Am Bruadar a Chunnaic Anna
Fieldworkers
Date 07 June 1958
Track ID 80416
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1958.40.B8

Original Tape ID

SA1958.040

Summary

This song tells in graphic and amusing detail of the nightmare experienced by a certain Anna.

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

E horó an cuala sibh am bruadar a chunnaic Anna?
'S e chuir oirr' an t-uabhas an truaghan is i na cadal.
Leig an doras fuaim às, is dh'fhuasgail e far nam bannan.
Dhùisg i 's i ag ùrnaigh, "Mo chrùisgein 's mo mhaide-daraich."

Chunnaic i na mìltean de mhìorbhailean anns an doras,
Currac dubh Catrìona 's e fìdhlearachd ann an cathair,
Còta bhioran Sìne na stìoball air muin an taighe,
'S dh'fhalbh na gùintean sìoda nam pìobairean feadh a' bhaile.

E horó an cuala sibh am bruadar a chunnaic Anna?

Bha mulain anns a' ghàradh gun d' dh'fhàs iad nan creagan salainn,
Beinn Nibheis is Beinn Bhàirneach nam bàtaichean air an abhainn.
Roithean air an cliathaich de dh'iarann gan cur a dh'aindeoin,
'S ann an taigh nan innleachd na sìthichean a' dol am falach.

E horó an cuala sibh am bruadar a chunnaic Anna?

'S nuair thàinig beagan tùr dhi 's i 'g ùrnaigh gun tigeadh Calum,
Bha i air a glùinean 's na srùlaichean dhith de fhallas.
'M bàta 's e a' lùbadh bho cùlaibh is i ga tharraing,
'S nuair a rinn i dùsgadh bha smùid aice ris a' bhalla.