Search

Cleachdadh a bha aig an luchd-siubhail uaireigin.

Date 12 March 1953
Track ID 8574
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.B3

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

Birth custom amongst the Travellers.

Travellers washed their newborn babies in a loch, even in winter. The contributor has heard that Native Americans also had this custom.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Bha cleachdadh anabarrach iongantach aig na ceàrdairean cuideachd anns na seann làithean. Nuair a bha leanabh ga bhreith dhaibhsan, anns a' mhionaid a bha e a' tighinn a dh'ionnsaigh an t-saoghail, bha iad a' falbh leis ga nighe, cha b' ann idir ann an uisge meang-bhlàth ann am broinn a' phàillean, an t-ionad anns an robh iad a' fuireach; bha iad a' dèanamh air a' chiad loch uisge leis, air a' bhlàr a-muigh, agus ged a bhristeadh iad an deigh air an loch, cha robh e gu diofar, ann am meadhan a' gheamhraidh bha iad ga nighe anns an uisge ann an sin, anns an loch uisge air a' bhlàr a-muigh. Nach bu mhìorbhaileach nach robh an leanabh a' faighinn fuachd a bhàis? Cha robh, ma-thà. Cha robh. 'S ann chan eil iomradh air aon leanabh a thug aiceid às.

Nach robh an cleachdadh ceunda aig na h-Innseanaich thall ann an Ameireaga. Nuair a bha mi thall ann an Canada, chuala mi gun robh an cleachdadh sin aca anns a' mhionaid a bha leanabh a' tighinn a dh'ionnsaigh an t-saoghail. Bha iad a' falbh leis agus dìreach ged a b' ann ann an teis-meadhan a' gheamhraidh a bh' ann, bha iad a' dol leis a-sìos a dh'ionnsaigh allt no abhainn faisg air làimh, a' bristeadh na deighe agus ga thomadh, ga nighe anns an uisge.

Calum MacIllEathain: Seadh, seadh. Tha sin spèiseil a-niste.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good