Seann chleachdadh mu leanabh air ùr-bhreith.
Date 12 March 1953
Track ID 8573
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.B2

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

An old birth custom.

Women carried a newborn baby round the fire [in the middle of the floor] clockwise. They then passed it over the fire from one to another. Fire was considered blessed and brought good luck. Passing babies over and around the fire was a protection charm. Mention of Beltane.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Is lìonmhor na cleachdaidhean annasach a bh' aig na seann daoine aig àm breith agus bàis. Chuala mi aon naidheachd mu dheidhinn leanabh nuair a bha e air ùr-bhreith. Bha a' bhean-ghlùine agus na mnathan eile a bha timcheall air, nuair a bha leanabh air a nighe 's air a chur air dòigh, bha iad ga thoirt leotha, agus bha iad an uair sin ga chur timcheall an teine. Tha sibh a' cuimhneachadh anns na làithean ud gun robh a h-uile teine air meadhan an ùrlair, agus bha an leanabh ga chur deiseal timcheall an teine. Tha sibh a' tuigsinn gu dè th' ann an deiseal? Rathad na grèine. Agus an uair sin, nuair a bha iad air a chur deiseal mun an teine, bha iad ga chur bho làmh gu làmh os cionn an teine, an dàrna bean ga shìneadh dhan an tè eile. Canaibh gum biodh ceathrar ann timcheall an teine, agus bha a' bhean seo ga shìneadh dhan an tè a bha mu coinneamh, os cionn an teine. Bha i sin an uair sin ga shìneadh dhan an tè eile, deiseal, agus an tè sin ga shìneadh dhan an tè a bha mu coinneamh fhèin. Bha iad a' dèanamh sin.

Tha mi a' smaoineachadh gur e seann chleachdadh an t-saoghail a th' ann an sin. Bha an teine air a mheas mar nì a bha sealbhach air leth, mar nì a bha coisrigte ann an cràbhadh nan seann Ghàidheal, agus eadhon cho fada air ais ri cràbhadh nan Èipheiteach. Coimheadaibh ann an sin, Latha Bealltainn, mar a bhiodh iad a' dèanamh sùgradh agus toileachas ris a' ghrèin, agus an latha aca ga chur air leth airson cleasan agus airson culaidh-shùgraidh. Agus mar sin, bha iad a' dèanamh seo mar gum bitheadh airson seunadh a chur air an leanabh, ga chur deiseal timcheall an teine, agus an dàrna tè ga chur a dh'ionnsaigh na tè eile os cionn an teine.