Search

Tha Fadachd Cian Do Ghaoil Orm

Date 27 November 1975
Track ID 95204
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.223.B6

Original Tape ID

SA1975.223

Summary

This song is made up of a series of impossible events. The brother or spouse of the composer was faced with a death sentence and she had to make up a song that didn't contain any truths. There are different stories as to whether the song was sufficient to spare the man's life.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Tha fadachd cian do ghaoil orm
'S tha mulad mòr às d' aonais orm.
Tha fadachd cian do ghaoil orm.

Fhuair mi nead na liath-chirce
Am bàrr nan tonnan iargalta.
Bha 'n coileach anns a' chliabadaich
Le cliabh air bac a' ghaoirdein.

Chunna mi na tarmachain
An talamh-toll san àrd-doras.
Bha 'n dreathan-donn 's dà ràmh aige
Cur bàt' an aghaidh gaoithe.

Chunna mi 's gum b' fhiosrach mi
Na ròin a' falbh le litrichean;
Màileid is palisse orra
Is iad cho glic ri daoine.

Chunna mi na sùlairean
A' dannsa anns na cùl-taighean;
A' chuthag is gùg-gùg aice
A' piocadh sùil na caorach.


Nise, siud mar a chuala mi e aig fear a mhuinntir Ceap Breatann, am ministear a dh'ainmich mi dhut turas roimhe, tha mi a' smaoineachadh, an t-Urr. Iain MacCalmain, J. K. Murchison. Bha mòran de sheann òrain aig an duine sin, ged is ann a mhuinntir Ceap Breatann a bha e. 'S thàinig e a-nall an seo, 's bha e na mhinistear ann an Lìte ann a sheo. Agus tha cuimhn' a'm a bhith oidhche a-staigh air chèilidh, mi fhìn 's e fhèin, air nighean a' mhinisteir eile sin, MacRuairidh, a dh'ainmich mi dhut cho tric. 'S bha an dithis aca a' gabhail an òrain a tha seo, agus iad a' dèanamh coimeas ciamar a chuala... an dara duine ga ghabhail mar a chuala esan e ann an Ceap Breatann, agus ise ga ghabhail mar a chuala i aig a h-athair e.

Nise, bha na rainn, cho fad 's is cuimhneach leam, cha robh mòran eadar-dhealachadh sam bith anns an rann, ach bha eadar-dhealachadh anns an t-sèist. Thug mi dhut an t-sèist an-dràsta mar a bha e aig a' mhinistear, aig MacCalmain à Ceap Breatann, ach seo mar a bha e aig nighean a' ministeir:

Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm
'S tha mulad mòr às d' aonais orm.
Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm.

Siud mar a bha an t-sèist aicese. Siud mar a bha an t-sèist aicese. Ach tha an rann dìreach... car an aon rud. 'S e. Cha do thog mi eadar-dhealachadh sam bith anns an rann, ach thog mi an dà dhòigh air an t-sèist a ghabhail.

Iain Peatarsan (IP): A-nis, an robh... an robh mòran diofar anns na briathran a bh' anns na rainn?

UM: Och chan eil sìon a chuimhn' a'm, bheil fhios a'd. Chuala mi fhèin na facail roimhe, bheil fhios agad, gun sèist idir, bheil fhios agad. Mar sin... mar sin tha mi a' creidsinn gun robh measgachadh agam, an rud a chuala... a bh' agam mun do chuala mi iadsan idir. Bha rainn agam mun cuala mi iadsan idir. Agus gabhaidh mi dhut a-rithist e - chan eil ùine againn an-diugh - ach gabhaidh dhut a-rithist e mar a tha iad ga ghabhail... mar a chuala mi e ga ghabhail gun r-... gun sèist idir. Tha iad ga ghabhail gun sèist idir cuideachd. Caochladh dhòighean air a ghabhail.

Agus 's e an naidheachd a th' ann mu dheidhinn gun robh an dara cuid bràthair no cèile-pòsta na tè a bha seo air a dhìteadh agus gun robhar a' dol ga chrochadh, agus gun tuirt an ceann-feadhna no ge brith cò an urra mhòr a bh' ann rithe, nan dèanadh i òran anns nach biodh facal fìrinn, gum faigheadh e a bheatha leis. Agus rinn i an t-òran seo. Agus chuala mi dà chunntas air mar a thachair. An dara cunntas gun d' fhuair an duine a bheatha leis. An cunntas eile, bhon a thuirt i, "A' chuthag is gùg-gùg aice," gur e an fhìrinn a bha sin, agus gun do chaill an duine a bheatha. Agus chan eil fhios agamsa...

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good