Search

Cluich cloinne: drùilleanan.

Date 1960
Track ID 75586
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.225.B2

Original Tape ID

SA1960.225

Summary

A description of drùilleanan: a game similar to marbles.

A description of a children's game, similar to marbles, which was played with small round stones found on the shore. The contributor played it often as a child.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Sin sibh ma-thà.

Tormod Dòmhnallach (TD): Cinnteach gun cuala sibh mu dheidhinn an fhacail drùilleanan, no mu dheidhinn na cluich?

IM: Cha chuala, ma-thà. Cha chuala riamh.

TD: Sin agaibh ma-thà, a' chluich, cluich chloinne, ris an can iad anns a' Bheurla marbles. Cha robh marbles, mar a their iad, de ghlainne aig clann Ghàidhealach ann, anns na seann làithean. Ach bha rud a cheart cho math aca. Bha clachagan grinn aca, uaireannan a bhiodh iad gam faotainn dòcha anns a' chladach no ann an àiteachan eile. Clachagan cruinn bòidheach lìthmhora, agus bhiodh iad a' dèanamh cluich le sin, agus sin agaibh gu dè is brìgh don an fhacal drùilleanan, agus 's e drùilleanan a b' ainm air a' chluich, cluich leis na clachagan beaga, agus tha... tha e car... tha rud car coltach aca anns a' Ghalltachd, ach 's e marbles a their iad ris.

IM: Seadh, seadh. Agus am faca sibh fhèin iad a bhith gan cluich?

TD: Ò chiall, is ioma h-uair a bha mi fhìn ga chluich.

IM: An robh, gu dearbha?

TD: Ò bha. Uair 's uair. Agus tha dòigh anabarrach, anabarrach math air cuideachd, air a' chluich a th' ann an sin; na drùilleanan. Dìreach a cheart... na ceart riaghailtean timcheall air agus a tha eadar cluichean inbheach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good