agreed that one of them would return from the dead.

Two clergymen agreed that the first one to die would come back and tell the other one how he was getting on. One died and appeared to the other. The surviving clergyman remembered that iron was effective in situations like this. He picked up an old plough-sock and offered it to the dead man instead of his hand. The plough-sock was twisted like a piece of yarn.

The contributor heard the story in Valtos, Staffin. It was told by his father and many others.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT810

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Bha dithis mhinistearan ann an sgìre Steinns-... chan e dithis mhinistearan a bh' annta ach dithis shagart, pearsachan-eaglais, fada ro àm an Ath-leasachaidh, ann an Steinnseal, sgìre Steinnseil. Bha fear dhiubh, b' e sagart Steinnseil agus am fear eile sagart Chille Mhoire, agus 's ann dhen aon sgìre a bhuineas Steinnseal, a bheil fhios agaibh, ach anns na seann làithean 's a dh'ionnsaigh an latha an-diugh, tha iad nan dà sgìre eaglaiseil.

Ach co-dhiù, bha iad glè chàirdeil 's glè mhòr aig a chèile, agus thachair iad ri chèile co-dhiù an latha seo ann an taigh an t-sagairt ann an Steinnseal. Agus bha iad a' bruidhinn air an dà shaoghal agus an dìomhaireachd mhòr a bha timcheall air an dà shaoghal, air nach robh fios aig duine sam bith air a' bheag mu thimcheall. Ach thuirt an dàrna fear ris an fhear eile:

"Nise, ma dh'fhalbhas tusa 's ma dh'fhàgas tu an saoghal air thoiseach ormsa, feuch gun tig thu air ais a dh'innse dhomh gu dè thachair dhut nuair a dh'fhàg thu an saoghal, 's ciamar a tha a' dol leat, 's cò ris an ath-shaoghal coltach. 'S ma dh'fhalbhas mise mum falbh thusa, nì mi an rud ceunda. Thig mise air ais 's innsidh mi dhut ciamar a tha a' dol leam agus cò ris a tha an ath-shaoghal coltach."

Bha sin ceart gu leòr, 's bha iad glè chàirdeil fhad 's a bha iad beò. Ach co-dhiù no co-dheth, nach ann a chaochail sagart Chille Mhoire an toiseach. Agus bha sagart Steinnseil glè dhuilich nuair a fhuair e naidheachd a bhàis.

Ach co-dhiù no co-dheth, ged a tha daoine glè chalma anns an inntinn nuair a tha iad beò agus cùisean a' dol leotha, chan eil iad cho calma nuair a tha am bàs a' tighinn. Agus chuimhnich sagart Steinnseil air a' chùmhnant a bha eatorra, 's nach ann a bhuail an t-eagal e. Agus am feasgar a bh' ann an seo, bha e na sheasamh aig ceann an taighe agus a shùil sìos air a' Chuith-Raing agus air a' chuid sin dhen an sgìre as fhaisg air Cille Mhoire. 'S diod a chunnaic e a' nochdadh ann an sin air fàire ach coltas a sheann charaide, sagart Chille Mhoire, 's bhuail an t-eagal e gu h-uabhasach.

Ach co-dhiù no co-dheth, chuimhnich e gun robh èifeachd mhòr anns an iarann a thaobh gnothaichean mì-chneasta dhen t-seòrsa sin. Agus sheall e timcheall air 's diod a chunnaic e ach seann soc croinn air a thilgeil ann an [???] chlach, 's chaidh e a-null. 'S bha an sagart a' dèanamh air an taigh-còmhnaidh aige, 's bha fios aige gu dè an turas air an robh e. 'S rug e air an t-soc-cruinn 's thuirt e ris fhèin:

"Bidh seo feumail dhomh."

'S thàinig an sagart far an robh e 's chuir e fàilte mhòr air, 's shìn e a làmh dha. Ach an àite làmh a shìneadh dha charaide a bh' air an t-saoghal eile, shìn e soc a' chruinn dha. 'S ma shìn, bha an soc air a shuaineadh 's air a thoinneamh mar gum faiceadh sibh bìdeag de shnàthlainn ann. 'S nan robh an sagart air an làmh a shìneadh dha bha e gu leum an t-saoghail.

Iain Peatarsan (IP): Agus càit a-nis an cuala sibh an sgeulachd a bha seo?

TD: Ò, chuala ann am Bhaltos, ann an Stafainn iomadach uair.

IP: A bheil chuimhn' agaibh duine sònraichte sam bith aig an robh i mu...?

TD: Ò, chan eil... Bha i aig m' athair.

IP: Bhiodh i aig ur n-athair
.
TD: Bha i aig m' athair-sa, 's och, bha i aig a' chuid bu mhotha de dhaoine. A' chuid bu mhotha de na seann daoine, bha i aca.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good