Search

A' Bhirlinn Bharrach

Date 28 May 1965
Track ID 85716
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.46.1

Original Tape ID

SA1965.046

Summary

This is a song in praise of MacNeil's boat which was called 'An Cuiltheann'.




Item Notes

See:
'Deoch-slàinte nan Gillean' (Colm O' Lochlainn ed., 1948) p. 68

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Hùg ari hùg hùg a rì riu
Air a' bhàta làidir dhìonach
Thèid i cuairt do na h-Innsean
'S às a sin gu tìr a h-eòlais.

Gaoth an iar-dheas far na linne
Muir ag èirigh 's sruth na mire.
'S ise nach iarradh gun tilleadh
Ach na gillean a bhith deònach.

Nuair a chuairteadh i ri riof'nan
Pàirt dhe canabhas ri dhìobradh.
B' aotrom a ghearradh i sìnteag
Dol gu tìr MhicNìll air bhòidse.

Nuair a ghluaiseadh i on chala
Chluinneadh gach cluas fuaim an daraich.
Muir fo gualainn 's ise gearradh
'S tonnan geala cluichd ri bòrdaibh.

Thug iad an Cuiltheann mar ainm ort
Beanntanan cho mòr 's tha 'n Albainn.
Chuireadh canabhas air falbh thu
Ged tha siud na sheanchas neònach.

Gaoth an iar-dheas far an fhearainn
'S ise 'g iarraidh tighinn a Bharraigh.
Chuir i air a sliasaid Canaigh
'S bheat i 'n cala gu Maol Dòmhnaich.

Hùg ari hùg hùg a rì riu
Air a' bhàta làidir dhìonach
Thèid i cuairte do na h-Ìnnsean
'S às a sin gu tìr a h-eòlais.

Source Type

Reel to reel