Search

Nìghneag a' Chùil Duinn nach Fhan Thu

Date c. July 1964
Track ID 86494
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.45.A2

Original Tape ID

SA1964.045

Summary

This is a popular waulking song in the form of a love song. The composer thinks of his meetings with a dark-haired girl, but admits to having met others.

Item Notes

10 couplets plus 3-line choruses sung.

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 91
'An t-Òranaiche' (Gilleasbaig Mac na Ceàrdadh ed., 1879) p. 337

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Nìghneag a' chùil duinn nach fhan thu,
Fios san tìr gur mi do leannan.
A nìghneag a' chùil duinn nach fhan thu.

Nìghneag a' chùil bhuidhe, bhòidheach
Bha mi 'n tòir ort o chionn tamall.

Mi cho titheach air bhith rèidh riut
'S tha fèidh a' dìreadh a' ghleannain.

'S mi cho titheach air do phògadh
'S tha laoigh òg air òl a' bhainne.

'S tric a bha mi riut a' bànran
Ann am bàthach a' chruidh-bhainne.

'S tric a bha mi riut a' sùgradh
Ann an geugan dlùth a' bharraich.

Shaoilinn nach pòsadh tu saighdear
Ged 'iodh e na oighre fearainn.

'S ged a tha mi rith' ga aithris
'S iomadh àit' na dh'fhàg mi leannan.

Tè am Mùideart, tè an Cnòideart
Tè am Mòrar Mhic 'ic Ailein.

'S fios san tìr gur mi do luaidh
Nìghneag bhuaidhich a' chùil chlannaich.

Nìghneag a' chùil bhuidhe, bhòidhich
Bha mi 'n tòir ort o chionn tamall.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good