Search

An sagart a thàinig air ais bho na mairbh.

Date 12 March 1953
Track ID 74710
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.22.A10

Original Tape ID

SA1953.022

Summary

The priest who came back from the dead.

Two priests in Trotternish made a pact that whoever died first would come back and tell the other what the next world was like. Eventually one died and, when he appeared, his friend regretted having made the pact and gave his spooky friend an iron plough-sock to force his spirit back to the other world.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT810

Transcription

Calum MacIllEathain: Seadh ma-thà, bha sibh ag ràdh gun robh dithis shagart...

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Fada ro àm an Ath-leasachaidh, bha dithis shagart ann an Tròndairnis; fear dhiubh ann an Cille Mhoire agus fear eile ann an Steinnseal. Bha iad nan daoine còire, gasta le chèile, agus nan daoine càirdeil, 's mar bu chòir dhaibh a bhith, glè mheasail air a chèile. Co-dhiù no co-dheth, bhiodh iad gu minig a' bruidhinn mu dheidhinn dìomhaireachdan na beatha a ta làthair agus dìomhaireachdan na beatha a ta ri teachd. Agus 's ann a rinn iad... 's ann a chuir iad romhpa co-dhiù ge b' e air bith cò fear dhiubh a chaochaileadh an toiseach, gun tigeadh e air ais a choinneachadh a charaide a dh'innse dha ciamar a tha cùisean an taobh eile dhen a' bhàs.

Agus seo mar a bha. Chuir iad sin romhpa. Agus mu dheireadh thall, fhuair sagart Chille Mhoire bàs. Agus bha fear Steinnseil luath, làidir, tapaidh, air fhàgail às a dhèidh. Ach tapaidh agus mar a bha an dithis aca gam faireachadh fhèin fhad 's a bha iad beò, tha am bàs a' dèanamh atharrachadh mòr nuair a thig e. Mar a tha an seanfhacal fhèin ag ràitinn, tha eagal aig a' mharbh[sic] ron a' bheò... tha eagal aig a' bheò ron a' mharbh.

'S e a bh' ann co-dhiù ach cha robh sagart Steinnseil a' faireachadh ro chofhurtail na inntinn nuair a bha e a' cuimhneachadh an guim a chaidh a dhèanamh, agus an cùmhnant a bha eatorra. Ach feasgar sònraichte, thachair dha a dhol a-mach agus bha e dìreach faisg air a thaigh fhèin, air a taigh-còmhnaidh, 's cò chunnaic e a' tighinn bho thuath ach gum b' e coltas an fhir a dh'fhalbh, 's ghabh e an t-eagal. Ach bha fios aige glè mhath dè bu chòir dha a dhèanamh. Chaidh e a-null agus fhuair e seann soc croinn, seann chrann a bha gun fheum agus an soc air a meirgeadh agus air bristeadh dheth. Agus chaidh e ann an coinneamh sagart Chille Mhoire.

Bha sagart Chille Mhoire mar a chleachd e a bhith, a' tighinn an coinneamh a charaide cho aoibheil agus a b' àbhaist da a bhith anns an fheòil, agus nuair a thàinig e dlùth dha shìn e a-mach a làmh, a' dol a chur fàilte air. Ach an àite a làmh a thoirt dha, shìn sagart Steinnseil dha soc a' chruinn, agus ma shìn, cha robh e sìon ach air fhaotainn nuair a bha an soc a bha ann an sin air a shuaineadh às a chèile 's air a thoinneamh mar nach biodh ann ach crioman de phàipear. 'S chaidh e às an t-sealladh, 's cha d' fhuaras guth bhuaithe.

Siud an dòigh a bh' aca airson a bhith a' toirt air spioradan a thigeadh bhon an t-saoghal eile tilleadh. Cha robh cumhachd sam bith aca an aghaidh an iarainn. Bha rudeigineach seunta co-cheangailte ri iarann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good