Search

Saoil an till mi a-chaoidh

Date 2001
Track ID 95610
Part 1

Track Information

Original Tape ID

MOD 2001 001

Summary

A song of nostalgia and longing for the Isle of Lewis by a man who emigrated to America. He wishes to return to his homeland and be buried at Dalmore.

Item Notes

Recorded at the Royal National Mòd. Composed by Malcolm MacLeod (Calum Fox), Garenin, Isle of Lewis.

See:
'Eilean Fraoich' p. 199

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

BBC

Transcription

Saoil an till mi chaoidh dha na glinn san robh mi òg,
Far 'm bu chridheil aoibhneach sinn gun uallach inntinn oirnn,
A' buachailleachd crodh-laoigh agus gamhna mar bu nòs,
An till mise chaoidh dha na glinn san robh mi òg?

'S minig mi a' beachdachadh air na h-achaibh 's iad fo phòr,
Fraoch gu bàrr nam beannaibh is na machraichean fo ròs,
Eathraichean ag iasgach is cuid sgiamhach ruith fo sheòl,
'S a' ghrian ri dol sìos taobh an iar Loch an Ròg.

Cha dèan mise dìochuimhn' air feasgar fèathach reòtht',
An eala bhàn na sgiamhadh ri sgiathalaich san òs,
A' ghealach cho ion-mhiannaichte ri riaghladh anns na neòil,
Is fuaim Tràigh Ùig is Shanndaig, o b' annsa leam an ceòl.

Ged a ruiginn crìochan air fad 's air leud nan Stàit',
M' aigne-sa bhith 'g iarraidh don àit' san dèanainn tàmh,
Far bheil na beanntan fianaich 's na sliabh fo chaoraich bhlàr,
Is far an cluinn thu Cuan a Siar tighinn gu h-iarganach gu tràigh.

Ged is fhada thall tha mi 's gun ghanntachd air mo stòr,
Tha mo dhùrachd-sa measg ghleanntan is bheanntan Eilean Leòdhais;
Ach tha sùil agam bhith ann ro fheasgar fann mo lò,
Is lùiginn a bhith adhlaicte aig ceann Tràigh Dhaile Mòir.

Mo bheannachd leis gach màthair tha sna làithean seo ri bròn
Airson dealachadh ri pàistean is pàirt nach tachair beò.
'S eagal leam gum fàsaichear àit' mo ghràidh rinn m' àrach òg,
Na dh'fhàg am Metagàma ac', tha 'm Màrloch leò fo sheòl.

Source Type

Cd

Audio Quality

Good