Search

Fiosrachadh mu Theampall na Trianaid ann an Uibhist a Tuath....

Date 1972
Track ID 76048
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.163.A1

Original Tape ID

SA1972.163

Summary

Information about Trinity Temple in North Uist.

The contributor had an interest and great knowledge about Trinity Temple in North Uist. He gives some of the history and information about famous scholars, like Duns Scotus and Donald Ruadh MacDonald, who studied there. He recites some verse from a booklet he published about the temple.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Carinish

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): 'S mise Tormod Dòmhnallach, a bha na mo mhinistear ann an sgìreachd Chàirinis an Uibhist a Tuath airson còig bliadhna agus ceithir mìosan. Agus bha e na urram mòr dhòmhsa a bhith a' coiseachd ann an cas cheuman daoine a bh' air am meas mar phrìomh fhoghlamaichean, chan e a-mhàin Bhreatainn ach na h-Eòrpa, ann an làithean [?an-saothrach]. Agus a h-uile h-uair a rachainn a-mach ann an Càirinis, bha mi a' faicinn làraichean briste Teampall na Trianaid. Chan eil iad ro bhriste, thoradh cha chosgadh e mòran mullach a chur fhathast air an teampall, agus a dhèanamh mar cholaiste airson a bhith a' toirt eòlas 's foghlam do dh'oileanaich.

'S e siud aon de phrìomh cholaistean Alba anns an latha a bh' ann. Bha e mar aon de na ceithir a b' fheàrr. Bha Càirinis, 's bha Hogh Mòr, agus bha Mucàrna ann an Earra-Ghàidheal, agus bha a' Mhanchainn, 's bha Ì Chaluim Chille. Ach cha robh aon diubh aig an robh buaidh a lean cho fada ri buaidh Chàirinis. Agus le bhith cho fada anns an àite, agus a bhith a' cluinntinn mòran de bheul-aithris a bha na fhìor eachdraidh fhìrinneach, smaoinich mi gun cuirinn ann an leabhran beag pàirt de dh'eachdraidh Teampall na Trianaid ann an Càirinis. Agus rinn mi sin.

Agus tha mi a' crìochnachadh an leabhrain le dàn anns a bheil còig earrannan mu dheidhinn an teampaill. Agus 's e seo an dàn:

Ò, Theampall na Trianaid, 's tu b' fhiach a bhith a' luaidh ort
Ged tha thu an-diugh falamh, fuar, bha thu uair gu math làn
De òganaich shuairce, chuir d' oilean gu buannachd
Nan latha cha chualas cò fhuair orra bàrr

Duns Scotus bho dheas-chrìoch na h-Alba
Shir bhuatsa an t-eòlas a dh'fhuasgail gach cruaidh-shnaidhm bh' air càch
Ann am feallsanachd eignidh
Reul Oxford gun euradh anns an Eòrpa gu lèir, bha a' chiad cheum aig an t-sàr

Dòmhnall Ruadh MacDhòmhnaill gum b' fhiùghail an t-àrmann
Choisinn oideas do lùchairt, àrd-chliù dha mar bhàrd
Thug luchd-eachdraidh a dhùthcha dha àite gu mùirneach
Ann am measg ar prìomh dhiùlnaich dha gheibh e dhiù bho gach àl

Pearsanaich Dhiùirinis, fiughalaich bhuadhmhor
Cinn-iùil oileanta san chlèir, 's da rèir am measg nan òg
Fhuair iadsan an riarachd den fhoghlam bu chiataich
An Teampall na Trianaid, an toiseach an lò

'S e do buaidh feadh nan linntean dh'fhàg cumadh na h-uaisle
Air an tuath bha mun cuairt dhut
Chuir luach a bha mòr air an dìleab a fhuair iad
a ghlèidh iad gun truailleadh mar shuaicheantas sluaigh dom bu dual a bhith còir

Nise, dòcha gun èirich ceist no dhà ann an inntinn an fhear a bhios ag èisteachd ri seo, agus gum bi e mar cheistear. Cò bh' ann an Duns Scotus? No ciamar a thàinig e gu bhith ann an Càirinis. B' e Duns Scotus aon de na daoine b' fhoghlamaichte a bh' air an t-saoghal na latha, agus b' e aon dhe na prìomh fheallsanaich a bha beò, chan ann a-mhàin na latha fhèin anns an Eòrpa, ach riamh bhon uair sin. Agus tha caraid agamsa, aon de na sgoilearan Gàidhlig, no Ceilteach a bu chòir dhomh a ràitinn, as fheàrr a tha a-mach. Duine a tha na sgoilear chan ann a-mhàin ann an Gàidhlig 's anns na cànanan Ceilteach, ach ann an Eabhra, 's an Greugais, 's an Aramaic, 's an Arabic, 's an Sanskrit 's mar sin air adhart. 'S bha e thall air a làithean-saora air cuairt anns an Eòrpa. Chaidh e a-staigh gu ruige seann eaglais ann am Bavaria. 'S gu dè rud air an tàinig e thairis ann an sin, ach gum b' e clach-uaigh Duns Scotus, agus leugh e anns an Laidinn air a' chlach-uaigh, gum b' e seo uaigh Duns Scotus agus gun d' fhuair e fhoghlam ann an Càirinis ann an Uibhist a Tuath.

Iain Peatarsan (IP): Agus cò an dearbh dhuine a bha seo, a thug dhuibh am fiosrachadh a bha seo? Ò, seadh, dìreach. Chan eil sibh deònach a leigeil am follais. Seadh.

TD: Innsidh mi dhuibh a-rithist.

IP: Seadh. Glè mhath.

TD: Agus tha mi ag ainmeachadh Dòmhnall Ruadh MacDhòmhnaill. B' e seo an sgoilear mu dheireadh a chaidh fhoghlam ann an Teampall na Trianaid. Agus nuair a bha esan na dhuine òg, beagan 's fichead bliadhna, bha e air àireamh na feadhainn a chaidh a chuideachadh Prionnsa Teàrlach nuair a chuala e gun d' fhuair e a' bhuaidh aig Prestonpans, 's chaidh a leòn gu dona ann am Blàr Chùil Lodair, agus gum b' èiginn dha tilleadh air ais gu ruige an t-Eilean Sgitheanach airson gum faigheadh e prìomh lighichean nan eileanan, mar a bha MacIllEathain a bha ann an Siùlasta. 'S bha Clann 'IllEathain a bh' ann an sin nan lighichean aig Clann Dòmhnaill, agus rinn e an leòn a bh' air a' chois a leigheas, ach chùm e e airson beagan sheachdainean mun leigeadh e leis falbh air ais gu ruige Uibhist. 'S nuair a bha Dòmhnall Ruadh MacDhòmhnaill a' fuireach ann an Siùlasta cuide ris an lighiche MacIllEathain, rinn e dàn a tha anabarrach buadhar dhan a' chois leònte, thoradh bha e cho fileanta anns an Laidinn 's anns a' Ghreugais agus a bha e anns a' Ghàidhlig, 's chosg e a' chuid eile dhen an tìde a' leughadh bàrdachd Homair anns a' Ghreugais fhèin. 'S nuair a thill e air ais gu ruige Uibhist, bha e greiseag na mhaighstir-sgoile, ach cha chumadh sin beòshlaint ach beòshlaint mheadhanach ris. 'S fhuair e an uair sin tuathanachas ris an canamaid Caolas Bheàrnaraigh, agus 's ann an sin a bha e a' chuid mu dheireadh dhe bheatha. Ach 's e làn-sgoilear a bh' ann.

Agus Pearsanaich Dhiùirinis, fiughalaich bhuadhmhor, b' e seo ministearan a bh' anns an Eilean Sgitheanach airson ùineachan 's linntean, agus 's e fear dhiubh an t-Ollamh Mac a' Phearsain a thachair ris an Ollamh MacIain agus ri Boswell nuair a bha iad air an turas iomraiteach tro na h-Eileanan an Iar. Agus 's e fìor sgoilear Laidinn a bha anns an Ollamh Mac a' Phearsain, 's rinn e dàn, a leugh e dhan an Ollamh MacIain, 's nuair a chuala an t-ollamh MacIain an dàn, thionndaidh e ri Boswell agus thuirt e: "Tha seo a' cur urram air."

Agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a dh'fheumas mi a thoirt seachad mar mhìneachadh air cuid dhe na faclan a dh'fhaodas ceist a thogail anns an dàn ann an inntinn an fhear a bhios, no an tè, a bhios ga èisteachd.

IP: Glè mhath. Agus cò a-nise an dearbh bhliadhna a chuir sibh seo ri chèile?

TD: Ò, chuir mi seo ri chèile an-uiridh, air an dàrna latha den a' Ghearran. Air an dàrna latha den a' Ghearran, no mar a their iad, February '72.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good