Search

Sgeulachd mu fhear an tòir air barrall.

Date 1978
Track ID 72199
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1978.87.A8

Original Tape ID

SA1978.087

Summary

A story about a man returning to find a shoelace.

Alasdair mac Iain 'ic Alasdair was returning from Stornoway in the snow. He was wearing good shoes, so he took them off. On the way, he realised he had lost a shoelace, and went all the way back to get it.

Item Subject/Person

Alasdair mac Iain 'ic Alasdair

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Alasdair MacAsgaill: Naidheachd a fhuair mi aig Alasdair mac Iain 'ic Alasdair, air a thuras... e a' tighinn dachaigh à Steòrnabhagh, a' cur a-staigh [?drill]. Agus 's ann anns a' gheamhradh a bh' ann, 's bha sneachda air na rathaidean. Agus nuair a bha e a-nuas pìos dhen t-slighe, bha paidhir bhrògan matha aige, agus bha e mòr leis a bhith gan cosg, agus dh'fhalbh e 's chuir e dheth na brògan, agus chuir e air a ghualainn iad.

Bha e air a chasa-rùisgt'. Bha flip flap aige anns an t-sneachda a' tighinn, agus thachair an seo coidse air agus bha triùir innte. Thuirt a' chiad fhear, chuala e e a' radha:

"'S e Hearach a th' ann."

Leòdhasaich a bh' ann, air an rathad suas. Thuirt am fear eile:

"Ò nach e tha cruaidh."

Ach chan eil cuimhn' a'm dè thuirt an treas fear, ged a dh'innis e dhomh e. Ach co-dhiù, nuair a bha e treis air an rathad a-nuas - rathad na ònrachd mar sineach - bha a' phoca air a ghualainn, agus anns an sineach, chaidh e seachad air cuaraidh, agus bha fear an sin a' marbhadh caora. 'S bha e an dèidh a bhrògan a chur dheth treis mun do ràinig e a' chuaraidh a bh' ann a sheo. Nuair a chaidh e pìos air adhart, 's ann a dh'ionndrainn e gun do chaill e... dh'fhàg e fear dhe na barraill às a dhèidh, far an do chuir e dheth a bhrògan. 'S thill e air ais tarsaing air a' chuaraidh far am faca e e a' marbhadh caora. Thill e air ais a dh'iarraidh a' bharraill.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good