Search

Leigheasan air lot nathrach.

Date 12 March 1953
Track ID 8619
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.A15

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

Cures for a snakebite.

Two cures for a snakebite. If the snake was caught and put in a dish of water, the water, when poured on the wound, would heal it. Alternatively, a hen would be killed, opened and put on the wound immediately.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Bha leigheas aca airson lot nathrach. Bha iad a' creidsinn nam biodh duine air a lot le nathair, nam faigheadh e grèim air an nathair a lot e, agus a cur ann an soitheach uisge, agus an uair sin an t-uisge a bha ann an sin, uisge na nathrach, air a chur air an lot, gur e sin an leigheas air lot.

Bha leigheas eile aca airson lot na nathrach. Bha iad a' creidsinn gu làidir nam b' urrainn do dhuine eun fhaotainn, cearc, agus a marbhadh, agus anns a' mhionaid a bhiodh i dìreach marbh, nuair a bha a' chlosach fhathast cho blàth 's a ghabhadh i, a' chlosach fhosgladh agus a cur air an lot. Bha seo a' leigheas an lot, mar gum biodh a' chlosach a' sùghadh no a' deocadh a-mach a' phuinnsein.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair