Search

'Ille Dhuinn on dh'Fhàg Thu Mi

Date 1996
Track ID 99028
Part 1

Track Information

Original Tape ID

MOD 1996 011

Summary

A mother's lament that her son is leaving.

Item Notes

Recorded at the Royal Natioanl Mòd.

Recording Location

County - Perthshire

Parish - Blairgowrie

Village/Place - Blairgowrie

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

BBC

Transcription

'Ille dhuinn on dh'fhàg thu mise,
'Ille dhuinn on dh'fhàg thu mi,
'Ille dhuinn on rinn thu m' fhàgail,
Soraidh slàn leat gràidh mo chridh'.

Còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu,
A' chiad uair a dh'fhàg thu mi,
'S e mo chridhe-sa fhuair fhàsgadh,
'S neònach nach do dh'fhàs mi liath.

Gur muladach a rinn thu m' fhàgail,
Gur muladach a dh'fhàg thu mi,
Tha mi 'n-diugh am freastal Màiri,
Dhan t-seachdnar a dh'àraich mi.

'S iomadh màthair tha fo smalan,
Agus leannan tha gu tinn,
Bhon a sheòl am Metagama,
Leis na balaich às an tìr.

'S iomadh oidhche 's càch nan cadal,
Aig an teine 's mi leam fhìn,
Chluinninn fuaim do chois tighinn dhachaigh,
'S bhiodh tu gabhail duanag ghrinn.

Cha do chreid mi riamh an fhìrinn,
'S tu ga innse dhomh le cinnt,
Gus do shìn thu ghaoil do làmh dhomh,
"Seo, a mhàthair, beannachd leibh".

'S ann nam sheasamh aig an doras,
Bha mi coimhead às do dhèidh,
Seachad Ruaidheabhal nan gearrach,
Anns a' charbad aig MacLean.

Nuair a thèid mi chun a' chladaich
Is a chì mi 'n cuan an iar,
Bàrr air tha cho geal ri faoileig,
Saoil a bheil mo ghaol-sa tinn.

Thug thu m' aire far a' chadail,
Ged rachainn dhan leabaidh sgìth,
Thug thu m' aire far mo chàirdean,
Thug far clann mo mhàthar fhìn.

Cha chluinn mi do ghuth, a Dhòmhnaill,
Beul nan òran bha leam binn,
Ach ag èisteachd eòin an adhair,
'S gul na h-eala air Loch Bì.

'Ille dhuinn on dh'fhàg thu mise,
'Ille dhuinn on dh'fhàg thu mi,
'Ille dhuinn on rinn thu m' fhàgail,
Soraidh slàn leat gràidh mo chridh'.

Source Type

Cd

Audio Quality

Good