Search

Dealan-dè

Date
Track ID 95167
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1990.05.01

Summary

Some information about Duntulm Museum.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Village/Place - Duntulm

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Eòin MacDhòmhnaill (EM): Bha ùidh agam ann an seann ghnothaichean riamh, agus bha mi a' cruinneachadh seann ghnothaichean a bhiodh rim faotainn thall 's a-bhos air croitean 's mar sin air adhart, agus an uair sin o chionn còig bliadhna fichead, fhuair mi an taigh... aonan dhe na taighean seo ullachadh airson taigh-tasgaidh, agus chaidh mòran àirneis 's gnothaichean a bha dualach dhan àite a chur na bhroinn, agus bha sin air fhosgladh dìreach còig bliadhna fichead an àm sa, agus riamh bhon uair sin tha sinn a' feuchainn ris an rud a leudachadh agus am barrachd thaighean a bhith ann, agus tha sinn an-còmhnaidh a' cruinneachadh 's a' tarraing ri chèile, agus seo... 's e rud a th' ann a tha a' sìor dhol air adhart.

Iain Moireasdan (IM): Uill tha sibh a' ràdh, 's ann mean air mhean a thòisich sibh air an taigh-tasgaidh. Cò às a bha sibh a' faighinn an stuth?

EM: Ò dìreach thall 's a-bhos anns gach àite, gu sònraichte anns an eilean fhèin, ach tha na h-uimhir a ghnothaichean ann a thàinig à eileanan eile nuair a theann sinn an toiseach. Tha cuimhn' agam, bha aon rud gu sònraichte ann a fhuair mi à eilean Ratharsaigh, agus bha dhà no thrì rudan eile ann a fhuair mi bho bhana-charaid dhomh ann an eilean Bharraigh. Agus bha mar sin daoine thall 's daoine a-bhos a' cur rudan gam ionnsaigh, agus bha iad mar seo a' dèanamh cuideachadh a bha glè, glè mhòr ann a bhith a' toirt ri chèile nan gnothaichean a bha daoine a' cur am feum anns na seann amannan.

IM: Nist, na taighean fhèin, an do thog thu iad, no an robh iad ann co-dhiù 's an do chuir thu air dòigh iad?

EM: Uill, a' chiad fhear dhiubh bha an tobhta ann. Bha an taigh fhèin air a dhol na theine bliadhnachan mus do ghabh sinn thairis e, ach bha an tobhta ann agus fhuair sinn mullach a chur air an tobhta 's an taigh a chur suas mar a bha e roimhe. Agus na taighean eile, bha dà thobhta eile ann 's fhuair sinn mullach a chur orra 's an cur air dòigh. Ach bha cuideachd dà thaigh air an làrach a thog sinn dìreach mar gun canadh tu bho stèidh.

IM: An robh sin doirbh a dhèanamh? Ciamar a fhuair thu an stuth?

EM: Ò bha e gu math doirbh. Bha na clachan 's a h-uile sìon ri chruinneachadh, agus dòcha nach e an stuth bu dorra ach daoine fhaighinn a dhèanadh an obair, a chionn, mar a tha thu a' faicinn, tha e cho doirbh an-diugh daoine fhaighinn a nì obair mar seo, clachaireachd 's tughadh gu h-àraid. Chan eil daoine ann a-nise a tha ris an obair ann.

IM: Dè a-nist na rudan a th' anns an taigh-tasgaidh as motha a tha a' togail de dh'ùidh an luchd-turais?

EM: Uill, canaidh sinn an rud as motha, saoilidh mi, a tha a' tarraing ùidh luchd-turais, rud no dhà ann a bhuineadh do Fionnghala NicDhòmhnaill, agus tha rudan eile ann, mar a bha cuach baistidh a bh' ann an eaglais, ann am fìor sheann eaglais anns an Eilean Sgitheanach, agus tha cuideachd cupa comanachaidh ann, a bh' ann an Eaglais an Trumpain, a chaidh na theine anns an... am meadhan an t-siathamh linn deug. Agus tha na rudan sin, tha iad an-còmhnaidh a' toirt aire dhaoine suas, a chionn tha iad gu math, gu math speisealta do dhaoine rim faicinn.

IM: Nist, an e rud a th' ann a tha a' tarraing luchd-turais air a cheann fhèin, no a bheil e dìreach mar phàirt dhen an Eilean Sgitheanach, dhe na tarraingean eile a th' anns an eilean?

EM: Ò tha mi cinnteach gu bheil e mar phàirt dhe na tarraingean eile, ach chanainn fhìn gu bheil ùidh mhòr aig luchd-turais ann a bhith a' faicinn caitheamh-beatha, seann chaitheamh-beatha agus seann ghnothaichean, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud gu math cuidreamach a th' ann gum bitheadh na h-uimhir dhe na bh' againn anns an t-seann aimsir air an cumail 's air an cur ri chèile 's air an sealltainn mar seo, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud glè, glè bhuannachdail a tha seo, a chionn tha leithid de luchd-turais a' tighinn dhan eilean a-nise, 's feumaidh daoine a bhith a' dèanamh ullachadh mar seo air an son.

IM: Dè a-nist mu dheidhinn an stuth fhèin. Am mair e?

EM: Ò tha tòrr dheth a mhaireas, agus tha tòrr dheth, mar gun canadh tu, air nach eil atharrachadh sam bith a' tighinn. Ach tha tòrr rudan eile a tha a' fàs aosta agus a' caitheamh, agus feumaidh tu bhith gu math mionaideach 's faiceallach, agus mar sin, tha an obair a tha seo a h-uile bliadhna ag iarraidh tòrr tìde, agus feumaidh tu an-còmhnaidh a bhith a' cumail do shùil 's d' aire air na gnothaichean airson nach tèid iad a dholaidh agus nach tachair dad dhaibh. 'S tha sin gu fìor àraid an crochadh, mar gun canadh tu, air suidheachadh nan taighean fhèin. 'S e taighean-tughaidh a th' annta, mar a tha thu a' faicinn, agus tha sin a' ciallachadh gum feum iad a bhith air an cumail air an deagh thughadh, agus gum feum iad a bhith air an cumail ann an deagh òrdugh, airson gum bi na gnothaichean a tha am broinn an taighe, gum bi e... gum bi iad sin sàbhailte, tèarainte.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good