Search

Chaidh nighean gu bana-bhuidseach feuch an cuireadh i stad a...

Date 17 October 1957
Track ID 79572
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1957.097.A3

Original Tape ID

SA1957.097

Summary

A girl went to a witch to try and stop a wedding.

A girl who was in love with a man who was about to be married went to a witch for a spell to put a stop to the wedding. On the day of the wedding, there were many strange occurrences and the bridegroom died.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Snizort

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Còmhlan pòsaidh mì-rathail. Dh'fhalbh còmhlan pòsaidh on Taobh Sear san Eilean Sgitheanach air latha brèagha geamhraidh a-null gu sgìre Shniothasort, a ta mu chòig no sia de mhìltean air taobh an iar a' mhonaidh. Is ann a' coiseachd a bha iad, a chionn cha robh slighean no uidheaman giùlain mu chòrr 's ceud bliadhna air ais cho pailt 's a ta iad anns an àm seo. B' e ministear Shniothasort a bha a' dol gam pòsadh.

Thachair gun robh caileag eile anns an tìr aig an robh gaol a cridhe air fear na bainnse. Agus nuair a chunnaic i gun robh e a' dol a phòsadh, rinn i laoim ri bana-bhuidseach airson gach bacadh a chur air a' chùis. Mun do dh'fhàg iad an dachaigh, shuidh an còmhlan sìos aig biadh. Bha anns a' chuideachd fear na bainnse, am fear-comhailteachd, caraide dom b' ainm Lachlann Mhàrtainn, bean na bainnse, agus a' bhean-chomhailteachd. Nuair a chruinnich iad mun a' bhòrd, thachair nì a chuir gnè de annas 's de eagal orra. Bhrist na sgeinean a bha air na truinnsearan nam pìosan, ged nach robh làmh duine nan rathad. Cho luath 's a chrìochnaich iad am biadh, rinn iad air Sniothasort. A' dìreadh an-àirde ri gualann na beinne, thòisich seòrsa de chreutairean coltach ri abhagan a' ruith mun casan 's a' cur maille orra.

Ràinig iad Sniothasort ceart gu leòr, ach a' tilleadh dhachaigh bhon a' phòsadh, thuit ceò dùmhail le cur sneachda. Anns a' bhad, dh'fhàs fear na bainnse gu tinn mar gum buaileadh grèim e, agus an taobh a-staigh de leth-uair, chaochail e. Cha robh ann ach gum b' èiginn don an fhear-comhailteachd falbh chun a' bhaile a b' fhaisge orra airson dhaoine. Dh'fhàg e a charaid, Lachlann Mhàrtainn, Gàidheal cho deas agus cho sgoinneil 's a bha anns an eilean, a' faire a' chuirp.

Leis cho fiadhaich 's a dh'fhàs am feasgar, chaill e an t-slighe ann an dubharachd a' chathaidh. Mu dheireadh thall, ràinig e Màileagar. Chruinnich fir a' bhaile maille ris a shealltainn airson a' chuirp. Mun do ràinig iad an t-àite, fhuair iad tàir eagallach a' dol tro lòin 's aibhnichean a bha ga chuartachadh, 's gach aon diubh air at an-àirde le tuil. Cha robh sealladh ri fhaicinn de Lachlann Mhàrtainn.

Cho luath 's a shoilleirich a' mhadainn, lean iad na lorgan aige. Bha coltas air an talamh mun cuairt gun robh cuideigin ri garbh... gun robh cuideigin ri strì 's ri gleachd gharbh ann. Fhuair iad corp Lachlainn Mhàrtainn air bruaich an loch, deagh chuairt bhon an aon a bha e a' faire. Thugadh fa-near, bhon an t-suidheachadh anns an robh an corp, gun d' fhuair e ana-cothrom 's gun deach e tro thàire mhòir mun tug e suas an deò. Thuirt fear na comhailteachd nach innseadh e gu latha a' bhàis na nithean a chunnaic e.

Chaidh aig an dithis mhnathan, a' bhanntrach, agus a' bhean-chomhailteachd air an dachaigh a ruigheachd gu tèarainte. Cho do dhìochuimhnich iad riamh am bàs duilich seo air Taobh Sear Eilean a' Cheò. Bu tric a chuala mi na seann daoine ag innse na sgeul anns na taighean-cèilidh. Ta cuimhn' a'm mar an ceudna air, ann an Eilean a' Phrionnsa, far an deachaidh feadhainn de na fir a chaidh maille ris an fhear-comhailteachd a shireadh Lachlainn Mhàrtainn agus fear na bainnse. Chithear dà chàrn chloiche gu ruige an latha an-diugh a-muigh anns a' mhonadh, a' comharrachadh an dà àite anns an d' fhuaradh na cuirp. Cha deachaidh mòran riamh seachad orra gun chlach a chur ann an urram air na cùirn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good