Search

O hi ri ho rath ill o

Date 27 November 1975
Track ID 95199
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.223.B1

Original Tape ID

SA1975.223

Summary

In this song the bard says that his heart is heavy because of the young girls.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

O hirì ho rath ill ó
Rath ill ó hó rath ill ó
O hirì ho rath ill ó
Mo chridhe trom 's cha neònach.

Dh'iarr mi deoch 's ann fhuair mi dràm
'S an stuth làidir chaidh nam cheann.
Dh'fhalbh mo lèirsinn, thrèig mo chainnt
Is laigh mi thall air sòfa.

O hirì ho rath ill ó
Rath ill ó hó rath ill ó
O hirì ho rath ill ó
Mo chridhe trom 's cha neònach.

Ach a-nis on dh'fhàs mi glic
Sguiridh mi buileach dhen mhisg.
Bheir mi sgrìob a dh'Inbhir Nis
Far 'n tric 'm bi cailin bòidheach.

O hirì ho rath ill ó
Rath ill ó hó rath ill ó
O hirì ho rath ill ó
Mo chridhe trom 's cha neònach.


Uill chan eil siud ach dìreach blaigh òrain a chuala mi ann an Cnapadal a-rithist aig an fhear ud a dh'ainmich mi mar-thà, Raghnall MacNeacail, fear a bha ag obair air an rathad mhòr, agus siud fear dhe na h-òrain a bh' aige a dh'ionnsaich mi bhuaithe. Agus tha iomadach òran air an t-sèist a tha siud. Thug mi dhut fear mar-thà a rinneadh ann am Beàrnaraigh, nighean... nighean do Dhòmhnall Ruadh MacLeòid ann am Beàrnaraigh, tha mi a' smaoineachadh. 'S e sin am fear a th' anns a' MacDonald Collection. Ach co-dhiù, tha seo anns an... 's e an aon t-sèist a th' air a seo. 'S e, 's e an aon t-sèist a th' air a seo. 'S e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good