Search

Na sìthichean a' leigheas gille le cnap air a cheann.

Date June 1974
Track ID 81975
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1974.112.A10

Original Tape ID

SA1974.112

Summary

The fairies healing a boy with a lump on his head.

Two boys were working for a farmer. One had a bump on his head. As he watched the cows one day, he heard music. On investigation, he found a fairy piper playing the tune 'Diluain, Dimàirt, Diciadain'. The boy added 'Diardaoin, Dihaoine, Disathairne'. The fairy man was so pleased to have more added to the song that he granted him a wish. The boy wished for the bump to be taken from his head. He went home and told everyone. The next day, the other boy went and the same happened, so he added 'Didòmhnaich' to the song. The fairy man was annoyed because he had ruined the song, and so gave him the bump he had taken from the other boy.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT503

Transcription

Flòraidh Boyd: Uill, bha siud ann reimhid, ma-tà, balaich agus bha iad ag obair aig tuathanach. Agus bhiodh iad a h-uile latha a' falbh pìos mòr on taigh leis a' chrodh. Agus dh'fheumadh iad suidhe ann am bun a' chruidh gus an toireadh iad dhachaigh iad am beul na h-oidhche.

Agus an latha sa dh'fhalbh am balach a bha seo leis a' chrodh. Agus gu dè rud a bh' air ach bha cnap mòr air... air a' bhus aige, an creutair. Agus dh'fhalbh e leis a' chrodh an latha sa agus shuidh e an tacsa a' chnuic ann a shin, latha brèagha agus e a' watch-adh a' chruidh gu 'n toireadh e dhachaigh iad. Agus chuala e an ceòl a b' àille an taobh thall dheth às a' chnoc, 's dh'fhalbh e agus ghabh e a-null, agus bha am pìobaire a bha sin ag obair, agus gu dè am port a bh' aige air a' phìob ach 'Diluain, Dimàirt, Diciadain'. 'S cha robh port aige ach siud - 'Diluain, Dimàirt, Diciadain'. Agus dh'fhalbh esan agus dh'èigh e on taobh a-muigh:

"Diardaoin 's Dihaoine 's Disathairne," ars esan. "Diardaoin 's Dihaoine 's Disathairne."

Agus dh'fhosgladh an sìthean, agus thàinig am bodach-sìth a-mach, agus thuirt e:

"Nach mi tha toilichte asad," ars esan, "gu bheil pìos eile agad dhen phort. Chan eil agam fhìn ach siud."

"Ò," ars esan, "cha robh e agad air fad idir. Cha robh agad ach 'Diluain 's Dimàirt 's Diciadain'. Carson," ars esan, "nach tuirt thu 'Diardaoin 's Dihaoine 's Disathairne'?"

"Uill, canaidh mise sin," ars am bodach-sìth, "às a dhèidh seo. Dè a-nist," ars esan, "an t-iarrtas a tha thu ag iarraidh?"

Gheibheadh tu iarrtas sam bith o na sìtheanaich a bha thu ag iarraidh.

"Uill, an aon rud a tha mise ag iarraidh," ars esan, "nan toireadh sibh dhìom an cnap a tha seo air mo bhus."

"Nì sinne sin."

Ann an ceann mionaid cha robh sgeul air a' chnap a bh' air bus a' ghille. Agus nuair a dh'fhalbh e dhachaigh leis a' chrodh cha do dh'aithnich an tuathanach e. Agus dh'innis e dhan tuathanach dè thachair, agus dha na balaich eile.

"Ò, m' eudail," arsa fear dhiubh, "'s ann a leigeas tu mi fhìn air falbh a-màireach," ars esan, "agus," ars e fhèin, "gun fhios nach dèanadh e rudeigin rium fhìn. Tha mi a' dol a dh'iarraidh iarrtas air choreigin."

"Nì mise sin," ars esan. "Thalla thusa a-màireach."

Làrna-mhàireach dh'fhalbh am fear eile - am balach eile - leis a' chrodh agus bha e an tacsa a' chnuic agus cha robh pìob am brath a' tighinn no ceòl, agus bha esan a' gabhail fadachd. Ach cha b' fhada gus an cuala e an ceòl an uair sin. Agus chaidh e a-null agus bha an sìtheanach ag obair air 'Diluain 's Dimàirt 's Diciadain, Diardaoin, Dihaoine, Disathairne'. Agus thòisich am fear a bha a-muigh air èigheach, cho àrd 's a b' urrainn dha:

"Didòmhnaich, Didòmhnaich," aige fhèin a-muigh.

Agus dh'fhosgladh an sìthean agus thàinig an sìtheanach a-mach, agus an cnap a thug e far an fhir eile dh'fhalbh e agus dh'amais e air an fhear sin e. Agus fhuair an creutair sin anns a' bhathais an cnap, agus thàinig e dhachaigh agus an cnap air.

"Nach ann agamsa," ars esan, "tha beag an-asgaidh," ars esan, "a' falbh leis a' chrodh nad àite-sa," ars esan. "Seall thusa an rud a dh'èirich dhòmhsa," ars esan. "An rud a thug e dhìotsa," ars esan, "dh'fhalbh e agus tharraing e ormsa e," ars esan, "agus tha mise a-nist, dè a-nist a bheir dhìomsa e?"

"Ò," ars an duine, "chan eil àrach agamsa ort."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good