Search

Dotair Rathuaidhe a' leigheas nighean.

Date 12 March 1953
Track ID 8592
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.A2

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

Dr Rathuaidhe healing a girl's knee.

A girl went to Dr Rathuaidhe with a knee complaint. He asked if she herded animals and sat in the grass. She said she did. A tick had gone right into her knee. He removed it.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach: Tha na h-uiread de sgeulachdan air innse mu dheidhinn Dotair Rathuaidhe ann an Earra-Ghàidheal. Chuala mi turas a chaidh caileag òg ga ionnsaigh agus giamh air choreigin air tighinn na glùin. Nuair a chaidh i air a bheulaibh 's a thug e sùil air a glùin, chuir e ceist oirre:

"A bheil thu," ars esan, "a' buachailleachd?"

"Tha," ars ise. "Tha mi a' buachailleachd," ars ise, "glè thric."

"Agus a bheil cleachdadh agad," ars esan, "a bhith na do shuidhe air an fheur, agus uaireannan," ars esan, "a bhith air do ghlùin?"

"Ò, gu minig," ars ise. "Tha cleachdadh agam a bhith a' cur mo ghlùin fodham air an fheur airson greisean."

"Bha mi a' smaoineachadh sin," ars esan. "Agus a bheil fhios agad gu dè tha ceàrr? Tha gartan-feòir air a dhol a-staigh nad fheòil agus air a rathad a dhèanamh a-staigh fo fhailmean na glùin, 's feumaidh sinne an gartan a tha ann an sin a thoirt às."

Rinn e seo. Thog e am failmean, 's mar a thuirt e, fhuair e an gartan. 'S b' e sin an gartan. Bha e air fàs cho mòr, agus 's e sin a rinn trioblaid na h-ighinn.

Cha bu luaithe a chaidh an gartan a thoirt air falbh agus an lot a chàradh suas na thòisich an nighean a' sìor fhàs gu math, agus ann an ùine glè ghoirid cha robh càil air a glùin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair