Search

Mo Nighean Chruinn Donn air Bharraibh nan Tonn

Date 1963
Track ID 78837
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.57.B9

Original Tape ID

SA1963.057

Summary

In this waulking-song, a man tells of going night-visiting, and the many obstacles he faced. He had to escape in a hurry and left his trousers behind. He advises other young men to wear the kilt when going courting.

Item Notes

See:
Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair (K. C. Craig ed., 1949) p. 33

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Chunna mi seachad mun t-seachdain sa 'n-dè,
Mo ghruagach eutrom mhìog-shùileach.

Mo nighean chruinn donn air bharraibh nan tonn,
A thogadh am fonn le inntinn orm,
Mo nighean chruinn donn air bharraibh nan tonn.

'S gun d' smaointich mise gun rachainn cho dàn,
'S gum faighinn a dh'àite suirghe i.

Nuair ràna mi 'n doras bha 'n glas air mo shròin,
Bha tuilleadh 's a' chòir a dhlùithean air.

Bha triùir san rathad an clobha 's a' bhrà,
'S am bùileasg gu h-àrd 's e gliongadaich.

'S an cuilean beag giobach bha 'n iomall na luatha,
Thug e trì uairean ionnsaigh orm.

'S nuair ràna mi leaba 's ann fhuair mi i làn,
Bha tuilleadh 's mo ghràdh nan sìneadh innt'.

Bha tè dhiubh ruadh 's cho dubh ris a' ghual,
Tè eil' agus cuailean grìs-fhionn oirr'.

Thuirt Bean an t-Saoir Bhàin 's i labhairt gu h-àrd,
"Tha mèirleach an àite dìomhaire."

'S gun d' dh'èirich am bodach 's am bata na làimh,
"Nach glac sinn an gàrlach mì-mhodhail."

'S a-mach air an uinneig a ghabh mi gu h-àrd,
'S mo bhriogais gun d' dh'fhàg mi 'n dìochuimhn' i.

Bu chruaidhe mo thurtar a' tuiteam air làr,
Na each air an t-sràid is cruidhean air.

Mo mhallachd aig gill' thig nam dheaghaidh gu bràth,
A bheireadh a' bhriogais a shuirghe leis.

'S e 'n t-èileadh beag preusant a b' fhasanta leam,
Gus suidh' ann an cùrs nan nìghneagan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good