Search

Chuir Mo Leannan Cùl Rium Fhèin

Contributors
Date 21 March 1965
Track ID 96881
Part 1

Track Information

Original Tape ID

CannaTape.0065

Summary

The composer is depressed as the girl he loved has left him. He has heard she has married someone else. He says women deceive young men and cannot be trusted. They will see another man and transfer their affection to him.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Village/Place - Hacklete

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

Canna

Transcription

Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Le luchd-tuaileis an droch sgeul.

'S nuair a chì mi òigear ùr
Sealladh blàth bhon aghaidh chiùin
Siud mo leannan tha mi 'n dùil
Thèid an seann fhear chur air chùl.
Chuir mo leannan cùl rium fhèin.

'S nuair a thèid mi dhan taigh-dhanns'
Bidh mo shùil a-null 's a-nall
Bho nach eil mo leannan ann
Orra shlàinte dh'òlainn dràm.
Chuir mo leannan cùl rium fhèin.

'S tha na nìghneagan cho seòlt'
Meallaidh iad na gillean òg'
'S iad lem beòil mar mhil ga òl
'S rùn an cridhe mar lic reòt'.
Chuir mo leannan cùl rium fhèin.

'S gura mise tha gu tinn
Taobh Loch Lìobhann cur mo lìn
Sgeul a fhuair mi chràidh mo chridh'
Gun do phòs mo leannan fhìn.
Chuir mo leannan cùl rium fhèin.

'S gura mise tha gu truagh
H-uile latha agus uair
Chaidh mo leannan dhan taobh tuath
'S dh'fhàg e mise brònach truagh.
Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Chuir mo leannan cùl rium fhèin
Le luchd-tuaileis an droch sgeul.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good