Search

Dh'Fhalbh Mo Rùn Bhon Chala

Date 21 November 1975
Track ID 95194
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.223.A5

Original Tape ID

SA1975.223

Summary

In this song a woman is sad because her beloved has left her and married another.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM): Bha thu a' faighneachd dhomh, an t-òran a ghabh mi ann a shiud, an robh gnothach aige ri... ris an òran aig Kennedy-Fraser, Birlinn... dè bh' ann? 'Birlinn nan guaillean geala', no 'Birlinn of the white shoulders' a th' air ann am Beurla. Nise, tha... tha 'Moch Diluain ghabh i 'n cuan' air a thoirt às an òran a ghabh mi. Ach a-nist, seo agad òran eile agus 's e an ceòl aig an òran seo... mar a tha tric a' tachairt ann an Kennedy-Fraser, tha butarrais mhòr ann, a' cur òrain am measg a chèile. Ach... uabhasach. Agus mar sin, gabhaidh mi am fear seo a-nist.


Dh'fhalbh mo rùn hó i iù
'S thog e siùil ris na crannaibh
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Dh'fhalbh mo leannan o chionn bliadhna
Air bàta dubh, dìonach, daraich.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Dh'fhalbh mo leannan bhuam a dh'Èirinn
Às a dhèidh cha bhi mi fallain.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Chuala mi gun d' rinn thu pòsadh
'S cha d' fheòraich thu mi gu d' bhanais.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Chuala mi gun d' fhuair thu cèile
Thig fo bhrèid a thìr nan gainne.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Ach ma fhuair gum meal thu fhèin i
'S gun thu dhol an èiginn mara.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.

Cha robh mi ach caileag ghòrach
'S rinn an seòladair mo mhealladh.
Dh'fhalbh mo rùn bhon a' chala.


Iain Peatarsan (IP): Agus a-nise, cà 'n cuala thu am fear sa?

UM: Ò chuala mi am fear ud ann an Uibhist a Deas. Chuala mi aig fear ris an canadh iad am Posta Bàn e, ga sheinn. Tha mi a' smaoineachadh gun cuala mi am fear eile a ghabh mi cuideachd aigesan, 'Moch Diluain ghabh i 'n cuan'. Chuala mi aig a' Phosta Bhàn e, agus cha robh eachdraidh... chan eil eachdraidh sam bith agam mun òran idir. Chan eil.

Ach co-dhiù siud agad a-nis an ceòl... an ceòl a th' aig Mrs Kennedy-Fraser, agus bha e aig Henry Whyte an siud, Fionn. Rinn esan... chuala esan seòrsa dhen an fhonn, agus chuir e facal aige fhèin ris. Ciamar a bha iad a' làimhseachadh... an ceòl a bh' aig... na facail a bh' aig Fionn? Ò, cuir dheth mionaid e gus an cuimhnich mi.

[Stad sa chlàradh an seo.]

UM: Tha cuimhn' agam a-nist. Feumaidh gun d' fhuair... gun d' fhuair Henry Whyte, Fionn mar a chanadh iad ris, grèim air an òran sin, no air a' cheòl aige co-dhiù, agus rinn e òran car dhen an aon fhonn:

Leannan mo ghaoil Màiri Bhòidheach
Leannan mo ghaoil mo chridhe 's mo ghaoil
Dh'fhalbh mar a' ghaoth 's a rinn seòladh
Leannan mo ghaoil Màiri Bhòidheach

'S fhuair an uair sin Sir Hugh Robertson grèim air. Agus tha facail... Bheurla air choreigineach air, 'To me the Cuillins of Skye', no rudeigin, 'Isle of my love, Isle of Muile'. Sin agad e, shin agad e. Uill, 's e an ruith a th' air a h-uile gin dhiubh. 'S e. Ach 's e an t-òran a thug mise dhut bhon tàinig iad air fad, bheil fhios a'd. An ceòl co-dhiù. An dara h-òran a ghabh mi ann an sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good