Search

Bruadar an Leòdhasaich an Winnipeg

Date 2005
Track ID 94687
Part 1

Track Information

Original Tape ID

MOD 2005 001

Summary

An emigrant song. The poet is living in Winnipeg but his thoughts are in Lewis and on his childhood there.

Item Notes

Recorded at the Royal National Mòd. Composed by Donald MacIver (Dòmhnall Iain Ruaidh), Uig, Isle of Lewis.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Non Scottish Item Location

Canada, Manitoba, Winnipeg

Non Scottish Item Location

Canada, Manatòba, Uinnipèg

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

BBC

Transcription

A charaid chaoimh, thoir uamsa beannachd
Gu càirdean na Fèinn' 's tu cèilidh mar riuth'
A Winnipeg mhòr nan stòr 's na ceannachd
A' chruithneachd, a' choirc', is a' phònair.

O togamaid fonn sa chànain mhaiseach
A dh'ionnsaich sinn òg mu chrò na cagailt
An dùthaich nan sonn ri tonn a' chladaich
Far an lùiginn rithist bhith còmhnaidh.

Nam smuaintean leam fhèin 's nam bhruadar cadail
Tha mise gach uair toirt cuairt don bhaile
San d' fhuair mi am blàths, an gràdh 's am bainne
Is càirdeas cridheil na h-òige.

Cha robh ach an-raoir ge b' e cruaidh an reothadh
Bha mis' agus càch le spàirn a' treabhadh
A' cur a' bhuntàt' am bàrr an leothaid
'S a' tionndadh talamh an eòrna.

Na h-uain bheag a' leum air bruaich na gile
Is aiteal na speur na leus san linne
An smeòrach a' seinn cho binn sa chreagan
'S an uiseag a' ceilear sna neòil dhuinn.

Mo bheannachd gu bràth aig tràigh na mara
Sam bu tric bha mi snàmh, gun chàil air m' aire
O mhadainn an là gu tràth dhomh laighe
Ach sùgradh, aighear, is gòraich'.

Tha 'n clachan mar bha am bràigh a' chladaich
Na cnuic is na h-eòin sa mhòinteach fharsaing
Ach cuideachd mo ghaoil bu chaomh leam fhaicinn
Mo thruaighe mise, cha bheò iad.

O togamaid fonn sa chànain mhaiseach
A dh'ionnsaich sinn òg mu chrò na cagailt
An dùthaich nan sonn ri tonn a' chladaich
Far an lùiginn rithist bhith còmhnaidh.

Source Type

Cd

Audio Quality

Good