An feadhainn a fhuair an t-uisge-beatha air ais bho na gàids...
Date 12 March 1953
Track ID 74693
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1953.22.A1

Original Tape ID

SA1953.022

Summary

The men who reclaimed their whisky from the gaugers.

Some men were caught with whisky by the gaugers. The gaugers confiscated the casks and went to house where they were to spend the night. The men discovered the exact positions of the casks and bored a hole through from the floor below. They caught all the whisky in pails.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Thàinig na gàidsearan latha gu taigh eile air an robh amharas aca, agus mun d' fhuair na bodaich às leis an deoch, ghlacadh iad. Thug na gàidsearan co-dhiù leotha na buideil uisge-bheatha, agus rinn iad air taigh ann an sin far an robh iad a' dol a dh'fhuireach airson na h-oidhche. 'S e a bh' ann ach gun d' fhuaradh a-mach gu dè an dearbh rùm-cadail air an lobhtaidh gu h-àrd anns an robh an dithis ghàidsearan air an oidhche. Agus smaoinich iad air dòigh, air innleachd, anns an toireadh iad an car asta agus anns am faigheadh iad an cuid fhèin air ais.

Fhuair am fear leis am bu leis na buideil co-dhiù, fhuair e bora agus rinn e toll tron an lobhtaidh, agus tro mhàs a' bhuideil, 's chuireadh cuinneagan fon an t-sruth agus ghlacadh mar sin a h-uile deur dhen an deoch. Agus nuair a dh'èirich na gàidsearan anns a' mhadainn 's a chaidh iad air adhart leis na buideil, tha mi cinnteach gun robh iad gu math searbh nuair a ràinig iad an ceann-uidhe agus a chunnaic iad nach robh deur fhèin aca agus toll tro mhàs gach aon diubh. Fhuair na bodaich an cuid fhèin.