Search

Dr Rathuaidhe agus an tarbh Gàidhealach.

Date 12 March 1953
Track ID 8593
Part 1
Part 2
Part 3

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.A3

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

Dr Rathuaidhe and the Highland bull.

One time, Dr Rathuaidhe was summoned by bonfire to a childbirth in Mull. There was no boat at the shore to ferry him across. He went across on the back of a Highland bull which was standing nearby.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Chuala mi naidheachd eile timcheall air an Dotair Rathuaidhe, agus tha i a' sealltainn dhuinn an duine rathadach a bh' ann. Bha... mar a tha fios agaibh, tha Muile glè fhaisg air a' Mhorbhairne. Chan eil eadar a' Mhorbhairne agus Muile ach an Caol Muileach. Ann an àiteachan tha e caol gu leòr.

Aig an àm a bh' ann an seo, tha e coltach gun robh bean air còrsa Mhuile air an laighe-siùbhla. Bha sùil aig an Dotair Rathuaidhe co-dhiù gun tigeadh fios cabhagach air ann an ùine gun a bhith fada, agus bha e a' feitheamh airson an fhios. Latha a bh' ann an seo, fhuair e am fios ris an robh sùil aige. Anns an latha a bh' ann an siud, mar bu trice, cha bhite ach a' lasadh teine air taobh eile a' chaoil, nam bite ag iarraidh lighiche no ministear ann an cabhag.

Agus 's e seo a rinneadh. Lasadh teine air a' chladach eile agus chunnaic an Dotair Rathuaidhe e. 'S chaidh e na chabhaig; rinn e air a' chladach. Nuair a ràinig e an cladach, cha robh sgeul air eathar. Tha e coltach nach robh duine aig baile, ge be air bith càit an robh na fir a dh'aisigeadh a-null an dotair.

Ach 's e a bh' ann co-dhiù gun do sheall e mu thimcheall, agus chunnaic e ann an sin ann am buaile faisg air làimh na h-uiread de chrodh agus tarbh mòr Gàidhealach ag ionaltradh nam measg. Chaidh e a-null far an robh an tarbh agus [???] e sìos roimhe a dh'ionnsaigh a' chladaich. Thug e air an tarbh a dhol a-mach air a' mhuir. Chaidh e fhèin casa-gòbhlach air muin an tairbh agus stiùir e a-null an tarbh gu cladach Mhuile. Agus bha e ann an àm gu leòr airson freastal air a' bhean a bha ri saothair-cloinne.

'S e duine anabarrach coibhneil a bh' anns an Dotair Rathuaidhe agus, mar a dh'ainmich mi cheana, bha sgil mhòr aige 's bha creideas làidir aig daoine ann mar lighiche.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair