Search

Prògram Choinnich

Date 16 January 1995
Track ID 936
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 16.01.1995

Summary

A memorial to the naturalist Seton Gordon.

Seton Gordon wrote extensively about the natural history of Skye. Jonathan MacDonald remembers him as a boy and built the new cairn for him in Duntulm.

Item Subject/Person

Gordon, Seton

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Village/Place - Duntulm

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha fhios agam gu bheil carragh-cuimhne ùr ann an Dùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach mar chuimhneachan air Seton Gordon, a bha... a thug còrr agus leth-cheud bliadhna a' fuireach anns an eilean. Bha e na sgrìobhadair - sgrìobh e seachd air fhichead leabhar - agus ùidh mhòr aige ann an obair nàdair. 'S e Eòin Dòmhnallach a thog an càrn. Tha Eòin air an loidhne còmhla riumsa an-dràsta. Madainn mhath, Eòin.

Eòin MacDhòmhnaill (EM): Madainn mhath, a Choinnich. Tha thu gu dòigheil an-diugh?

CM: Tha, tapadh leibhse. Sibh fhèin?

EM: Tha, taing. Tha.

CM: Nise, Seton Gordon. Tha ginealach air fàs suas a-nise, agus chan eil càil a dh'fhios aca cò bh' ann an Seton Gordon, ach bha latha eile ann, nach robh?

EM: Ò gu dearbh, bha. Tha sin ceart. Bha e gu math eòlach anns an sgìre anns an do rugadh 's an do thogadh mise, ann an sgìre Thròndairnis ann an ceann a tuath an eilein. Bha sinn eòlach air nuair a bha sinn ag èirigh suas, agus bha e còmhla rinn ann a shin gu trì fichead 's a seachd-deug nuair a chaochail e.

CM: Nise, dè chuir Seton Gordon dhan an Eilean Sgitheanach anns a' chiad àite?

EM: Uill, bha ùidh anabarrach aige ann an obair nàdair, gu h-àraid ann am beatha eòin nan speur, agus chuir e seachad a' chuid bu mhotha dhe shaoghal a' beachdachadh air eòin 's air lusan 's air ainmhidhean 's eile, agus bha e a' tighinn dha na h-eileanan mun tàinig e a dh'fhuireach dhan cheann seo dhen eilean. Bha e a' tighinn dha na h-Eileanan an Iar, agus dhan Eilean Sgitheanach, agus dìreach mu mheadhan nam ficheadan, thàinig e dhan eilean a dh'fhuireach, a thàmh, fad ùine, agus 's ann an seo a bha a dhachaigh airson a' chuid eile dhe bheatha.

CM: Nise, bha thu ag ràdh gun tàinig e 's gun do rinn e na rudan a tha sin, ach chan eil... an e duine beairteach a bh' ann no rudeigin? Air dhòigh 's...

EM: Ò chan e. Cha robh e beairteach idir. Chuir e seachad a bheatha beò air an tighinn a-staigh a bh' aige bho na leabhraichean a bha e a' sgrìobhadh. Cha robh cosnadh sam bith eile aige, 's cha robh e a' dèanamh dad eile ach a' sgrìobhadh 's a' beachdachadh air obair nàdair, agus cha robh e tuilleadh 's beairteach idir. Ach bha a chuideachd gu math dha nuair a bha e òg, 's thug iad dha cuideachadh mòr airson beatha mar seo a bhith aige, agus bha... ann a shiud ann an Cille Mhoire far a bheil... far an robh an dachaigh aige, bha beagan fearainn aca - mu dhà fhichead acaire fearainn aca - 's bha iad a' cumail crodh 's caoraich, agus b' e sin an aon tighinn a-staigh a bh' aca.

CM: Nise, bha e cuideachd an sàs ann an obair na pìobaireachd, nach robh?

EM: Bha. Ò, glè mhòr. Bha meas mòr aige air pìobaireachd, agus bhiodh e an-còmhnaidh a' falbh air feadh na Gàidhealtachd mar bhritheamh aig co-fharpaisean pìobaireachd, agus bha meas mòr air airson sin.

CM: Nise, agus mar a tha sinn ag ràdh, sgrìobh e an t-uabhas leabhraichean, agus an robh fèill mhòr air na leabhraichean a bha e a' sgrìobhadh.

EM: Ò, bha fèill mhòr, mhòr orra. Bha iad air an reic thall 's a-bhos air feadh an t-saoghail. Chaidh na h-uimhir dhe na leabhraichean aige eadhon a chur ann an clò ann an Iapan, agus bha iad a' reic anabarrach math an sin, agus ann an dùthchannan eile an t-saoghail cuideachd, agus aig deireadh an latha, 's ann gann a b' urrainn dhut làmh a chur air gin dhe na leabhraichean aige, 's tha iad an-diugh luachmhor dha-rìribh - tha iad a' cosg mòran airgid an-diugh, ma tha thu fortanach air fear dhiubh a thogail ann am bùth thall no a-bhos.

CM: Agus bha mi a' faighneachd dhut, 's ann ann an Deeside a rugadh e, nach ann?

EM: 'S ann, 's ann. Uill, rugadh e ann am baile Obar Dheathain. Bha athair na chlèireach baile ann an Obar Dheathain, agus an uair sin, nuair a bha e beagan bhliadhnachan a dh'aois, ghluais iad a-mach gu Taobh Dee, agus 's ann an sin a chuir e seachad òigridh... òige, agus bha e anabarrach fhèin measail air a bhith a' dol suas an Càrn Gorm 's a' cur seachad a thìde, na bh' aige de thìde, ann a shin anns a' Chàrn Ghorm. Ach dh'fhalbh e sìos do dh'Oxford agus 's ann an sin a bha e fad bhliadhnachan, gus an tàinig e dhan a' Ghàidhealtachd a-rithist.

CM: Airson tha cuimhn' agam a bhith ga chluinntinn a' còmhradh, agus gu dearbha chan e guth Obar Dheathain a bh' aige, no guth an Eilein Sgitheanaich, ach guth nan toffs, ma dh'fhaodas sinn a chur sin.

EM: Ò 's e sin a bh' ann. Tha sin cinnteach. 'S ann mar sin a bha e. Agus fhuair e cothrom mòr, a bheil fhios agad, na òige, a bhith a' measgachadh ri daoine... daoine-uaisle 's a' measgachadh ri gach seòrsa dhaoine. Bha e gu math eòlach, can, air Eideard a h-Ochd, Diùc Windsor, nuair a bha iad ann an Oxford, agus [?bhithinn] riamh a' faicinn, e a' falbh a-mach agus telesgop air a dhruim a thug Eideard seo dha, mar thiodhlaic nuair a bha iad ann an Oxford.

CM: Nise, fhad 's a bha e fhèin beò, chaidh a chliù a chomharrachadh cuideachd. Fhuair e CBE, nach d' fhuair?

EM: Fhuair. Tha sin ceart. Fhuair, airson na rinn e mu obair nàdair 's airson na sgrìobh e. Cha robh duine eile na linn a sgrìobh uimhir air obair dhen t-seòrsa seo, agus bha an obair aige air meas mòr a chosnadh am measg dhaoine thall 's a-bhos air feadh an t-saoghail.

CM: Am biodh e ceart a ràdh gur dòcha, an seòrsa fear a bh' ann, nach biodh na bha sin de dh'urram 's de chliù aig an rud a bha e a' dèanamh fhad 's a bha e ga dhèanamh, ach gur ann 's dòcha a-nise, às dèidh làimh, a tha daoine a' tuigsinn dè bha e a' dèanamh?

EM: Uill, tha mi a' creidsinn gu bheil sin ceart. 'S dòcha nach robh daoine anns a' chumantas, an uair ud, a bheil thu a' faicinn, a' leughadh a chuid leabhraichean cho bitheanta o chionn, can, leth-cheud bliadhna air ais no mar sin. Cha bhiodh daoine a' ceannach nan leabhraichean cho tric, ach bha iad a' creic airson sin, agus 's dòcha cuideachd nach robh daoine cho buileach eòlach air an duine e fhèin, a chionn bha e an-còmhnaidh a-muigh, a-muigh air na monaidhean thall 's a-bhos, air feadh gach àite, agus cha bhiodh iad a' tachairt ris cho mòr. Ach daoine a bha eòlach air, 's a bhitheadh a' tachairt ris 's a' còmhradh ris, bha e a' tighinn thairis mar dhuine-uasal, na shàr dhuine-uasal.

CM: Nise, tha fhios agam gun robh sibh fhèin gu math eòlach air. Tha sibh air càrn a-nise a thogail, ach cha b' e càrn anns a' chumadh àbhaisteach idir, an e?

EM: Chan e. Uill, chan e. 'S ann nuair a smaoinich Comhairle Chille Mhoire, comhairle na sgìre ann a sheo, air càrn a thogail, bhruidhinn sinn air, agus bha mise a' smaoineachadh gur e dòcha càrn far am b' urrainn daoine suidhe agus an anail a leigeil, agus coimhead air an tìr mu chuairt, agus sùil bheag a thoirt suas gu 'n taigh far an do chuir e seachad leth-cheud bliadhna, agus mar sin, gur e sin rud a bhiodh freagarrach, far am b' urrainn daoine suidhe agus meòrach, meòrach air cùisean, gur e sin an rud bu fhreagarraiche, agus 's e sin, aig deireadh an latha, a thachair. 'S e sin a th' ann - càrn far an urrainn duine suidhe agus anail a leigeil.

CM: Agus 's e creag na dùthcha fhèin a chleachd sibh?

EM: Ò 's e, gu dearbh. Clachan a chaidh a thogail shìos air an tràigh, shìos air a' chladach, bho seo fhèin, gu math faisg air far an robh e a' cur seachad a bheatha, agus far am biodh e tric e fhèin a' suidhe 's a' coimhead thairis air a' Chuan Sgìth a-null gu monaidhean na h-Eileanan a-Muigh. Agus bha e a' dèanamh sin gu math tric, 's a' coiseachd cuideachd, ri taobh nan cladaichean, a' gabhail beachd air na bha a' tachairt.

CM: A bheil aon chuimhne sònraichte agad fhèin air Seton Gordon?

EM: Ò uill, tha cuimhneachain anabarrach bitheanta agamsa air, agus bhithinn ga fhaicinn cha mhòr a h-uile latha. Ach nuair a bha mi na mo bhalach beag, òg ag èirigh suas, bhiodh e a' cur annais oirnn an-còmhnaidh anns a' mhadainn tràth nuair a bhiomaid dòcha a' deisealachadh airson falbh dhan sgoil, a bhith a' faicinn a' Ghòrdanaich a-nuas tro na croitean na ruith, car na ruith, agus gun mòran aodaich idir air - bhiodh briogais bheag ghoirid air agus sandshoes - agus e a' falbh na ruith sìos chun na mara, a chionn a h-uile madainn dhe bheatha, ma bha e comasach idir dha, bha e a' falbh a shnàmh, 's bhiomaid ga fhaicinn a' falbh a shnàmh, e fhèin 's an cù, agus 's dòcha ann an ceann uair a thìde chitheamaid e a-rithist a' coiseachd suas gu socair, a' dèanamh air a dhachaigh a-rithist an dèidh a bhith a' snàmh. Bha seo na chleachdadh aige. Bha beatha fhallain aige, agus bha beatha thoilichte aige, agus bha beatha gu math làn aige, agus bha e an-còmhnaidh... bha e fhèin mar dhuine an-còmhnaidh cho sèimh, cho sìtheil, agus cho toilichte.

CM: Uill, Eòin, mòran taing dhut airson a thighinn a bhruidhinn rium an-diugh anns a' mhadainn, mu dheidhinn Seton Gordon. An carragh-chuimhne a tha sin a-nise air a togail le Eòin fhèin ann an Dùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good