Search

Dà naidheachd mu Bharrach a bhiodh gu tric ag obair air falb...

Date June 1974
Track ID 81977
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1974.112.A14; SA1974.112.A15

Original Tape ID

SA1974.112

Summary

Two anecdotes about a Barra man who often worked away from home.

Two anecdotes about a Barra man who often worked away from home. He usually slept anywhere. One night he came to a hut. He was later disturbed by robbers, who fled when they saw him, leaving behind all their food. Another time, he came to a house with only a mother and daughter living in it. They didn't trust him, and so asked him if he could make a heather rope. He went out to make it and they locked him out.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Flora Boyd: Bha seo fear a mhuinntir Bharraigh, bhiodh e air falbh a dh'obair gu Tìr-mòr, agus nuair a thigeadh an oidhche cha robh àite aige anns am fuiricheadh e ann. Cha bhiodh e ach a' dol a-staigh a dh'àite sam bith. Co-dhiù, an oidhche a bha seo, chaidh e a-staigh do mhuileann, agus chaidh e suas dhan drabhailte agus bha e na chadal ann an sin. Chuala e an seo fuaim feadh na h-oidhche agus thuirt e ris fhèin gun fheumadh e fhaighinn a-mach cò bh' ann. Agus bha e uabhasach... nuair a thàinig e gu iomall an rud, leis cho fìor chinnteach 's a bha e gum faiceadh e cò a bh' ann, chuir an rud car dheth 's dè a bh' ann ach robairean. Sgaoil iad a-mach an tubhailt a bha seo 's bha iad a' dèanamh biadh. Dà choinneal aca. Chaidh esan an comhair a chinn sìos dhan bhiadh a bha seo. Theich na robairean 's dh'fhàg iad aigesan am biadh, agus bha e alright airson na h-oidhche.

Agus uair eile bha e... thàinig e air an taigh a bha seo 's cha robh ann ach boireannach agus a nighean. Ach co-dhiù, cha robh fhios acasan cò am fear a bh' ann. Bha an duine math gu leòr ach cha robh fhios acasan cò am fear a bh' ann. Agus bha iad a' faicinn gun robh e airson fuireach airson na h-oidhche, agus dh'fhaighneachd iad dha an dèanadh e sìoman-fraoich, 's thuirt e gun dèanadh. Thuirt a' chailleach ris:

"Thèid thusa a-nist... cuiridh tusa... cuiridh tu mun cuairt e 's thèid thu a-mach air an doras agus cumaidh sinne riut e."

Nuair a fhuair iad a-mach air an doras e cha do rinn iad ach an sìoman a ghearradh, agus bha esan a-muigh air a' chnoc, air feadh na h-oidhche.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good