Search

A' bleith eòrna.

Track Information

Original Track ID

SA1972.176.B6

Original Tape ID

SA1972.176

Summary

Grinding barley.

The contributor explains how barley was ground when she was young. The barley was dried before it was ground using a quern. It was then used for making porridge.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP:): Nis a Mhòrag, tha sibh a' dol a dh'innse mun an turas a chaidh sibh a thaigh Uilleim 'ic Alasdair a bhleith an eòrna. Siuthad.

Mòrag NicIllEathain (MN): Uill, bha mi a' dol a dhèanamh min-eòrna, 's chuir mi an gràn dhan an àmhainn 's chruadhaich mi ann a shin e, a-staigh anns an àmhainn.

IP: Agus an gràn a bha seo, an ann agaibh fhèin a bha e?

MN: 'S ann. M' athair a... ga spioladh 's ga...

IP: Seadh. 'S e eòrna a dh'fhàs dha ur n-athair am Borgh a bh' ann?

MN: Seadh anns an [???].

IP: Seadh. Seadh dìreach. Seadh. Chuir sibh a-nise dhan an àmhainn e. Bha sibh... spioladh sibh an toiseach e, agus an uair sin an dèidh a spioladh, chuir sibh dhan àmhainn e, an e a bha sibh a' ràdh?

MN: Uill, bha... dh'fheuchadh tu ri... ri... fhios agad, bha thu ga spioladh far an sguaib 's...

IP: Seadh. Far nan dias.

MN: Sheadh. Far nan dias, ma-thà agus... Bha, fhios agad, bha leithid a rud air, agus... dh'fheumadh tu a chur air mar sin. Ach rinn mi co-dhiù cho math e 's a b' urrainn mi, 's dh'fhalbh mi leis a thaigh Uilleim mhic Alasdair ann am peile, agus bha a' bhrà deiseil air mo choinneimh. 'S cha robh ach mi an uair sin a' cur grùgan sìos ann a shin 's ga... 's abair thusa gun robh e sgìth. Thàinig mise dhachaigh le làn - uill cha robh e làn, am peile - leis a' mhin.

IP: Seadh.

MN: Agus sin agad a' chuid...

Catrìona Pheatarsan (CP): 'S dè rinn thu ris a' mhin an uair sin?

IP: An do rinn sibh lite-eòrna no...?

MN: Sheadh. Lite-eòrna 's aran.

IP: Seadh dìreach.

MN: Ach 's e lite a b' fheàrr le m' athair. 'S e lite a b' fheàrr le mo mhàthair.

CP: 'S am biodh sibh a' dèanamh na lite-eòrna mar gum biodh sibh a' dèanamh lite-chorca?

MN: Sheadh. Rud beag salainn innte 's... Ò, truinnsear lite-eòrna 's bainne, 's tha mise a' ràdh riut...

IP: Bha e math.

MN: Ò dha-rìribh.

[Stad sa chlàradh an seo.]

IP: Thèid sinn air ais fhathast chun a seo. Bha an t-eòrna a' fàs dha ur n-athair am Borgh. Bhathar a-nise a' buain an eòrna 's ga... a h-uile sìon mar a bhithear a' dèanamh ri arbhar co-dhiù. Agus a-nise, nuair a bha an t-eòrna sin a' tighinn dhachaigh, ciamar a bhathar ga obrachadh an toiseach?

MN: Bha uaireannan m' athair a' dol dhan a' bhàthaich 's a' faighinn nan sguaban. Saoilidh mi fhathast gu bheil mi ga fhaicinn a' toir a h-uile dias dheth. Nuair a-nis a dh'iarradh e cuid mhath ann an tubaidh, bha e an uair sin a' [?faighinn] na spaid, 's bhiodh e [???] 's bha sin a' toir a' chalg dheth. Agus cha robh agad an uair sin ach tòiseachadh air a chur ann an criathar 's a rudanachadh.

IP: A chriathradh.

MN: A chriathradh.

CP: Dh'fhalbhadh a' chalg...

MN: Sheadh. Dh'fhalbhadh a' chalg.

IP: Bha an uair sin, bha an gràn ceart agaibh. Bha sibh an uair sin ga chruadhachadh, an robh?

MN: Bha.

IP: Agus tha... nise... bha àmhainn agaibhse, bha sibh a ràdh, ach ciamar a-nis a bhiodh iad anns a' chumantas a' cruadhachadh a' ghràin a bha sin? An e sgiathag a chanadh iad?

MN: 'S e. Chunnaic... tha cuimhn' agam air sgiathag a bhith an taigh Uilleim 'ic Alasdair.

IP: Seadh.

MN: Mar sin 's...

CP: 'S dè ris an robh an sgiathag coltach?

MN: Tha, rud cruinn ma-thà. Maide cruinn 's tha... what do you call it... [?càth] eòrna mar sin ga chrochadh.

CP: An ann os cinn an teine?

MN: Sheadh. Os cinn an teine.

CP: Os cinn an teine. Air an t-slabhraidh?

MN: Sheadh.

IP: Seadh. Agus a-nis, an e cracann a bh' anns an sgiathaig a bha seo?

CP: Frèam fiodha, an e?

MN: Frèam fiodha.

IP: Frèam fiodha. Ach dè...?

MN: Cha chreid mi nach biodh... Cha chreid mi nach biodh iad a' cur... what do you call it? Ga... Cur an rud gu h-ìseal ann a shin airson nach deigheadh an gràn roimhe.

IP: Seadh.

MN: 'S nuair a gheibheadh tu sin ceart, bha thu an uair sin... bha thu a' falbh dhachaigh leis.

CP: 'S dè cho fad 's a dh'fheumadh an gràn a-nist a bhith anns an àmhainn agaibh?

MN: Och dh'fheumadh e [?dìreach na] thogradh tu.

CP: Gu 'm biodh e cho tioram...

MN: Sheadh.

CP: Ò bha a' chalg a-nis... Dh'fheumadh a' chalg tighinn dheth an uair sin, an fheumadh?

IP: Ò bha a' chalg air... Ach an rud a bha a-muigh, an t-slige chruaidh a bha timcheall air.

CP: Càth. Dè th' anns a' chàth?

MN: Sin agad e, càth. Ò Thighearna coimhead an uair a tha e. Cha leig an t-eagal dhòmhsa dhol a-staigh a-nochd.

CP: Èist!

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good