Search

Chaidh Mi 'n Tràigh a Dhèanamh Maoraich

Date 1963
Track ID 78871
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.57.B10

Original Tape ID

SA1963.057

Summary

In the earlier section of this waulking-song, the composer describes a boat. Four men are pulling on the oars, and one is baling, and at the stern there is a woman in great distress.

The song goes on to describe how the brothers of the woman who composed the lines were put to the sword in a cave. The woman tried to tend to them, carrying water from puddles and using her plaid as a pillow.

Item Notes

See:
'Hebridean Folksongs' vol. 1 (John L. Campbell & F. Collinson eds., 1969) p. 156
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 96
'Tocher' 27 (The School of Scottish Studies) p. 156

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Hóro hio hiri rio
Hóro hio hao ri iù

'S chaidh mi 'n tràigh a dhèanamh maoraich
Mar do rinn gun d' rinn mi caoineadh

Hóro hio hiri rio
Hóro hio hao ri iù
Hóro hio hiri rio

Mar do rinn gun d' rinn mi caoineadh
Chunnaic mi do long sa chaolas

Chunnaic mi do long sa chaolas
Ceathrar air ràimh, 's fear ga taomadh

Ceathrar air ràimh, 's fear ga taomadh
Bean san toiseach 's i sìor ghlaodhaich

Bean san toiseach a' sìor ghlaodhaich
Bean san deireadh a' sìor chaoineadh

Bean san deireadh a' sìor chaoineadh
'S theann mi null an còmhradh caoin rith'

'S theann mi null an còmhradh caoin rith'
'S dh'fharraid mi dhi gu dè h-adhbhar

'S dh'fharraid mi dhi gu dè h-adhbhar
Cha b' e deoghal a' chrodh-laoigh e

Cha b' e deoghal a' chrodh-laoigh e
Cha b' e bàs a' ghamhna chaoil e

Cha b' e bàs a' ghamhna chaoil e
Ach am fear dhan tug mi naoinear

Ach am fear dhan tug mi naoinear
Bhith sa ghrunnd gun dùil ri fhaotainn

Chunna mi còmhlan seach a' bhuaile
'S shaoil mi fhìn gum b' e daoin' uaisl' iad

Shaoil mi fhìn gum b' e daoin' uaisl' iad
'S ann a bh' annta balaich shuarach

'S ann a bh' annta balaich shuarach
Chaidh iad gu doras na h-uamha

Chaidh iad gu doras na h-uamha
'S bha mo bhràithrean fhìn nan suain ann

Bha mo bhràithrean fhìn nan suain ann
'S ghabh iad dhaibh le sgeinean fuara

Ghabh iad dhaibh le sgeinean fuara
'S bha mi nam ruith thuc' is bhuatha

Bha mi nam ruith thuc' is bhuatha
Tarraing uisg' à lodain fhuara

Tarraing uisg' à lodain fhuara
'S e mo bhasan dhaibh bu chuachan

'S e mo bhasan dhaibh bu chuachan
'S e mo bhreacan dhaibh bu chluasag

Chunna mi còmhlan seach an leacach
Fois orra cheum chaochail m' astar

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good