Search

Fiosrachadh mu sheann eaglais ann an Cille Mhàrtainn.

Date 1972
Track ID 72214
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.244.B3

Original Tape ID

SA1972.244

Summary

Information about an old church in Kilmartin.

There was an old church in Kilmartin cemetery in Stenschol which was built before the Reformaton. The last of its rafters was used in a fight after a funeral.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Village/Place - Stenschol

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Nise, a' chiad eaglais a bh' ann an Steinnseal, 's e eaglais shean a bh' ann, eaglais a bh' air a bhith a' dèanamh ron an Àth-leasachadh. Agus mar a thachair dhan a h-uile h-eaglais eile anns a' Ghàidhealtachd, 's e tughadh a bh' oirre - bothan tughaidh - 's bha i am meadhan a' chlaidh, agus 's e sin Cladh Chille Mhàrtainn. 'S tha an cladh air ainmeachadh air an Naomh Màrtainn, an duine ainmeil a bhuineadh do Tours, Martin of Tours, Màrtainneach Tours. Agus bha an eaglais a bha ann an sin ann fada iomadh linn 's ceudan bliadhna, agus adhradh ga chumail air adhart innte gus an tàinig àm an Àth-leasachaidh, nuair a thog iad eaglaisean eile an àiteachan eile.

Ach co-dhiù, airson seann sgeul a dhèanamh goirid, dh'fhuirich am mullach oirre iomadach linn 's iomadach bliadhna. Agus an cabar mu dheireadh a bh' air Eaglais Chille Mhàrtainn, a bheil fhios agaibh dè thachair dha? Anns na làithean a bha ann an siud, bhiodh tiodhlacaidhean, a bheil fhios agaibh, glè bhitheanta ann, agus bhiodh mòran de dheoch-làidir aig na tiodhlacaidhean. 'S dh'fheumadh daoine sin, thoradh bha iad a' fàgail an àite tràth sa mhadainn agus 's ann a' coiseachd a bha iad 's a' ghiùlan aca, agus e glè dhoirbh dhaibh aig amannan tron a h-uile seòrsa sìde.

Ach bha na h-uiread de dheoch-làidir aig a h-uile tiodhlacadh. Agus nuair a fhuair iad an uaigh a dhùnadh agus an tiodhlacadh a dhèanamh, nach ann a ghabh iad a leithid de smùid agus gun deach na bodaich far a chèile. 'S far a chèile gu dubh, 's thàinig e a dh'ionnsaigh na straighlich. 'S mu dheireadh thall, nuair a dh'fhaillich clachan 's plocan orra, nach ann a thug iad a-nuas an cabar mu dheireadh a bh' air mullach seann Eaglais Chille Mhàrtainn agus thòisich iad air a chèile leis a' chabar.

Agus 's e seo gu dè a dh'èirich dhan chabar mu dheireadh a bha air Eaglais Chille Mhàrtainn, 's tha mi a' creidsinn nach eil duine an làthair an-diugh aig a bheil fios air a sin ach mi fhèin.

Iain Peatarsan (IP): Agus cà 'n d' fhuair sibhse am fiosrachadh a bha sin?

TD: Ò fhuair aig na seann daoine.

IP: Ò dìreach.

TD: Aig na seann daoine nuair a bha mi beag ann am Bhaltos. Aig na seann daoine aig a' chèilidh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good