Search

Dhèanainn Sùgradh ris an Nighinn Duibh

Date 27 November 1975
Track ID 95203
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.223.B5

Original Tape ID

SA1975.223

Summary

In this song the composer says that he would have fun with the black-haired girl. He then praises her beauty. The "girl" is a boat.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh,
Agus èirigh moch sa mhadainn.
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh.

Dhèanainn sùgradh ris a' mhaighdinn,
'N àm nan coinnlean bhith gan lasadh.

Dhèanainn sùgradh ri Catrìona,
Treis mum fiathaichinn an cadal.

Cha bhi ball am feum a spliceadh,
Aig mo mhaighdinn a' tighinn dhachaigh.

Riof ga cheangal, riof ga fhuasgladh,
Air mo ghruagaich 's cuan na shad oirr'.

'S bòidheach leam cumadh do chalpa,
'S bòidhche na sin d' fhalbh is d' astar.

Dhèanainn sùgradh mire 's mùirn,
An àm na siùil a bhith gam pasgadh.


Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nis.

UM: Ò fear eile a chuala mi tric aig piuthar mo mhàthar, agus chuala mi an Uibhist cuideachd e. Chuala mi an Uibhist cuid-... Agus siud na th' agam air chuimhne dhe na ceathrannan mar a chuala mi fhèin iad. 'S dòcha gun cuala mi tuilleadh ach...

IP: Ach chan eil fiosrachadh sam bith eile agad?

UM: Chan eil. Ach tha feadhainn... tha feadhainn an teagamh co-dhiù 's e òran a tha seo mu dheidhinn long, no an e mu dheidhinn nighean, no an e a bheil mar a chanas na Frangaich 'double entendre' ann, a bheil fhios agad, gu bheil... gu bheil e a' bruidhinn air nighean ann an coltas a bhith a' bruidhinn air luing, a bheil fhios agad. Ach chan eil... cha do ghabh e riumsa riamh nach robh e dìreach... nach e dìreach òran seòladair a bh' ann.

IP: 'S e. 'S ann ris a sin as coltaiche, gun teagamh.

UM: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur e. Tha mi a' smaoineachadh gur e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good