Track Information
Original Track ID
SA1958.164.A4
Original Tape ID
SA1958.164
Summary
In this song a man declares his love for his sweetheart and hopes that he will be able to marry her one day.
Item Notes
The song is known as 'The Eriskay Love Lilt' in the Marjory Kennedy-Fraser Collection.
Language
Gaelic
Genre
Song
Collection
SoSS
Transcription
Bheir mi ó robha hó.
Bheir mi ó robha hì.
Bheir mi ó èileadh ó.
Bidh mi brònach gad chaoidh.
A bhith siubhal na mòintich
A chòrdadh rium fhìn,
Dol a choimhead cruinneag bhòidheach
Tha còmhnaidh sna glinn.
'S mi nach iarradh leat stòr
Na do shòlas a-chaoidh,
Ach toil d' athair 's do mhàthair
A ghràidh a bhith leinn.
Ged nach eil sinn fhathast pòst'
Tha mi 'n dòchas gum bi,
'S fhad 's a mhaireas mo dhà dhòrn
Cha bhi lòn ort a dhìth.
Dhèanainn cur 's dhèanainn buain
Giùlan fuachd is droch shìd',
'S bheirinn às a' ghreabhal chruaidh
Dha mo luaidh teachd an tìr.