Search

Dealan-dè

Interviewers
Date
Track ID 97810
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1990.07.01

Summary

A livestock auctioneer talks about his work.

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Dòmhnall Moireasdan: Bidh tòrr dhaoine a' faighneachd dhomh ciamar a bhios an guth a' seasamh a-mach, gu h-àraid nuair a bhios tu a' dol car trang fad latha a thòisicheas tu aig deich uairean sa mhadainn gu 's dòcha sia uairean feasgar. 'S tric a rinn mi e. Agus bidh iad a' faicinn an cupa geal a tha seo ga thoirt dhuinn anns a' bhogsa, agus tha tòrr mòr a dhaoine a' smaointinn gur e stuff gu math cruaidh a th' anns a' chupa sin. Nam b' e, 's na tha mise a' gabhail dhen stuff a tha sa chupa sin, chan eil fhios agamsa gu dè a' phrìs a bhiodh beothaichean a' dèanamh feasgar. Cha bhithinn-sa air chomas seasamh no bruidhinn nam b' e stuff cruaidh a bhithinn a' gabhail. 'S e th' ann ach tì uabhasach fhèin teth agus deagh chuid siùcair innte, agus tha sineach air an rud as fheàrr a ghabhadh gabhail a thaobh creic, agus mairidh an guth agad ainmeil fhèin fad an latha. Ach an rud an-còmhnaidh a thachras, mas e 's gu bheil thu air latha fada a dhèanamh 's latha cruaidh a' creic, a' mhionaid a stadas tu a reic 's ann a dh'fhalbhas an guth agad. 'S dòcha an ceann uair an uaireadair an dèidh dhut a bhith deiseil a' creic nach urrainn dhut mòran bruidhinn a dhèanamh le duine sam bith. Ach an-còmhnaidh, an làrna-mhàireach, tha thu air chomas tòiseachadh suas a-rithist agus a bhith a cheart cho math.

Uair sam bith a bhithinn leam fhìn, far nach biodh duine gam chluinntinn a bhith ag obair air creic leam fhìn 's ga phractise ciamar a dhèanainn e, agus tric a dh'fhalbh mi le càr às aonais an Òbain gu ruige Sruighlea, a' dol gu margaidhean shìos ann a shin, agus fad an rathaid a' dol sìos 's fad an rathaid a' tilleadh air ais, cha bhithinn-sa a' dèanamh sìon ach ag obair air creic 's air auctioneer-aigeadh, fad an t-siubhail a' dol sìos, fad an t-siubhail a' tilleadh air ais. Nan cluinneadh duine mi ga dhèanamh, tha mi cinnteach gun robh iad cinnteach gum bu chòir dhomh a bhith anns an taigh mhòr, ach 's e sin fhèin an aon trèanadh a gheibh thu. Agus tha fhios a'm nuair a chluinneas tu fear-creic, no auctioneer, anns a' bhogsa, gu bheil e a' dol uabhasach fhèin luath, ach chan eil ann ach... air a bhith ag obair air sin a dhèanamh, cho... 's mar as trice a nì thu e 's ann as fhasa a tha e a dhèanamh. Tha mi a' smaointinn gur e an aon samhla a bheirinn seachad dhut, tha an dàrna seinneadair a chluinneas tu a' seinn math air seann òrain no òrain throm a ghabhail, agus cluinnidh tu seinneadairean eile a tha math air puirt-à-beul, agus tha mi a' smaointinn gur ann an aon rud, gur ann mar sin a tha an obair againne. Ma tha thu air chomas a dhèanamh, nì thu e. 'S mura bheil air chomas a dhèanamh, chan eil dòigh a nì thu e.

Airson an obair a dhèanamh cho math 's a ghabhas e dèanamh, tha mòran agad ri dhèanamh ron àm. Mar eisimpleir, ma gheibh thu ann an contact leis na dròbhairean a bhios a' tighinn a cheannach an stoc, 's gu bheil fhios agad air a h-uile duine a tha a' tighinn, nì thu gu math cinnteach gu bheil gu leòr a' tighinn a bhios ann airson deagh fhèill a dhèanamh dheth. Agus a bharrachd air a sineach, nuair a gheibh thu eòlas air gu leòr dhiubh, feadhainn nach urrainn tighinn, bheir iad sineach gu math tric òrdan dhut airson stoc a cheannach dhaibh, agus tha sineach na chuideachadh mòr do dh'auctioneer ma tha òrdan agad airson stoc a cheannach do dhuine eile. Tha sin a' toirt dhut an teansa prìs a' chruidh no na caoraich a thòiseachadh dheth far am bu mhiann leat sin a dhèanamh. Mura bheil òrdan agad feumaidh tu feitheamh gus am faigh thu a' chiad tairgse on fheadhainn a tha mun cuairt na ring. Feumaidh tu bhith uabhasach fhèin beachdte gu bheil fhios agad glè mhath gu cho goirid le deich notaichean an ceann airson beothaichean cruidh agus cho goirid le not an ceann airson beothaichean caoraich gu dè as d' fhiach iad. 'S nuair a tha fhios agadsa dè as d' fhiach an stoc, thèid agad an uair sin air an luchd-ceannach a tha mun cuairt na ring air do bheulaibh a chumail a' dol chun na prìse a tha sin.

Prìsean air stoc an-diugh, bidh iad diofraichte an ceann dà mhìos. Bidh iad suas no bidh iad sìos. An aon dòigh air an cùm thu beachd ciamar a prìsean a' dol, 's e a bhith a' leantail nam pàipearan, agus chan ann idir a-mhàin na tha thu a' creic anns a' mhargaid agad fhèin, ach na thathar a' creic ann am margaidean eile air feadh na dùthcha air fad. Tha na reports ga thoirt seachad anns na pàipearan air na margaidean sin dè a' phrìs a tha an stoc a' dèanamh an ceann 's dè tha iad a' dèanamh an kilo, dè seòrsa as fheàrr a tha a' creic 's mar sin air adhart. Agus air uachdar sineach agus... agus rud a tha gu math fhèin cudromach, gum bi sinn mar auctioneers a' leantail margaidhean eile le bhith a' dol annta agus a' seasamh a-staigh annta sineach 's a' faicinn dè a' phrìs a tha an stoc a' dèanamh ann am margaidhean eile, mar a tha leithid Sruighlea 's Peairt, 's tha mise an-còmhnaidh annta sineach, gu h-àraid aig amannan trang dhen bhliadhna, tha mi annta uair as t-seachdain. Chan e a-mhàin gu bheil mi a' faicinn gu dè tha an stoc a' dèanamh anns a' mhargaid sin, ach gu math tric chì mi cò tha a' ceannach an stoc anns a' mhargaid sin, 's ma tha mi a' faicinn stoc a' dol tron mhargaid ann an Sruighlea no ann am Peairt, dhen an aon t-seòrsa 's a tha mi fhìn a' dol a reic an ceann seachdain no cola-deug, either anns an Òban ann a sheothach no ann an gin dhe na h-Eileanan, thèid agam air a dhol chun an duine sin agus crathadh làimh a thoirt dha agus feuchainn ri bhòidneachadh a-nuas chun an fhèill. No mura tèid agam air a thoirt a-nuas, fìor dheagh theansa mum fàg mi e gum bi e air òrdan a thoirt dhomh beothaichean a cheannach dha.

Tha mòran diofar dòighean ann aig an fheadhainn... luchd-ceannach air na tairgsean a dhèanamh. Bidh feadhainn aca, sgrìobaidh iad taobh na sròine. Bidh feadhainn eile aca sgrìobaidh iad a' chluais. Tha a h-uile diofar dòigh aca air an tairgsean a dhèanamh, 's chan eil sìon... chan eil seothach ach airson na tairgsean aca fhèin a chumail am falach air cuideigin eile a dh'fhaodadh an aire a thoirt dhaibh a' cur tairgse ann. Agus tha mòran de ghoimh aig feadhainn aca dha chèile, agus nuair a bhios iad a' toirt... a' faicinn gu bheil an dàrna duine às dèidh leithid seo a stoc, feuchaidh iad ri tairgsean a chur nan aghaidh airson an daoradh orra, ma tha goimh aca dha chèile. Sin an dòigh 's gu bheil iad a' cumail a h-uile sìon cho falach. Tha a sheòrsa fhèin a dhìth air a h-uile duine a tha mun cuairt na ring agus tha e a' tilleadh air ais ma tha thu air d' obair a dhèanamh oidhche no dhà ron àm le bhith ann an... ann an contact leis na daoine a tha sineach. Tha fhios agad cò tha a' tighinn 's tha fhios agad dè seòrsa stoc a tha a dhìth orra, 's nuair a thig an stoc a tha sin a-staigh dhan ring, tha fios agad air co-dhiù duine no dithis a choimheadas tu thuca sineach air sàillibh gur e stoc a tha a' freagairt orrasan a tha a-staigh agad anns an ring. Cumaidh tu sùil gheur gu h-àraid orra sin. Chan eil sin ri ràdh nach fheum thu sùil a thoirt mun cuairt air a h-uile duine eile san ring cuideachd, ach an-còmhnaidh 's e... tha fhios agad cò na daoine a tha buailteach air an stoc a cheannach agus sin an fheadhainn as mionaidiche a chumas tu sùil orra. Sin an dòigh air am faic thu ciamar a tha iad ga dhèanamh.

'S ioma h-uair a chaidh gnothaichean ceàrr orm, nuair a thug mi fa-near cuideigin a' sgrìobadh na sròine mu chuairt no a' sgrìobadh na cluaise 's dùil a'm gun robh iad a' cur tairgse ann am beothach - cha b' e sin a bh' ann ach rudeigin eile - agus a' cur sìos a' bheothaich orra. 'S ioma duine bochd, tha mi a' smaointinn, a theab bualadh-cridhe a ghabhail a thaobh ainm èigheach a-mach, 's dòcha damh mòr aig seachd ceud not air a chur sìos orra. Ach feumaidh duine sin a ghabhail mar rudan a thachras air latha fèille, agus chan eil dòigh air ach a' chiad phrìs a rinn e, feumaidh tu sineach a thoirt seachad dhan duine a reic e, 's a h-uile beothach a chur a-staigh tron ring turas eile, 's ma bhios call ann 's e call obair-latha a tha sineach airson am firm. Ach tachraidh e an-còmhnaidh... chan e nach bi mi uaireannan car buailteach air rudan dhen t-seòrsa sin a dhèanamh air daoine, ma tha mi car leth-eòlach air... idir orra a' cur sìos rudan nan ainm dìreach airson, mar a thuirt mi, togail-inntinn a thoirt dha na daoine, 's ma thòisicheas daoine air gàireachdaich 's a' faicinn cuideigin a' dol ann am briomlaid uabhasach a thaobh beothach a bhith air a chur sìos na ainm 's e a' crathadh a làimh 's ag èigheach, 'A Dhia m' anam, chan ann leamsa e. [?Chan eil de sgillinn] agam a phàigheas air a shon'. Rudan dhen t-seòrsa sin nì iad togail-inntinn anns a' mhargaidh 's bidh sinn ga dhèanamh o àm gu àm dìreach airson togail-inntinn a thoirt seachad dha na daoine, ach cha dèanainn e ach ri cuideigin a bha mi co-dhiù leth-eòlach air.

Air a thòisich mise a' dol a-mach dha na h-Eileanan an toiseach an ceann mo chosnaidh, agus 's ann ann am Barraigh a bha sinn aig sale-aichean an earrach, agus aig an àm sin bhiomaid a' creic stoc air dà cheann Bharraigh, ann an Eòlaigearraidh agus ann am Bàgh a' Chaisteil. Gu mì-fhortanach, theirig an fhèill ann am Bàgh a' Chaisteil. Chan eil sinn a-nist ach a' creic ann an Eòlaigearraidh. Agus a' bhliadhna a bha seo, 's e a' chiad... air a' bhliadhna air deireadh againn ri bhith a' creic stoc ann am Bàgh a' Chaisteil, agus bha duine uabhasach fhèin gasta leis an canadh iad Andrew Nairn à Dunfermline còmhla leam a-muigh a' ceannach stoc. Fìor dhuine èibhinn, de dheagh dhuine ann an companaidh. 'S air a ràinig sinn a-nuas Bàgh a' Chaisteil, cha robh ann ach dà bheothach ri reic. 'S e aon mhart a bh' aig an t-sagart agus gamhainn beag aig croitear ann am Barraigh. Cheannaich fear dhe na dròbhairean Gallta an t-seann mhart aig an t-sagart, agus cheannaich Andrew Nairn an gamhainn beag a bha seo. Agus co-dhiù am feasgar sin, nuair a chaidh sinn suas dhan Chraigard, chuir sinn seachad treiseag ann a shineach, smaoinich mise gum fònainn am BBC ann an Obar Dheathain agus gun toirinn dhaibh rud ris an canadh iad market report, sale Bharraigh, rud a bhios sinn a' dèanamh fhathast chun an latha an-diugh. Agus thug mise dhaibh am market report, sale Eòlaigearraidh, 's an sineach an report air sale Bhàgh a' Chaisteil, agus thuirt mi riutha gun robh an duine a bha seothach, Andrew Nairn, ann am Bàgh a' Chaisteil, a' chiad turas riamh ann am Barraigh, agus gun do cheannaich e dàrna leth an stoc a bh' aig an fhèill, ach cha tuirt mi idir cò meud a bh' ann. Uill, bha a' bhean aig an duine sin gu math fiosrachail gum bitheadh 's dòcha dramannan 's rudan a' dol air adhart nuair a bhiodh iad a-muigh anns na h-Eileanan, 's chuala i seothach air a' wireless am feasgar sin. Chaidh i às a ciall, 's bha i a' fònadh Barraigh 's bha i a' fònadh Uibhist gus an d' fhuair i grèim air an duine 's i cinnteach gun robh e air leth-cheud no trì fichead gamhainn a cheannach agus gun bhiadh aca a-staigh air an son.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good