Search

Mar a bhite a' dèanamh chrann.

Date October 1983
Track ID 99460
Part 1
Part 2
Part 3

Track Information

Original Track ID

SA1983.135

Original Tape ID

SA1983.135

Summary

The manufacture of wooden ploughs.

The contributor says that his uncle Neil was the main maker of ploughs in South Uist. He would construct up to twenty during winter and spring. A detailed account is given regarding individual parts (e.g. an druim; an làmh mhòr; an geadha; an t-sàileag; soc; bòrd-ùireach).

Information on coffins and wheels is also found here.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): A bheil sibh deiseil airson tòiseachadh, ma-thà?

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill (DI): Aidh, tha mise deiseil, aidh.

DE: Uill, 's e an gnothach a bh' againn ann a shiud, thòisich sinn air bruidhinn air na... air na cruinn-fhiodh 's na gnothaichean sin. Saoil an innis sibh dhuinn... bha sibh a' ràdh, tha mi a' smaoineachadh gur e bràthair ur n-athar, Niall, nach e? 'S e a bhiodh a' dèanamh nan crann timcheall an seo.

DI: 'S e. 'S e a bha a' dèanamh nan crann riamh, fhios agad, ann a sheo, dhan eilean mar gum bitheadh air fad, agus bha na h-òrdain a' tighinn thuige o gach duine, fhios agad, eadar dà cheann Uibhist a Deas uile. Cha robh e gan dèanamh ach an Uibhist a Deas fhèin, agus 's e... 's e na cruinn-fhiodha a bha iad ag ùisneachadh anns an àm a bha sineach, fhios agad, uile airson treabhaidh. Bha dìreach beagan dhe na cruinn-iarainn air tighinn dhan dùthaich anns an àm, ach 's e na cruinn-fhiodha fhèin, fhèin a bha iad ag obrachadh air fad ann. Agus 's e esan a bha a' dèanamh a' mhòr-chuid dhiubh, a' chuid bu mhotha dhiubh chanainn, dhe na bha... dhe na bhathar a' dèanamh ann an Uibhist. Chan aithne dhòmhsa gun robh duine eile a' dèanamh gin dhiubh. Bha duine no dithis a' feuchainn, ach dhèanadh iad 's dòcha, fhios agad, cruinn dhaibh fhèin, ach 's ann... duine sam bith a bha airson crann a dhèanamh airson treabhaidh, 's ann thuigesan a thigeadh iad, agus bha e a' faighinn nan òrdan. 'S bha an gnothach a' dol - tha cuimhn' agamsa, a h-uile h-earrach, 's ann a-null às dèidh na Bliadhn' Ùire... tha deagh chuimhn' agam nuair a bha mi beag ann a sheothach, bhiodh na litrichean a' tighinn o chuideigin às a' cheann a deas, shuas eadar Baghasdal 's Cille Bhrìghde 's Dalabrog 's na h-àiteachan sin airson crann a dhèanamh dhaibh. 'S dòcha gun tigeadh an litir, can, a-null ann an December, agus a-null gu January, agus bha na cruinn uile ri bhith air an dèanamh mun tigeadh àm treabhaidh, 's cha robh àm treabhaidh an uair sin a' tòiseachadh agad gu a-null deireadh April, tha mi a' creidsinn. Agus bha na cruinn ri dhèanamh an uair sin, 's tha cuimhn' agam math gu leòr gum biodh e a' dèanamh suas ri, uaireannan, anns an ùine a bha sineach bha e a' dèanamh suas ri fichead crann.

DE: Bha sin eadar an geamhradh agus an t-earrach?

DI: Eadar toiseach... eadar toiseach January, chanainn, agus dìreach àm treabhaidh. Sin deireadh... deireadh April. Bha e a' dèanamh suas ri fichead crann ann a shineach. Bha e a' tarraing an fhiodh, bha e a' tarraing an fhiodh, fhios agad, dhachaigh à Glaschu. Pìosan mòra leathanna de fhiodh. Tha mi a' creidsinn gum biodh aon trì troighean a leud annta. Bha seo a-nist airson drim nan crann. Agus bha a-nist na pìosan eile a' tighinn aig an aon... aig an aon size airson làmhan nan crann, agus pìosan eile airson cnagan mòra leathanna airson a' bhòrd-ùiridh. Uill, am pìos leathann a bha seothach a bha a' tighinn airson dromannan nan crann, an drim aca.

DE: Nist, 's e an drim... 's e an drim a bha gu h-ìseal, an e?

DI: No... an drim... an drim... chanadh tu ris an drim, fhios agad, seo am pìos a bha air thoiseach. Bha e a' tighinn ann an laghadh air mar seothach, fhios agad, ann an aghaidh a' chruinn, agus bha a-nist... bha sin ri shàbhadh leis an t-sàbh-beairte, an sàbh-beairte, agus bha mi fhìn tric gu leòr ag obair leis an t-sàbh-beairte a bh' ann a sheo. Bhiodh duine gu h-àrd, chuireadh tu air sloc-sàbhaidh e, agus bha an duine gu h-àrd ag obair... grèim aige air dà handle a bha a-mach às a' chrann gu h-àrd, agus bha duine eile gu h-ìseal, agus bha thu a' dol roimhe, agus bha an rud air a mharcadh, fhios agad, dìreach am mould aig drim a' chruinn, air a' mhaide.

DE: Agus 's e iarann rudeigin caol a bhiodh anns an t-sàbh a bha sin, anns an t-sàbh-beairte, an e?

DI: Ò, dìreach gu math caol. Cha robh an t-iarann a bh' ann ach mar gum biodh... mar gum faiceadh tu ann an hacksaw, ach gun robh e fada, fhios agad.

DE: Agus an e fiaclan meanbh a bh' ann? Air neo an robh iad rudeigin mòr?

DI: Uill, bha iad na bu mhotha... ò, bha iad car mòr. Bha iad caran mòr. Cha robh iad uabhasach mòr idir. Chanainn gun robh iad dìreach mar gum biodh crosscut beag sam bith a gheibheadh tu, fhios agad. Cha robh iad sìon na bu mhotha na sin.

DE: Agus dè an fhaid a bh' anns an t-sàbh-beairte a bha sin? Am biodh...

DI: Uill, chanainn gum biodh aon cheithir troighean co-dhiù a dh'àird ann mar sineach suas. Agus bha na pìosan a bha seo gu h-àrd airson grèim a dhèanamh air.

DE: Bha. 'S bha dà far am faigheadh tu grèim le do dhà làimh gu h-àrd. Agus an duine a bha gu h-ìseal, bha dà mhaide far am faigheadh esan grèim leis an dà làimh cuideachd?

DI: Bha, bha. Bha grèim aige dìreach air a' mhaide a bha a' dol tarsainn gu h-ìseal, ga obrachadh sìos 's suas mar sineach.

DE: 'S cò air a bu truime a bha an obair? An duine a bha gu h-àrd no an duine a bha gu h-ìseal, a-nist?

DI: Uill, cha chanainn gun robh i mòran na bu truime air an duine a bha gu h-àrd na bha i air an duine a bha gu h-ìseal. Cha robh ann ach car an aon rud, fhios agad. Ach gum feumadh tu dìreach... bha e gu math furasta... 's e an duine a bha gu h-àrd a bha a' leantail a' mhairc a bh' air an fhiodh, a chionn bha e a' faicinn marc a chaidh a chur leis a' phencil, fhios agad, air a' mhaide, agus cha robh an duine a bha gu h-ìseal ach a' toirt cuideachadh dhan fhear a bha gu h-àrd airson sàbh a chumail sìos 's suas. 'S gann nach dèanadh an duine a bha gu h-àrd an gnothach leis fhèin, ach gum biodh e gu math doirbh, fhios agad, an sàbh a chumail cothrom.

DE: Seadh. Agus 's e an duine... 's e an saor fhèin a bhiodh gu h-àrd mar bu trice, an e?

DI: Ò, 's e an saor fhèin a bhiodh gu h-àrd, daonnan, daonnan, daonnan, daonnan. 'S e. A chionn bha an saor, fhios agad, a' leantail a' mhairc a rinn e, 's bha e a' faicinn gun robh e dìreach a' dol chun a' mhairc a rinn e fhèin air a' mhaide.

DE: Agus a-niste, an sloc-sàbhaidh a bha sineach, dè an doimhneachd a bh' ann? Dè a' mheudachd a bh' ann, an leud, no dè an doimhneachd?

DI: Ò, uill, cha robh an leud no a' mheudachd a bh' ann a' dol a dhèanamh atharrachadh sam bith. 'S e an àirde dh'fheumadh a bhith... Dh'fheumadh an àirde a bhith ann airson dìreach gun seasadh an duine gu h-ìseal agus gum biodh am maide os a chionn, fhios agad, agus gum biodh e ag obrachadh an t-sàibh.

DE: Dh'fheumadh e bhith nas doimhne na àirde an duine fhèin?

DI: Ò, dh'fheumadh e bhith na bu doimhne na àirde an duine, fhios agad. Dh'fheumadh, dh'fheumadh, dh'fheumadh.

DE: 'S an robh iad a' cumail sloc-sàbhaidh dhen t-seòrsa seo a dh'aon ghnothach airson sàbhadh, an robh?

DI: Ò bha, bha, bha. Bha an t-àite ann... Bha àite thall ann a sheothach air cùl an taighe, 's e an sloc-sàbhaidh a chanamaid riamh ris. Agus cha robh ann ach pìos a bh' air a dhèanamh aig ceann na h-àtha a bh' ann, fhios agad, agus bha dà phosta mhòr de mhaidean air an cur sìos anns a' chnoc, an taobh a-muigh dheth, agus maidean air an cur tarsainn agus suas mar sineach, agus 's ann a-staigh ann a shineach a bhathar a' dèanamh... bha e dìreach air a thogail os cionn talmhainn, aig àirde tobhta na h-àtha, bheil fhios agad.

DE: Agus aig àirde a sheasadh duine? Cha robh e na shloc sìos anns an talamh idir mar sin?

DI: Ò cha robh, cha robh, cha robh. Cha robh e ach gu h-àrd, dìreach os cionn na talmhainn. Ach a-rithist, às a dhèidh sin, 's ann shuas far a bheil an taigh aig an nighinn againn a-nist, aig Mairead, an taobh shuas dheth sineach 's ann a bha... 's e seann tobhta a bh' ann. Cha robh ann ach bothag bheag agus bha i dìreach mar gum biodh i air a dèanamh airson sloc-sàbhaidh. Bha i dìreach... bha i mu letheach leud an rùim a th' ann a sheothach, agus cha robh ach na maidean a chur tarsainn air a' mhullach aice agus bha i na sloc-sàbhaidh, dìreach air a dèanamh thuice.

DE: Seadh. 'S chan fhaca sibh riamh sloc-sàbhaidh a bhith air a leigeil sìos dhan talamh, mar gum bitheadh? Toll air a leigeil sìos, sloc mar gum bitheadh.

DI: Chan fhaca mi idir gin riamh. Chan fhaca mise gin riamh dhiubh.

DE: Co-dhiù, tha... cùmaibh oirbh. 'S e an duine a bha gu h-àrd a bha a' leantail a' phàtrain?

DI: 'S e, 's e.

DE: Agus bha seo an drim?

DI: Bha e a' cumail suas... bhathar an uair sin, fhios agad... an drim air a thogail, bheireadh e, tha mi a' smaointeachadh... tha mi a' smaointeachadh gura h-e... gun toireadh e ceithir dromannan chrann às an aon phlanga mòr a bha sineach. Mar a bha iad air an obrachadh aige, mar a mharcadh e an toiseach iad, bha an drim a' tighinn a-nuas mar seo agus bha fear eile a-nist a' dol... an lag a bha gus a bhith ann, bha e a' tighinn a-staigh ann far an robh am bogha gu h-àrd air an drim eile. Bha a dhà dhiubh sin a' tighinn às a' cheann seo dheth, agus bha a dhà a' tighinn às a' cheann eile, fhios agad, dhen phlanga mhòr leathann a bh' ann a sheothach.

DE: Nist, dè fiodh... dè seòrsa fiodh a bh' anns na plangannan a bha sineach?

DI: Tha mi a' smaoineachadh gura h-e... chanainn gura h-e... tha mi a' smaoineachadh gur e leamhan a bh' ann. Larch, nach e?

DE: Dìreach. 'S e.

DI: 'S e fiodh... fiodh ruadh, fiodh ruadh... agus cha robh sìon de mheòirean idir ann. 'S e fiodh ruadh a bh' ann.

DE: Agus fiodh meadhanach cruaidh, an e?

DI: Ò, bha e gu math cruaidh. Bha e gu math cruaidh. Uabhasach cruaidh. Uabhasach cruaidh.

DE: 'S bhiodh obair gu leòr an sin a shàbhadh, tha mi cinnteach?

DI: Cha robh e uabhasach doirbh a shàbhadh idir. Cha robh, cha robh. Cha robh e doirbh a shàbhadh idir. Bha... 's dòcha gun robh deagh inghear air an t-sàbh a bh' ann, cò aige tha fios, ach tha cuimhn' a'm gun robh e a' dol troimhe uabhasach fhèin math co-dhiù.

DE: Agus 's e sàbh Gallta a bha seo, anns an t-sàbh-beairt, an e?

DI: Chan e, chan e. Sàbh Gàidhealach a bh' ann.

DE: An e? 'S cà robh iad a' dèanamh nan iarann ma-thà?

DI: Uill bha iad a' faighinn... tha mi cinnteach gun robh iad a' faighinn an iarainn Gallta. An t-iarann Gallta. Ach am frèam a bh' aige, fhios agad, bha sin... 's e frèam Gàidhealach a bh' ann. Cha robh ann ach dìreach mar gum bitheadh maide tarsainn mar siudach, maide suas air gach taobh, 's maide tarsainn mar siud, agus àite ann a sheo far an rachadh... far an rachadh an t-iarann gu h-àrd agus gu h-ìseal far an rachadh an t-iarann a-rithist ann. Agus an t-àite gu h-àrd mar siud agus maide tarsainn air a mhuin. Bha e uabhasach sìmplidh mar a bha e air a dhèanamh. Ach cho Gàidhealach 's a ghabhadh e. A h-uile sìon dheth cho Gàidhealach 's a ghabhadh e, ach an t-iarann fhèin.

DE: Agus tha cuimhn' agaibhse math gu leòr air bràthair ur n-athar a bhith a' sàbhadh... a' dèanamh nan crann mar sin?

DI: Ò Dhia tha. Dòcha gun robh mi fhìn a' sàbhadh còmhla ris.

DE: An robh sibh a' sàbhadh còmhla ris? 'S e seo a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd.

DI: Bha, bha. Bha mi fhìn a' sàbhadh còmhla ris. Agus cuideachd leis... bha sàbh eile aige, fhios agad, a bhiodh a' sàbhadh na... anns na plangannan mòra, fhios agad, a' sàbhadh dèileachan caola aig an leud sin. 'S e sàbh mòr a bha sin, 's tha mi a' smaointeachadh... tha mi a' smaointeachadh gu bheil e ann fhathast, gu bheil e shuas anns an fhìor sheann taigh a th' ann a shineach. Tha e air meirgeadh a-mach. 'S e sàbh mòr, mòr fada a bha sin, 's bha fiaclan mòra, mòra air, fhios agad. Rachadh am fear sin tro maide, ach chan e... chan e... an sàbh-beairte a bha seo... chan eil leithid an t-sàbh-beairte...

DE: Agus an e... am biodh dithis ag obair leis an t-sàbh a bha sineach cuideachd?

DI: Dithis ag obair leis an fhear sin cuideachd, dìreach air an aon sloc-sàbhaidh. An aon seòrsa.

DE: Ach 's ann airson dèileachan caola a bha seo?

DI: 'S ann airson... 's ann airson dèileachan a bha sin, can... uill, cha robh e a' dol idir rim linn-sa, ach bha roimhe sin. Bhiodh e a' sàbhadh airson... fhios agad... 's e a bhiodh a' dèanamh nan cisteachan-laighe ann a sheo cuideachd. Agus cha robh fiodh an uair sin a' tighinn idir air an son, agus 's e an sàbhadh a dh'fheumadh iad a dhèanamh anns a' phlanga mar gum bitheadh, oir 's e sàbh mòr a bha seo a-nist a bhathar a' dèanamh... can gum biodh plang agad anns am biodh còig òirlich a thighead, agus aon sia no seachd a dh'òirlich a leud, uill bheireadh tu aon cheithir de dhèileachan mòra às a sin... às an fhear sin.

DE: Dìreach. Agus bhiodh iadsan... cha bhiodh iad meadhanach tana, am bitheadh? Dè an tighead a bhiodh annta?

DI: Ò uill, chanainn mu leth-òirleach no trì-chairteal a dh'òirlich.

DE: Dìreach. 'S ghabhadh iad sin lùbadh an uair sin?

DI: Ghabhadh iad sin lùbadh. Bhiodh iad... bhite gan lùbadh sin, fhios agad, a-rithist leis na [???] airson nan cisteachan-laighe.

DE: Agus, ged a tha sinn a' dol beagan far ar sgiùil ann a sheo, bheil cuimhn' agaibh airsan a' dèanamh nan cisteachan-laighe cuideachd?

DI: Ò Dhia bha mi tric gu leòr còmhla ris gan dèanamh cuideachd. Bha, bha. Bha, bha. Bha mi tric gu leòr còmhla ris gan dèanamh.

DE: Ach bhathar... bhathar air sgur a shàbhadh nan dèileachan?

DI: Bha, bha. 'S an uair sin, fhios agad, gheibheadh tu fiodh... bha fiodh a' tighinn, bha iad ga tharraing shuas a Loch Baghasdail, fhios agad, feadhainn mar a bha... mar a bha... tha mi cinnteach gura h-e... 's e an Crofters a th' ann an-diugh, ach 's e Bùth a' Ghiliosaich a bh' ann anns an àm a bha sineach, fhios agad, 's bha iad sin a' tarraing an fhiodh. Bha fiodh agus na mountings 's a h-uile sìon a rachadh air a' chiste-laighe ga fhaighinn. Bha a h-uile sìon riamh a' tighinn ann a sheo, mar gum bitheadh. Cha robh sìon on t-saoghal aigesan ri dhèanamh ach a chur na chèile.

DE: Cha robh. Ach ron a sin, 's e e fhèin a bha a' dèanamh a h-uile sgath dheth?

DI: 'S e e fhèin a dh'fheumadh a h-uile sìon a dhèanamh. Cha robh duine ach a' cur a-staigh an òrdain thuige, fhios agad, gum feumte a leithid a dhèanamh. 'S uill, dh'fheumadh e tòiseachadh air sàbhadh an fhiodh, 's dh'fheumadh am fiodh a bhith aige, airson sàbhadh e fiodh a-mach às na plangannan a bh' ann a shin.

DE: Uill, tha... niste... am planga a bhiodh aca airson an drim a dhèanamh, dè a' mheudachd a bhiodh... dè an tighead a bhiodh anns a' phlanga a bha sin? An drim... airson drim a' chruinn a dhèanamh.

DI: Ò uill, an tighead, dh'fheumadh... dh'fheumadh tu, tha mi a' creidsinn, trì òirlich gu leth co-dhiù ann, mura biodh... tha mi a' smaointeachadh gura h-e mu... uill, chanainn... canaidh mi trì òirlich. Canaidh mi trì òirlich [???]. Dh'fheumadh a thighead a bhith ann an drim a' chruinn, so sin an tighead a bh' anns a... a bh' anns a' phlanga, fhios agad. Gheibheadh esan dhachaigh... gheibheadh esan dhachaigh am planga airson dìreach a bhith dèante aig an tighead a dh'fheumadh a bhith ann an drim a' chruinn.

DE: Agus dè an uair sin an doimhneachd a bhiodh anns an drim, mar gum bitheadh? Dè...

DI: An doimhneachd, bhitheadh... tha mi a' creidsinn ceithir òirlich co-dhiù ann. Ceithir òirlich ann.

DE: Agus an fhaid an uair sin. Dè... an toir sibh tuairmse air a sin?

DI: Uill, chanainn gum biodh aon ceithir troighean co-dhiù, chanainn.

DE: Anns an drim?

DI: Anns an drim, a dh'fhaid. Dìreach on a bha i... on a bha i a' ceangal ris a' chrann, gus an robh dìreach an gob a-muigh far an rachadh, fhios agad, dà iarann. 'S e na kicks a chanadh iad riutha. 'S e an t-ainm Beurla a bha sin aca co-dhiù. Ach 's e... chanainn gun robh dìreach mu cheithir troighean ann uile-gu-lèir.

DE: Seadh. Agus bhiodh cumadh, mar gum bitheadh...

DI: Bha an cumadh a bha sin a' tighinn air, fhios agad, bha e dìreach a' falbh o làmh-mhòr a' chruinn, agus a' dol a-mach agus suas mar sin, agus a-mach mar sin.

DE: Seòrsa de bhogha, mar gum bitheadh?

DI: Seòrsa de bhogha anns a' mheadhan, fhios agad. Dìreach mar a chitheadh tu air na cruinn-iarainn. Bha iad a' dèanamh air na cruinn-iarainn an aon rud.

DE: Car an aon seòrsa rud?

DI: 'S e an aon seòrsa gun atharrachadh. 'S e... cha mhòr nach e... faodaidh tu chantail gur e an aon shape a bh' air a' chrann-fhiodh agus a bh' air a' chrann-iarainn.

DE: Seadh a-nist. Ceart ma-thà. Sin agaibh an drim. An robh sìon eile... an robh sìon eile a tha sibh ag iarraidh innse dhomh mun an drim?

DI: Uill, chan eil mi a' smaointeachadh gun robh mun drim. Bha an drim mar sin. Uill, nist, bha dà làimh, a chanadh iad riutha. Chanadh iad an làmh-bheag agus an làmh-mhòr. Uill, 's e an làmh-mhòr, bha i a' tighinn dìreach a-nuas o dhrim a' chruinn agus 's ann leis an làimh-mhòir, fhios agad, a bha an drim air a cheangal. Bha an drim air a dhèanamh... bha slope air a thoirt air mar siudach, far an rachadh e dìreach ris an làimh-mhòir agus a' tighinn air a fad mar seo a-mach. Agus bha an làmh-bheag a-nist a' tighinn a-mach mar siud bhuaithe, mar seo, agus bha...

DE: Bha e dìreach mar gum bitheadh aig angle mar sin, aig slope, an ann a bha i a' tighinn a-mach bhuaithe?

DI: 'S ann, 's ann, 's ann. 'S ann anns a' chiad dhèanamh mar gum bitheadh dhen chrann, chanadh tu, bha dìreach an drim air a cheangal ris an làimh-mhòir, agus bha a h-uile sìon dìreach ann an loidhne dhìreach, dìreach mar seo. Agus bha an uair sin... bha an uair sin pìos ris an canadh tu... ris an can iad an geadha.

DE: An geadha?

DI: An geadha. Bha seo a' dol suas agus a' dol a-staigh le teanga air a dèanamh air, caol, agus bha sloc air a dhèanamh airson na teanga a bha seothach, a-staigh anns an drim gu h-ìseal. Agus bha an teanga a bha seo a-nist a' dol a-staigh dhan drim gu h-ìseal, agus bha e a' tighinn a-nuas le car de chàrr on an aghaidh, agus bha a-nist an làmh-mhòr a' falbh suas bhuaithe chun an aghaidh... chun an taobh eile, agus bha cnag eile a' tighinn an uair sin air a chùlaibh sin, agus i a' ceangal ris an làimh-mhòir, agus sin rud ris an canadh iad an t-sàileag.

DE: An t-sàileag?

DI: An t-sàileag. Mar gum bitheadh, the heel. An t-sàileag. Uill, bha a h-uile sìon dheth sineach agad mar gum bitheadh ann an loidhne dhìreach, agus bha an uair sin bonn a' chruinn agad mar siud, an t-sàileag agus bonn a' gheadha dìreach dìreach mar siud. Agus 's ann an uair sin bha an làmh-bheag a' dol leis a-mach air an taobh seo, air an taobh dheas, agus cnag a' dol anns a' mheadhan eadar an dà làimh, gan teannachadh ri chèile.

DE: Agus an robh a' chnag a bha seo, an robh i a' toir biorach ro... no ciamar a bha i...

DI: Ò bha i a' toirt biorach, dìreach air rèir mar a bha am fosgladh, fhios agad, a bha eadar an dà làimh.

DE: Caran coltach ri triangle, mar gum bitheadh?

DI: Dìreach mar gum bitheadh triangle. Bha i dìreach a' gabhail a-staigh dhan eag a bh' anns a' mheadhan, dìreach eadar an dà rud, agus bha i a' lìonadh... bha i mar gum bitheadh a' lìonadh eadar an dà rud, agus bha i mar gum bitheadh, tha mi a' creidsinn gan cumail o chèile 's gan cumail firm. Agus uaireannan... aig uaireannan chan e cnag a chuireadh iad ann idir, ach mar bu trice 's e cnag a bhithinn-sa a' faicinn aigesan. 'S e rud ris an canadh iad crann-tarraing a chuireadh iad ann. Bha seo mar gum bitheadh... mar gun canadh tu anns a' Bheurla dowel mòr fiodh a bha a' dol a-staigh dìreach tarsainn mar siudach, agus tha mi cinnteach gun robh e a cheart cho math, ach 's e a' chnag bu trice a chunna mise aigesan, ga chumail ris.

DE: Agus crann-tarrann mar sin, 's ann air fiodh a bha i fhèin air a dèanamh, an ann?

DI: Air fiodh a bha i fhèin air a dèanamh.

DE: Agus dè... 's ann cruinn a bhiodh i, an ann?

DI: Cruinn, cruinn, cruinn.

DE: Agus de an tighead a bhiodh innte?

DI: Ò bhiodh i mòr, an tè a bha a' dol anns na cruinn, fhios agad, bha i garbh. Tha mi cinnteach gum biodh i cho garbh ri bobhla na pìoba ann a shiudach.

DE: Seadh, can òirleach. Bhiodh òirleach co-dhiù innte?

DI: Ò bhiodh òirleach co-dhiù... ò bhiodh òirleach co-dhiù, co-dhiù a leud innte. Bhitheadh.

DE: Seadh. Agus bhiodh i sin a' dol a-staigh... bhiodh an dala taobh dhith a' dol dhan an làimh-mhòir, agus an tè eile dhan...

DI: An dàrna taobh dhan làimh-mhòir agus bha i a' gearradh tarsainn ron mheadhan agus a' dol a-mach chun na làimh-bige, agus bha e dìreach... bha iad air an ceangal teann còmhla mar gum bitheadh ann a shin. Ach 's e aon turas a chunna mise crann riamh agus a' chrann-tarraing ann, a chionn mar a bha esan riamh, chan fhaca mise riamh esan a' cur na cnaige a bha seo, fhios agad, anns a' mheadhan.

DE: Seadh. Agus an robh tàirngeadh sam bith... an robh tàirngean a' cumail na...

DI: Na crann-tarraing?

DE: Seadh. Chan e, ach a' dol dhan a' chnaig a bha sineach. Ciamar a bhathar a... ciamar a bhathar a' [?tàirngeadh] mar gum bitheadh na làmhan ris...

DI: Ò uill, bha. Bha iad air an tàirngeadh ri chèile, fhios agad. Bha an làmh-bheag air a tàirngeadh, fhios agad, ris a' chrann, agus bha tàirngean a' dol anns a' chnaig cuideachd. Bha an dà làimh air an tàirngeadh ris a' chnaig a bh' ann a sheo. Bha a h-uile sìon dìreach mar gum biodh e air a dhèanamh, air a cheangal ri chèile, fhios agad.

DE: Agus an e tàirngean meadhanach mòr a bha seo?

DI: Uill, chanadh tu dìreach tàirngean dà òirlich no...

DE: 'S e feadhainn meadhanach goirid mar sin?

DI: Aidh, aidh. Ò 's e. Cha bhiodh iad...

DE: 'S e tàirngean meadhanach... agus cha robh ann ach tàirngean a bha thu a' cur ann le òrd? Cha robh boltaichean no [???] no sìon mar sineach?

DI: Cha robh. Uill, bha boltaichean... bobhtaichean a' dol ann a-rithist. Tha mi a' smaointeachadh gur e an gobha, gur e a' chuid bu mhotha... na h-iarainn a bha an gobha a' cur air.

DE: Uh-huh. Fàgaidh sinn sin an-dràsta gu 'n ruig sinn sin. 'S fheàrr dhuinn obair na saorsainneachd, tha mi a' smaoineachadh, a chrìochnachadh an toiseach.

DI: Sin agad e. Sin agad e.

DE: Seadh. Uill a-nist, tha an drim agad, agus tha an dà làimh agad, agus a' chnag, agus...

DI: Bha an uair sin na fearsadan ri chur ann.

DE: Seadh. Uill, a-nist, dè bha seo?

DI: Bha seo a' dol, fhios agad, gu h-àrd, far an robh an dà làimh, can, a' tighinn a-mach mar seothach, agus an dà dhò... na dùirn mar a chanadh iad, 's e na dùirn a bh' air ceann a-muigh nan làmhan, agus bha a-nist pìos an taobh a-staigh dhe sineach, bha dà fhearsad fhiodha a' dol tarsainn eadar an dà làimh. Bhiodh iad... chanainn gum biodh iad mu thrì òirlich dìreach o chèile, an dà fhearsad a bha seo, agus bha iad air an ceangal ri... bha e a' ceangal an dà làimh ri chèile mar gum bitheadh, fhios agad.

DE: Bha. Agus an robh iad seo air an... an ann cruinn a bha iad, na fearsadan a bha sineach? Air neo...

DI: Ò 's ann cruinn, cruinn. Cruinn a bha iad, ach bhiodh iad car... mar is cuimhneach leamsa mar a bha iad, fhios agad, bhiodh iad air am fàgail garbh anns a' mheadhan agus bha iad a' tighinn gu... tighinn na bu bhioraiche nuair a bha iad... far an robh iad a' dol a-staigh, fhios agad, dha na làmhan.

DE: Agus an robh na làmhan air an tolladh, agus na fearsadan...

DI: Bha na làmhan air an tolladh airson an t-àite dhan rachadh iadsan. Bha an dà tholl air an dèanamh airson 's gun rachadh cinn nam fearsadan a-staigh annta air gach taobh.

DE: Agus bha iad a' fiotadh dìreach gu snog annta?

DI: Agus bha iad dìreach a' fiotadh ann, agus bha iad air an teannachadh ann an uair sin. Agus bha iad cho firm ann, agus bha mi ag ràdh riut roimhe gum biodh a h-uile sìon riamh a bh' ann dìreach na aon phìos.

DE: Bha, dìreach. Agus an robh tàirng ga bualadh an uair sin, a' cumail nam fearsadan? Air neo an robh iad teann gu leòr?

DI: Uill tha mi a' smaointeachadh gun robh... mar bu trice gum biodh tàirng ga chur a-staigh, fhios agad, airson ceann nam fearsadan agus an làmh a chumail còmhla. Tha mi a' smaointeachadh a-nist gur e sin... uill, co-dhiù nuair a bha...

DE: Feumaidh mise an teip a tha seo a thionndadh.

Right, cà robh sinn ma-thà, a Dhòmhnaill Iain? Bha sinn... 'S e ceist eile a bha mi a' dol a chur: dè cho... na làmhan fhèin, dè an fhaid a bhiodh annta? Can, eadar far an robh iad... dè an fhaid a bhiodh annta air fad gus... a-mach gu na dùirn mar gum bitheadh?

DI: Uill, chan urrainn mi... cuimhn' agam orra ach... bha iad dìreach, car de dheagh ghuess, chanainn gum biodh iad dìreach mu fhaid an àite-suidhe a tha thall ann a shineach.

DE: Seadh, cha bhiodh iad cho diofaraichte buileach seach mar a bha an crann-iarainn?

DI: Cha robh sìon a dhiofar annta. Cha robh sìon a dhiofar annta. Chanainn... cha chanainn gum bitheadh... gum bitheadh iad sìon na b' fhaide no na bu ghiorra na an crann-iarainn fhèin, fhios agad. 'S ann car mun aon rud a bha iad uile.

DE: Nist, an rud nach do dh'fhaighneachd mi dhuibh cuideachd: an cumadh a bh' air na làmhan. An e... an ann rudeigin... cha robh iad air an dèanamh cruinn idir, an robh?

DI: Cha robh, cha robh. Bha iad dìreach air am fàgail... bha iad air am fàgail dìreach mar a bha iad. Chanainn... dìreach... bhiodh iad mun fhad sin a dh'àirde suas.

DE: Aidh, bhiodh 's dòcha... dè? Trì...

DI: Trì òirlich gu leth, chanainn, suas mar sineach, agus, uill, mu òirleach gu leth... chanainn òirleach gu leth a thighead, fhios agad. Agus bha iad air am fàgail mar sineach. Bha iad... bhiodh iad air an locradh, of course, agus air an dèanamh dìreach cho sleamhainn 's a ghabhadh e dèanamh. Bhiodh iad a' coimhead cho math, agus... Ach dìreach gu h-àrd, an uair sin, bha slis, fhios agad, air a thoirt far gach oisinn air a fad, gu h-àrd, airson mar gum biodh iad a' dèanamh... gan dèanamh rud beag na bu leòmaiche no rudeigin. Bha iad a' coimhead na b' fheàrr, fhios agad, gu h-àrd. Ach cha robh an ceann ìseal ach air am fàgail dìreach mar a bha iad. Agus sin mar a bha na...

DE: Agus dè an uair sin, ge-tà, far an robh thu a' breith orra? Far an robh na dùirn.

DI: Ò uill, far an robh na dùirn orra, bha sin air an dèanamh... bha sin air laghadh a thoirt air fhèin, fhios agad, mar sin, agus air a dhèanamh cruinn.

DE: Seadh, 's mar sin bhiodh e... ach 's e an aon... 's e an aon phìos fiodha a bhiodh ann?

DI: Ò, an aon phìos fiodh air fad a bhiodh ann. Chan e pìos eile a bh' air a chur ris no sìon. An aon phìos fiodh. Sheadh. An aon phìos fiodh dìreach o na dhà làmhan... o dhrim a' chruinn a-nuas, gus an ruigeadh tu a-nuas gus an lùbadh e na dhòrn. 'S e an aon phìos fiodh a bh' ann. Ò 's e.

DE: 'S e, dìreach. Agus a-nist, dè seòrsa fiodh a bha sin, a bh' anns na làmhan?

DI: 'S e fiodh geal a bha sin, mar bu trice. Na chunna mise co-dhiù 's e fiodh geal a bh' ann, fhios agad. Chan e an aon... chan e mar bu trice an aon seòrsa fiodh 's a bh' anns an drim idir a bh' ann.

DE: Bhiodh an drim... 's e fiodh na bu treasa a bh' ann?

DI: Fiodh na bu treasa a bh' anns an drim, fhios agad. Mar a bha mi ag ràdh, tha mi a' smaointinn gur e, gur e... 's e fiodh ruadh, fiodh ruadh cruaidh a bh' ann, a chionn 's ann air an drim a bha an tarraing uile, agus a' chiad... tha mi cinnteach a' chiad rud daonnan, 's e bu mhotha a chunna mise riamh a' bristeadh co-dhiù, 's e an drim a bhristeadh. Can nuair a bhualadh an crann ann an cloich, 's a thigeadh... 's a bhiodh an tarraing air aig na h-eich, uill dh'fheumadh rudeigin trèigsinn, agus 's e mar bu trice, 's e an drim a bhristeadh. Chunna mi tric, tric na drim a' bristeadh. Bhiodh na drim a' bristeadh... na dromannan a' bristeadh daonnan.

DE: Agus thigeadh iad an uair sin leis na cruinn air ais airson an càradh, an tigeadh?

DI: Ò thigeadh, thigeadh. Dh'fheumadh drim eile a dhol sa chrann, fhios agad.

DE: Dh'fheumadh. Agus am biodh sin a' tachairt meadhanach tric?

DI: Ò bhiodh e a' tachairt gu math tric. Ò bhiodh e a' tachairt gu math tric, fhios agad, a chionn anns an àm a bh' ann a shineach bhiodh iad a' treabhadh, fhios agad, dubh-thalamh far an robh clachan, rud nach eilear a' dèanamh an-diugh, agus mar bu trice, fhios agad, bhiodh an crann a' bualadh ann an cloich, agus bhite a' bristeadh nan crann. Bhite a' bristeadh an drim. Bhiodh an drim air a bhristeadh.

DE: Ach cha tachradh e cho tric le talamh machaire, tha mi cinnteach?

DI: Ò cha tachradh e idir, cha mhòr. Is gann gun tachradh e idir le talamh machaire. Cha robh a leithid a rud a' tachairt idir anns a' mhachair a chionn cha robh clach ri tachairt ort.

DE: Nist, bha sin... 's e fiodh geal a bh' anns na làmhan, agus 's e fiodh rudeigin ruadh mar sin a bh' anns an drim. Agus dè bha anns an rud a bha gu h-ìseal? Dè bh' anns a' chnaig agus anns a'... dè thuirt sibh ris a' phìos sin?

DI: Ò 's e fiodh geal a bha sin. 'S e fiodh geal a bha a' dol dhan chrann air fad, ach dìreach an drim fhèin. 'S e... bha mar gum bitheadh an geadha agus an t-sàileag agus a' chnag a bha a' dol anns a' mheadhan, a h-uile sìon, 's e fiodh car geal a bha sineach air fad.

DE: Seadh. Agus 's e an t-sàileag a bha gu h-ìseal uile, an e?

DI: An t-sàileag a bha gu h-ìseal, fhios agad. An t-sàileag a bha gu h-ìseal. Bha i a' falbh o bhonn na... far an robh an làmh-mhòr a' tarraing suas mar siudach. Bha i a' falbh on bhonn mar siudach agus a' dol a-null mar siudach. Agus bha an uair sin continuation mar gum bitheadh aig a sineach, 's e bonn a' gheadha a bh' ann, far an robh e a' tighinn a-nuas on drim. Uill, bha an uair sin, fhios agad, air a' cheann air deireadh bha... dh'fheumadh an saor an crann a tholladh. Bha seo a-nist... bha drim, bonn 's e a chanadh iad ris, bonn a bh' ann. Bha am bonn aig a' ghobha ri chur ris a' chrann a-rithist. Agus dh'fheumadh an saor a-nist, bha am bonn ri chur ris de dh'iarann, agus 's e dà bhobhta mhòr, mhòr a bha a' dol às suas agus a' tighinn am bàrr shuas gu h-àrd air mullach an droma. Bha am fear a bha gu h-àrd a' dol suas mar seo, agus am fear a bha air an aghaidh a' dol suas mar siud, agus bha na dhà a' tighinn gu chèile gu h-àrd. Uill, dh'fheumadh an saor a-nist sin a tholladh dìreach sìos le tora, agus mar bu trice 's ann ag obrachadh on bhonn pìos math, agus an uair sin ag obrachadh on mhullach pìos math eile, a bha e. Agus dh'fheumadh e a bhith uabhasach, uabhasach cinnteach gun tigeadh an dà tholl air a chèile. Ach mar a bha an còrr dhen rud, bha e air a mharcadh aige. Bhiodh e a' cur dà mharc sìos mar seo, dìreach far an robh an toll gus a bhith, mar siud agus mar seo, agus seo an rud a bha e a' leantail leis an tora. Ach rud a bha gu math doirbh a leantail leis an tora, fhios agad, a chionn cha robh thu a' faicinn cà robh an tora a' dol. Cha robh thu a' faicinn a' mhairc.

[Stad obann sa chlàradh an seo.]

DE: Right ma-thà, bha sibh a' ràdh gum feumadh an obair a bhith gu math mean. Dh'fheumadh deagh shùil a bhith aig an duine a bha a' dèanamh na h-obrach a bha sin.

DI: Dh'fheumadh, airson agus gum biodh e cinnteach, fhios agad, gun tigeadh an dà tholl... a chionn bha e a' tolladh pìos on bhonn agus bha e a' dol gu, chanadh tu, gu leth an tuill air fad, mar gum bitheadh, agus dh'fheumadh e an uair sin tòiseachadh on mhullach, sìos airson... agus dh'fheumadh e a bhith gu math cinnteach gun tigeadh an dà tholl air a chèile. Ach bha e a' leantail a' mhairc a rinn e leis an rud. Agus mar bu trice, chan fhaca mi riamh... chan fhaca mi riamh nach tàinig e dìreach... nuair a bhiodh e a' tolladh on mhullach, bha e a' tighinn dìreach glan air an toll a rinn e reimhid on bhonn.

DE: Ò uill, 's e rud gu math sgileil a bha sin.

DI: Uill bha e gu math sgileil, cinnteach gu leòr. Cha do dh'fheuch mise riamh e; cha leigeadh an t-eagal leam. Chan fhaighinn a dhèanamh co-dhiù aige, a chionn bha e ag ràdh ris fhèin nach dèanainn e, 's tha mi cinnteach nach dèanainn e cuideachd.

DE: Agus trobhad, dè an tighead a bh' anns na bobhtaichean a bha sineach?

DI: Ò uill, tha mi a' smaointeachadh gura h-e mu... chanainn gur e... cha bhiodh iad... cha robh iad ro thiugh idir. Chanainn gun robh iad mu leth-òirleach no suas mar sin.

DE: Agus dè an fhaid a bhiodh anns a'...

DI: Uill, bhiodh iad... tha mi a' creidsinn suas mun fhaid sin, fhios agad. Dh'fheumadh iad a bhith mun fhaid sin.

DE: Suas trì gu leth no mar sineach?

DI: Ò bhiodh iad sin co-dhiù. Bhitheadh. Chì sibh feadhainn dhiubh, fhios agaibh, a bhiodh na b' fhaide na bhiodh riatanach, agus dh'fheumadh sibh dhà no trì de chnòithtean a chur gu h-àrd mun rachadh a' chnò eile air a' mhullach.

DE: Bha iad sin mar gum bitheadh a' toir suas an astar a bha sineach, a' dèanamh feum washers mar gum bitheadh?

DI: Sin agad e. Dìreach, exactly, a' dèanamh feum mar washers.

DE: 'S e. Agus 's e aon chnò mhòr a bha gu h-àrd an uair sin?

DI: Aon chnò mhòr an uair sin gu h-àrd a' teannachadh an rud.

DE: Air gach fear dhe na bobhtaichean?

DI: Air gach fear dhe na bobhtaichean. Theannaicheadh e, fhios agad, am bonn suas ris a' chrann, 's bha e ga chumail dìreach...

DE: 'S bha seo a' toir a h-uile sìon ri chèile?

DI: Bha seo a' toir a h-uile sìon ri chèile, a chionn... Bha. Bha e a' toirt... bha e a' cumail a' chruinn... tha mi cinnteach gun robh e a' cumail a' chruinn na chèile, a' chruinn-fhiodh, an fhiodh dheth na chèile a cheart cho math, fhios agad. Ach 's e an gobha a-nist a bha a' dèanamh seo. Ach 's e an saor a bha a' dèanamh nan toll. Bha na tuill dèante ron ghobha.

DE: Bha, dìreach. Agus a-nist, an robhar a' dol dhan a' cheàrdach leis a' chrann airson seo a dhèanamh? Air neo an robh an gobha dìreach a' toir dhut nam pleataichean?

DI: Ò cha robh, cha robh. Bha an crann dìreach a' gabhail straight chun a' ghobha, dhan a' cheàrdaich. Bha. Dh'fheumadh an crann a dhol dhan cheàrdaich 's bha an gobha a' tòiseachadh orra a chionn... a chionn tha mi a' smaointeachadh gun robh... chan urrainn mi a bhith cinnteach air a shon sin mu dheidhinn gnothach na goibhneachd, ach chan eil fhios a'm an robh e a' teasachadh... an robh am bonn teth nuair a bha e ga chur air, ach chan eil mi uabhasach cinnteach sam bith. Chan eil mi a' smaointeachadh gun robh, a chionn cha robh reusan air. Cha robh reusan air. Ach 's e an gobha fhèin a bha a' cur air a h-uile sìon, a chionn 's e an gobha fhèin a dh'fheumadh na h-iarainn a dhèanamh airson a' chruinn air fad. Bha e a' dèanamh nan iarann a bha a' dol air aghaidh na cheeks, mar a chanadh iad, 's bha e a' dèanamh a' bhuinn, 's bha e a' dèanamh nam bobhtaichean a bha a' dol suas troimhe, 's na cnòithtean 's a h-uile sìon a bh' ann. 'S bha iarainn eile a' dol gu h-àrd far am biodh... air mullach an droma, far am biodh an coltair, far am biodh sin a' dol troimhe. 'S e a bhiodh a' dèanamh a' choltair. 'S e a bhiodh a' dèanamh an t-suic a bha a' dol air. 'S e a bha a' dèanamh a h-uile sìon dheth sineach, agus 's e e fhèin a-nist a bha ga chur... a' cur a h-uile sìon dheth sin air a' chrann.

DE: 'S e dìreach. Nist, tha an coltair agus an soc, an robh iad... an robh iad dìreach... an e dìreach an aon seòrsa coltair agus soc agus a bh' air crann-iarainn a bh' ann? Air neo an robh iad diofaraichte air dòigh sam bith?

DI: Uill cha mhòr nach canadh tu gura h-e an aon seòrsa. Cha mhòr nach canadh tu gura h-e an aon seòrsa a bh' ann. Uill, fhios agad, an soc a bha a' dol air a' chrann-fhiodh, an fheadhainn a chithinn, tha mi a' smaointeachadh, air na cruinn-iarainn, cha chreid mi gun robh ann ach dìreach an soc gu h-ìseal. Bha rud air an t-soc a bha a' dol air a' chrann ris an canadh iad an t-aparan. Bha seo a' dol suas... bha e a' fiotaigeadh suas ris a' gheadha anns an toiseach, agus bha an còrr dhen t-soc a' dol a-staigh ri bonn a' chruinn. Bha e a' fiotadh air bonn a' chruinn.

DE: Agus an e mar gum bitheadh... ciamar a bha am pìos a bha sin a bha a' dol suas ris a' gheadha, ciamar a bha iad ga cheangal ris a' gheadha mar gum bitheadh? An robh iad...

DI: Cha robh e air cheangal ris a' gheadha idir. Cha robh. Fhios agad, cha robh an soc ach air a chur a-staigh ris a' bhonn, agus bha cudrom an talmhainn mar a bha an crann a' treabhadh, bha e a' cumail an t-suic air.

DE: Nist, bha an geadha air a thoir gu cumadh gus gum fiotadh an soc air, an robh?

DI: Bha, bha. Bha an geadha air a chumadh. Uill, cha robh mòran aig a' gheadha ri dhèanamh. Cha robh a' fiotaigeadh ris a' gheadha ach dìreach an t-aparan, am pìos a bha seo. Bha e a' dol suas ris. Ach bha space bheag air fhàgail dìreach mun àirde sin gu h-àrd...

DE: Mu òirleach no mar sineach.

DI: ...os cionn a' gheadha... seadh... airson eadar sin agus am bonn a chuireadh an gobha air, airson agus gum fiotadh an soc a-staigh ann.

DE: A-staigh ann a shineach, seadh. Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus bha an gnothach air a dhèanamh cho math agus nach fheumte... chan fheumte ceangal sam bith a chur ann a shineach, dìreach?

DI: Chan fheumadh ceangal sam bith. Bha dìreach an soc a' gabhail air, fhios agad, 's bha e a' fuireach ann a shin fhèin. Bha e a' fuireach air nuair a thòisicheadh tu air treabhadh. Nas lugha na dhraghadh tu air n-ais an crann, dh'fhalbhadh an soc dheth an uair sin, ach mar a bha thu a' treabhadh leis, chan fhalbhadh an soc dheth gu sìorraidh.

DE: Ach bha cumadh an t-suic, bha e caran coltach ri cumadh an t-suic a bh' air a' chrann...

DI: Ò bha, chanainn gur e car... 's e an aon seòrsa cumaidh a bh' ann. An aon seòrsa cumaidh a bh' ann.

DE: Agus an coltair. An ann air a... an t-iarann a bha a' cumail a' choltair, an ann air a bholtadh ri taobh an droma a bha e? No ciamar a bha e?

DI: No, bha e a' dol suas... fhios agad, bha toll air a dhèanamh anns an drim. Bha toll air a dhèanamh anns an drim. Bha an saor a' dèanamh seo cuideachd.

DE: Bha. Seo rud a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh a-nist.

DI: 'S e, 's e. Bha an saor... bha an saor a' dèanamh seo cuideachd. Bha an toll a bha seothach air a thoirt... toll a' choltair, bha seo air a thoirt às an drim, agus bha an coltair a-nist air a chur suas troimhe. Cha robh e air a cheangal ann an dòigh sam bith le tàirngean no sìon. Cha robh ann ach geingeachan beaga fiodha ga chur, fhios agad, air gach taobh dheth, 's ga theannachadh. Dìreach ga theannachadh gu math ann, a chionn gu math tric, dh'fheumadh tu, fhios agad, an coltair a shioftadh a-null 's a-nall chun an taobh ud, a chionn bha space... can an toll a dhèanadh e ann, bhiodh e mu... seachad air an leth-òirleach, chanainn, co-dhiù. Agus cha robh an coltair fhèin cho tiugh sin idir. Cha robh an t-iarann a bh' anns a' choltair cho tiugh sin idir, agus ghabhadh e geingeachan gu leòr air gach taobh dheth, ga theannachadh ann.

DE: Agus 's e geingeachan fiodh a bh' ann, an e?

DI: Ò geingeachan fiodh air fad. Geingeachan fiodh air fad. 'S e. Agus bha a-nist an coltair ri fhiotaigeadh airson agus gun tigeadh e ann a leithid seo de dh'àite os cionn an t-suic, airson an treabhadh a dhèanamh, a chionn mura biodh an coltair a' tighinn às an àite dhòigheil os cionn an t-suic, fhios agad, cha dèanadh tu treabhadh ceart gu sìorraidh leis.

DE: Nist, an e gobha fhèin a bha a' dèanamh nan coltairean a bha sin cuideachd?

DI: 'S e an gobha a bha a' dèanamh a h-uile sìon riamh. An gobha. An gobha a bha a' dèanamh an t-soc 's an coltair, a h-uile h-aon sìon riamh a bha a' dol air a' chrann, 's e an gobha a bha ga dhèanamh.

DE: Nist, nam biodh an drim a' dol a bhristeadh an robh e dualach air bristeadh far an robh an coltair a' dol troimhe? An e sin am bad a bu bhitheanta?

DI: Uill, chunna mi e a' bristeadh ann an àiteachan eile. Chunna mi e a' bristeadh ann an àiteachan eile cuideachd, a bharrachd air. Chunna mi e a' bristeadh ann a shin gun teagamh.

DE: Seadh. Tha... Bhiodh e dualach a bhith beagan nas laige far an robh e air a bhith air a tholladh?

DI: Bha e na bu laige ann, fhios agad, bha e na bu laige ann a shin a thaobh a bhith air... an toll a bhith air a thoirt ann, ach na dhèidh sin chunna mi e a' bristeadh ann an àiteachan eile cuideachd.

DE: Seadh. Agus a-nist, far an robh na... far an robh na cheeks air a chur ris, ciamar a bha sin air a dhèanamh?

DI: Uill, cha robh sìon... cha robh atharrachadh sam bith air a thoirt air aghaidh an droma ann a shineach, ach gun robh na tuill air an... bha tuill air an toirt ann.

DE: Cò mheud toll a bha sineach a-nist?

DI: Chanainn gum biodh trì tuill ann. Trì tuill ann. 'S bha na cheeks a bha seo, fhios agad, a' tighinn a-nuas 's bha a trì bobhtaichean a bha sineach a' dol ann, fhios agad, gach taobh gan cumail ris.

DE: Agus bha cnòithtean air na bobhtaichean a bha sin?

DI: Ò bha cnòithtean air na bobhtaichean. Bha. Bha cnòithtean air na bobhtaichean a bha sin. Fhios agad, cha robh bobhtaichean sam bith as aithne dhòmhsa a' dol dhan chrann, ach bobhtaichean nan iarann a bha an gobha a' cur air. Fhios agad, bha e air a dhèanamh le... bha e air a dhèanamh air fad le fiodh. Nam feumadh tu ceangal sam bith a dhèanamh air, 's e crann-tarraing fhiodh mar a bha mi a' cantail...

DE: 'S e dìreach. 'S e dìreach. Ò, 's e obair gu math innleachdach a bh' ann.

DI: 'S e obair innleachdail... bha dìreach an crann-fiodha mar gum biodh e air a dhèanamh air fad eadar an saor agus an gobha. Fhios agad, bha... cha robh sìon eile de rud sam bith a' tighinn mar gum bitheadh far Galltachd no sìon, ach dìreach an rud a bha an saor agus an gobha fhèin a' dèanamh.

DE: 'S e dìreach. Agus a-nist, cha tug sinn, cha chreid mi, tarraing air a' bhòrd-ùiridh idir?

DI: Cha tug. Uill, bha am bòrd-ùiridh, dh'fheumadh an saor sin a dhèanamh cuideachd. Bha sin air a dhèanamh... bha cnag... dhèanadh cnag sam bith... tha cuimhn' a'm... tha cuimhn' a'm, fhios agad, na gathain mhòr, 's e a chanadh iad riutha, a bhiodh a' tighinn air a' chladach, gathain mhòr de chraoibh, feadhainn mhòra, chruinne mar sineach, agus ò, bhiodh dìreach an tighead sin annta mun cuairt, cruinn, agus tha deagh chuimhn' agam iad a bhith a' dol sìos agus ag obair le crosscut le dà dhòrn air...

DE: Seadh, dòrn air gach ceann dheth.

DI: ...ag obair air sàbhadh pìosan dheth sin, agus bha iad sin, nam biodh am fiodh fallain gu leòr, bha e dìreach glan uile-gu-lèir airson am bòrd-ùiridh a dhèanamh. Ach, bha obair uabhasach ann, fhios agad, ann an obair a chur air dòigh, fhios agad, 's a dhèanamh. Bha e fhèin, bha e a' tòiseachadh... bha e a' marcadh an toiseach a-mach air an rud mar a dhèanadh e. 'S ann leis an tàl a bha e a' startadh an toiseach air, agus bha na... marcan a' phencil a bha seothach a' dol air, agus bha e ga obrachadh a-mach mar sin, gus an toireadh e dìreach chun an t-seap, seap a' bhòrd-ùiridh e.

DE: Seadh, dè an tiughad a bhiodh anns a' chnaig nuair a bhiodh e a' tòiseachadh an toiseach, abair, mun tòisicheadh e air leis an tàl?

DI: Ò uill, bhiodh e air rèir... chanadh tu gum biodh dìreach aon dà throigh gu leth co-dhiù innte. Dìreach mun cuairt, 's dòcha cruinn.

DE: Cruinn, seadh. Agus dè an tiughad a bhiodh anns an t-slis a bha sineach a-nist?

DI: Anns a'...?

DE: Anns an fhiodh. Dè... 's e slis mar gum bitheadh air a toir far na craoibhe a bha sin, an e?

DI: Uill 's e a' chraobh fhèin. Dìreach an cnap craoibhe fhèin cruinn a bh' ann. Uill, bhiodh i mun fhaid sin, fhios agad.

DE: Ò, am bitheadh? Cho fada sin.

DI: Ò bhiodh i mun fhaid sin. Gheàrradh e... gheàrradh e dìreach mun fhaid sin i. Agus gheàrradh, a chionn cha bhitheadh am bòrd-ùiridh sìon, car, na b' fhaide na sin, fhios agad. Bhiodh e dìreach mun fhaid sin. Agus bha e an uair sin a' tòiseachadh air, fhios agad, leis an tàl, agus ga obrachadh. Agus bheireadh e uiread seo dheth leis an tàl an toiseach, agus bha e an uair sin a' tòiseachadh air a mharcadh suas, agus bha e a' tighinn na bhòrd-ùiridh air a' cheann air deireadh. Bha am moll a bha sin a' tighinn air, air a' cheann a-muigh, agus bha e na chnap air an taobh a-staigh, agus àite air fhàgail ann airson far am biodh, fhios agad, an làmh-bheag, far am biodh i a' tighinn a-nuas agus a' ceangal leis an làimh-mhòir. 'S ann leis an làimh-bhig a bha am bòrd-ùiridh air a cheangal.

DE: 'S ann. Agus ciamar a bhiodh... dè an tiughad a bh' anns a' bhòrd-ùiridh nuair bhiodh e ullamh dheth?

DI: Ò, bhiodh e gu math tiugh anns a' mheadhan, fhios agad, far an robh e a' ceangal ris an làimh-bhig. Chanainn gum biodh e mu trì òirlich gu leth co-dhiù no an còrr. Ach a-nist, a-muigh aig a' cheann a-muigh, far an robh e a' tighinn a-mach mar seothach agus far am biodh e a' lùbadh na sgrìob, cha robh ann an sin ach dìreach mu òirleach gu leth.

DE: Seadh, dìreach. Agus bha an cumadh air a bheir air... an robh an cumadh air caran coltach ris a' chumadh a th' air a' bhòrd-ùiridh aig a' chrann-iarainn?

DI: An aon seòrsa cumaidh gun atharrachadh. An aon seòrsa cumaidh gun atharrachadh.

DE: Ò ma-thà, feumaidh gun robh obair gu math sgileil air a sin, mus toireadh tu...

DI: Ò bha obair gu leòr air. Fhios agad, bha... Ò, bha obair mhòr air, fhios agad. Bhite ag obair leis a h-uile seòrsa inneal, le spokeshaves, agus le gilbean 's le locraichean 's leis a h-uile seòrsa.

DE: Seadh. Ach bha a' chiad chumadh ga bheir air leis an tàl, mar gum bitheadh?

DI: Ò 's e an tàl a bha a' startadh an toiseach. 'S e an tàl a bha a' caitheamh dheth a h-uile sìon an toiseach. Bha e an uair sin ri dhèanamh... an obair bu ghrinne, fhios agad, ri dhèanamh leis na h-innealan eile, 's a h-uile sìon air a' cheann air deireadh.

DE: Bha, dìreach. Agus bhiodh e cho dìreach air a dhèanamh cho sleamhainn 's cho brèagha.

DI: Ò bhiodh e air a dhèanamh cho sleamhainn 's cho brèagha, ach gum feumadh iad mar bu trice, fhios agad, tha mi a' smaointeachadh, bhiodh iad a' cur pìosan de tin no stuff dhen t-seòrsa sin air an taobh a-muigh aige, airson... a chionn chnàmhadh e ann am meirg.

DE: Chnàmhadh, dìreach. Ach cha b' e iarann tiugh a bha iad a' cur ris a sin idir, ach stuth tana?

DI: Ò cha robh ach pìosan tana, tana, tana de tin no rud dhen t-seòrsa sin, fhios agad.

DE: Agus an ann le tàirngean beaga a bha iad a' cumail sin ris, no ciamar?

DI: Ò 's e, tàirngean beaga. Cha robh ann ach dìreach tàirng mar gum biodh, dhèanadh tàirng òirleach no rud dhen t-seòrsa sin an gnothach ann a shin, no fear nach biodh òirleach idir innte. Is gann nach dèanadh tacks, nach cumadh [???].

DE: Agus an e seòrsa tin, siotaichean tin, an seòrsa stuth a bhiodh aig na ceàrdannan no a leithid sin? An e sin an seòrsa stuth a bhiodh aca?

DI: Sin agad dìreach an aon seòrsa gun atharrachadh. Tin tana, tana mar sin, fhios agad, rud sam bith. Rud sam bith dhen t-seòrsa sin.

DE: Tha fhios gun robh seo gu math snasail?

DI: Och bha, bha. Bha iad uabhasach... bha iad a' coimhead uabhasach fhèin snog. Bha iad a' coimhead uabhasach fhèin math. Agus bha iad uabhasach fhèin math gu treabhadh. Bha iad glan uile-gu-lèir air treabhadh.

DE: Bhiodh iad... an robh iad na b' aotruime air an obrachadh na an crann-iarainn? No ciamar a bha iad? Air neo an robh iad...

DI: Uill, cha chuireadh tu mòran uibhreachd sam orra. Bha mi a' treabhadh leis an dà sheòrsa, ach cha chuireadh tu mòran uibhreachd sam bith orra, a chionn cha robh mòran... cha robh mòran de... 's e na h-eich fhèin a bha... 's ann orra a bha am pressure mar gum bitheadh, so cha robh agadsa ach dìreach an crann obrachadh, so cha robh mòran diofar... cha robh mòran diofar sam bith annta.

DE: Ach dhèanadh e treabhadh gu math grinn, an dèanadh? Dhèanadh e sgrìob...

DI: Ò dhèanadh e treabhadh uabhasach, uabhasach grinn. Uabhasach grinn. Uabhasach fhèin grinn. Nuair a thòisich na tractors an toiseach air tighinn leis na cruinn, cha robh daoine air an son, fhios agad, [???].

DE: Tha mi a' creidsinn.

DI: Ò cha robh, cha robh.

DE: Agus, aon rud nach d' fhuair mi, ciamar a bhathar a' ceangal a' bhòrd-ùiridh ris a'... 's ann leis an làimh-bhig a bha e air a cheangal, an ann?

DI: 'S ann, 's ann, 's ann.

DE: 'S ciamar... dè an ceangal a bha sineach a-nist?

DI: Uill bha e air a cheangal le tàirngean. A chionn, mar a bha an soc a bha a' tighinn air a' chrann, fhios agad, dhan bhonn, cha robh mòran pressure air a' bhòrd-ùiridh, ach 's ann a-staigh a bha cudrom an talmhainn a' tighinn all the time.

DE: 'S ann dìreach. Agus 's e seo an seòrsa crann a bh' aca suas gu, cuine sin a-nist a bh' ann?

DI: Ò uill, bha mise a' treabhadh leis... le fear dhiubh ann an, chanainn ann an nineteen forty-eight, forty-nine, suas gu nineteen fifty. Bha fear dhiubh ann a sheo.

DE: Ach an robh na cruinn-iarainn a' fàs rudeigin bitheanta ron a sin?

DI: Ò uill bha iad gu math pailt. Bha iad gu math pailt an uair sin, fhios agad. Bha na cruinn-iarainn, bha iad gu math pailt anns an dùthaich an uair sin, ach 's e crann-fiodh a bh' againne a chionn... tha mi cinnteach gur ann a chionn agus gun robh e fhèin gan dèanamh.

[Stad obann sa chlàradh an seo.]

Cà robh sinn? Dè bha sinn...?

DE: Bha sinn... bha sinn a' bruidhinn... bha sinn dìreach deiseil dhen a' bhòrd-ùiridh tha mi a' smaoineachadh, agus niste, ceist no dhà eile: 's e Niall, bràthair ur n-athar, 's e a bhiodh a' dèanamh nan crann, agus dè thuirt sibh... dè am far-ainm a thuirt sibh a bh' aca air?

DI: Uill 's e Athair nan Crann a chanadh iad ris. Thug cuideigin às a' cheann a deas air, fhios agad, Athair nan Crann a chionn cho math 's a bha e air dèanamh nan crann, 's gur e an aon fhear mar gum bitheadh a bha gan dèanamh.

DE: 'S e an aon fhear anns an dùthaich air fad?

DI: Ò, faodaidh mi chantail gura h-e. 'S e. 'S e an aon fhear, fhios agad, a bha gan dèanamh. Bha corra dhuine eile ann gun teagamh a bha a' dèanamh feadhainn, agus dhèanadh iad iad, ach feumaidh nach robh iad a' còrdadh riutha cho math ris an fheadhainn a bha esan a' dèanamh.

DE: Agus bha sibh a' ràdh, tha mi a' smaoineachadh, gur dòcha gun robh feadhainn ann a dhèanadh crann dhaibh fhèin, ach cha tigeadh daoine eile thuca?

DI: Sin agad e. Bha feadhainn a dhèanadh iad dhaibh fhèin iad, ach tha mi cinnteach nach biodh a mhisneachd aca na dhèanadh do dhaoine eile e air eagal 's nach biodh iad a' còrdadh riutha no rudeigineach. Bha an fheadhainn a bha esan a' dèanamh, bha iad dìreach... bha an aon size annta 's bha an aon seòrsa annta 's bha an aon rud ann, 's bha a h-uile duine uabhasach fhèin toilichte às a h-uile gin dhiubh. Bha iad ag ràdh gur e iad cruinn cho math 's a bha iad a' faighinn.

DE: Niste, cuin a sguir Niall gan dèanamh, a bheil tuairmse agaibh? Dè a' bhliadhna, caran?

DI: Uill tha mi a' creidsinn... ò uill, tha mi a' creidsinn gun do sguir e mu nineteen fifty-one no fifty-two. Nineteen fifty-one, chanainn. No even roimhe sin. Tha mi a' smaointeachadh...

DE: Chan eil fhios cò dha a rinn e an crann mu dheireadh?

DI: Ah uill, cha b' urrainn mi a bhith cinnteach idir. Chan eil sìon a dh'fhios a'm on t-saoghal. Cha chreid mi gun do rinn e mòran sam bith, fhios agad, às dèidh a' chogaidh idir. 'S ann ron chogadh a bha siud a bha cuimhn' agamsa air, agus tha mi cinnteach... chan eil fhios a'm dè bha e a' dèanamh an àm a' chogaidh - cha robh mise aig an taigh - ach tha mi a' smaointeachadh... fhad 's is cuimhneach leam, cha do rinn e mòran sam bith. Ach rinn e beagan gun teagamh às dèidh a' chogaidh. Tha cuimhn' a'm, ach cha do rinn e mòran... cha do rinn e gin idir às dèidh, chanainn, nineteen fifty co-dhiù. Nineteen fifty no nineteen fifty-one.

DE: Seadh. Feumaidh, ma-thà, gun do lean an crann-fiodh ann a sheo, anns an dùthaich ann a sheo, gu 'n tàinig na tractors faodaidh sibh a ràdh?

DI: 'S e an crann-fiodh... bha an crann-fiodh aig gu leòr aca, aig a' chuid bu mhotha aca, fhios agad, gus an tàinig na tractors, a chionn cha do... faodaidh sibh chantail, cha tàinig an crann-iarainn an àite a' chruinn-fhiodh idir ron tractor, a chionn cha robh ann mar gun canadh sibh dìreach ann a sheo ach an crann-fiodh. Thàinig e on chrann-fiodh dìreach chun an tractor. Thàinig. Aig gu leòr dhiubh. 'S e fìor chorra dhuine aig am bitheadh... 's e fìor chorra dhuine as aithne dhòmhsa, timcheall an taobh seo co-dhiù, aig an robh crann-iarainn anns an àm ud.

DE: 'S e. Fios agad, nuair a bha mise na mo chnapach anns a' cheann a tuath, anns na thirties agus a leithid sin, 's e na cruinn-iarainn a bha a' dol uile cha mhòr.

DI: 'S e na cruinn-iarainn a bh' ann air fad?

DE: 'S e. Feumaidh gun robh iad air sgur gan dèanamh, mar gum bitheadh.

DI: Feumaidh gun robh. Feumaidh gun robh. Tha mi cinnteach, mura robh duine ann...

DE: 'S e seo an gnothach.

DI: Mura robh duine ann a dhèanadh iad, fhios agad, stad iad dhiubh.

DE: Mar a bha mi a' ràdh ribh, bha corra dhuine a bha crann-fiodh aca airson tobhaigeadh a' bhuntàta.

DI: Sin agad e, sin agad e, sin agad e.

DE: Nist, seo rud eile a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh. Bha sibh a' ràdh gur e an aon chrann, an aon seòrsa crann a bh' aca gun atharrachadh airson drileadh a' bhuntàta, ach dè diofar a bh' ann a-nist?

DI: Uill, chan fhaca mise diofar sam bith air, ach 's e an crann-fiodh a bhiodh aca a' treabhadh, fhios agad. An crann-fiodh a bhiodh aca a' treabhadh. A' treabhadh... a' dèanamh treabhadh sam bith dhaibh fhèin, 's e a bhiodh aca airson drileadh a' bhuntàta, agus cha robh iad a' dèanamh sìon on t-saoghal a bharrachd air, ach a' cur a' chnag a bha seothach, cnag bheag mu... dìreach mu throigh a dh'fhaid, agus chanainn dìreach mu thrì òirlich a leud, bha iad a' dèanamh an taobh a-muigh aice car cruinn mar sineach, sleamhainn airson agus gun ruitheadh an talamh seachad orra, agus bha iad a' ceangal sin le tàirngean ri taobh a' chruinn.

DE: Taobh eile a' chruinn?

DI: Taobh eile a' chruinn, on bhòrd-ùiridh.

DE: Bha, dìreach. Bha, dìreach. Agus...

DI: Agus 's e seo an rud a bha iad a' leigeil air a' bhuntàta, airson cha robh sinn ach ga dhèanamh dìreach an latha a bhiodh iad a' dol chun a' bhuntàta, fhios agad.

DE: Cha robh, dìreach. 'S bhathar ga thoir dheth a-rithist?

DI: Agus bha e an uair sin air a chaitheamh dheth. Agus bha an aon chrann a' dèanamh a h-uile sìon a bh' ann.

DE: Bha, dìreach. Agus... ach 's e aon each a bhiodh aca nuair a bha iad...?

DI: Ò 's e an t-aon each a bh' ann airson a' bhuntàta. 'S bha dà chrann... dà each riamh anns a' chrann-fhiodh airson an rud a dhèanamh, ach 's e an aon each a bhiodh aca daonnan ann a shineach a chionn chan obraicheadh an gnothach... cha b' urrainn dhuibh, fhios agaibh, paidhir each a chur anns a' chrann anns an iomaire bhuntàta, a chionn bhiodh na barran air an stampadh, so dh'fheumadh an t-each a bhith a' dol dìreach ro thoiseach a' chruinn, eadar na sreathan bharran.

DE: Agus duine na cheann cuideachd a bharrachd?

DI: Agus duine na cheann. Agus duine a' falbh air cheann a chionn dh'fhalbhadh an t-each air feadh an iomaire bhuntàta.

DE: Dh'fhalbhadh, dìreach. Niste, Niall. An d' fhuair esan ionnsachadh na shaor?

DI: Cha d' fhuair. Sin rud bu neònaiche dheth. Sin an rud a bha iongantach, fhios agad. 'S e bràthair m' athar a bha na shaor. Chaidh a mharbhadh anns a' Chiad Chogadh. Chaidh a mharbhadh ann an nineteen fifteen tha mi a' smaointinn. Agus bha a-nist, 's e a bha a' saorsainneachd, fhios agaibh, a-muigh ann a sheo. Bha seop saorsainneachd a-muigh anns an t-seann taigh. Chan eil ann ach an tobhta a-nist, fhios agad, an taobh a-muigh dheth seo.

DE: 'S dè an t-ainm a bh' air an fhear a bha sin dhiubh?

DI: Dòmhnall Iain. Dòmhnall Iain. Agus thòisich esan... bhiodh esan, fhios agaibh, a' dèanamh a h-uile sìon ann a sheothach mar a bha, canaibh, cairtean, no cruinn, no rud sam bith a bha a' dol, fhios agaibh, anns an àm. Agus nuair a chaidh esan a mharbhadh, cha robh duine ann, agus bha an seop 's a h-uile sìon ann a shiud, agus tha mi cinnteach gum biodh Niall ag obair còmhla ris - chan eil fhios agamsa nach bitheadh - ach tha teansa gun do thòisich Niall fhèin an uair sin air a' ghnothach, agus cha d' fhuair e ionnsachadh sam bith riamh ach dìreach gun do thòisich e anns a cheann fhèin mar siudach, agus bha e a' dèanamh a h-uile sìon riamh mar siud. Agus 's e a shaorsainnich an taigh a bha seo a-rithist, Niall fhèin, 's a rinn a h-uile sìon, 's a rinn an staidhre a tha shìos ann a shiudach. Rinn e a h-uile sìon. Cha robh e latha riamh ag ionnsachadh saorsainneachd.

DE: Uill, uill. Ach dìreach na chunnaic e. Càit an d' fhuair Dòmhnall Iain ionnsachadh?

DI: Ò uill, bha Dòmhnall Iain ag ionnsachadh aig feadhainn a-muigh anns... bha e ùine mhòr a-muigh anns an... far a bheil an seann mhuileann a-muigh ann a shineach ann an Togh Beag, fhios agad. Tha mi a' smaointeachadh gur e athair... 's e athair... an aithne dhuibh Dotaidh a' Mhuilleir shuas ann a shin?

DE: Ah uill, 's aithne dhomh... 's aithne dhomh cò...

DI: Athair Dhotaidh a bh' ann. 'S e a bha a' fuireach anns a' mhuileann anns an àm, agus tha mi a' smaointeachadh gur ann aigesan a bha Dòmhnall Iain ag ionnsachadh, fhios agad.

DE: Agus 's e saor a bh' annsan?

DI: Ò 's e saor a bh' annsan. 'S e saor a bh' anns a' Mhuillear. 'S e am Muillear a chanadh iad ris. 'S e saor a bh' ann an Dotaidh e fhèin, fhios agad. Ach sin far an do dh'ionnsaich Dòmhnall Iain, agus bha Dòmhnall Iain ionnsaichte. Fhios agad, bha e na shaor, ach 's e an rud bu neònaiche riamh nach do ionnsaich esan latha riamh, agus bha e pailt cho math mura robh e even na b' fheàrr. Bha feadhainn a' cantail co-dhiù, mura robh e even na b' fheàrr na Dòmhnall Iain, fhios agad, air an t-saorsainneachd.

DE: Seadh gu dearbh. Agus dè a-niste, dè seòrsa pàigheadh a bhiodh e ag iarraidh airson crann a dhèanamh, can nuair a bhiodh... a bheil dad a thuairmse agaibh air a sin?

DI: Ò uill, tha mi a' smaointeachadh gu bheil e... bha e gu math beag. Chan eil mise... tha mi a' smaointinn, fhad 's is cuimhnich leam, gura h-e dìreach... tha mi a' smaointeachadh gura h-e dà phunnd 's a deich - two pound, ten shillings - a bh' ann anns an àm airson crann ri dhèanamh.

DE: Seadh. Bhiodh seo anns... mu àm a' chogaidh, suas...

DI: Uill bha seo ro àm a' chogaidh.

DE: Ro àm a' chogaidh mu dheireadh?

DI: 'S ann ro àm a' chogaidh tha mise a' studaigeadh air, fhios agad, a chionn bha mi fhèin air falbh an àm a' chogaidh, chan eil mòran cuimhn' a'm. Cha deach mòran dheth a dhèanamh às dèidh a' chogaidh. Ach 's ann, can, anns na nineteen thirties a bha siudach, agus tha mi a' smaointeachadh gura h-e dìreach mu dhà phunnd 's a deich, deich tastain, a bhiodh e ag iarraidh air crann. 'S tha deagh chuimhn' agam cuideachd air, airson ciste-laighe a dhèanamh anns an àm, gura h-e dà not a bha pàigheadh an t-saoir.

DE: Agus an robh seo a' cunntais... an robh sin a' gabhail a-staigh prìs an fhiodh cuideachd? An dà phunnd 's a deich a bha sin?

DI: Uill, cha robh, cha robh. Cha robh seo ach dìreach... cha robh ach saothair an t-saoir fhèin. Fhios agad, bha fiodh... bha an duine a' faighinn an rud... uill bha an crann, bha aig an t-saor ris am fiodh a cheannach airson a' chruinn gun teagamh, ach 's dòcha a' chiste bha am fear eile, fhios agad, a' faighinn an fhiodha 's a h-uile sìon a bh' ann.

DE: Bha, dìreach. Seadh. Agus 's e sin obair an t-saoir a bha a' cosg dà phunnd 's a deich airson...

DI: Obair an t-saoir fhèin, dìreach dà phunnd 's deich.

DE: Agus bhiodh an gobha ri phàigheadh a bharrachd air a sineach, tha mi cinnteach?

DI: Uill, bhiodh an gobha ri phàigheadh a bharrachd air a sin. Aig fear a' chruinn, am fear a bha ag iarraidh a' chruinn. Bhitheadh.

DE: 'S mar sin, 's dòcha gun tigeadh an crann gu, eadar am fiodh 's a h-uile sìon a bh' ann, 's dòcha gum faigheadh e an crann air còig notaichean no...?

DI: Ò uill, bhiodh e aig... faodaidh mi chantail dìreach mu chòig notaichean. 'S e còig notaichean a bhiodh ann air fad, eadar an gobha agus an saor.

DE: Agus an saor agus am fiodh.

DI: Agus am fiodh. A h-uile sìon a bh' ann.

DE: Uill uill, cha robh sin dona.

DI: Cha robh, cha robh na [?latha]. Ach 's e airgead mòr a bh' ann an còig not.

DE: Ò 's e. Agus trobhad, dè fhad 's a bheireadh Niall air crann a dhèanamh, o thoiseach gu deireadh, dìreach mar sin?

DI: Chan urrainn mi chantail... uill, fhios agad, mar bu trice... mar bu trice mar a bha e ag obair, fhios agad, bha e daonnan ag obair anns an t-seop saorsainneachd, agus anns an àm a bh' ann a shiudach, fhios agad, bhiodh e a' dèanamh, can, bhiodh e a' dèanamh làmhan chrann, agus bhiodh e a' dèanamh... bhiodh e a' sàbhadh dromannan chrann, agus bhiodh iad aige, dèante mar gum bitheadh, 's bhiodh iad deiseil co-dhiù. Cha bhiodh sìon on t-saoghal ach dìreach tòiseachadh air, can, mar gum bitheadh air an locradh 's air an tolladh 's air an cur air dòigh airson a' chruinn. Agus nuair a bhiodh a-niste dhà no trì de chruinn aige ri dhèanamh, uill bha... cha robh mòran aige ri dhèanamh ach an cur na chèile. Bha na làmhan 's bha na dromannan 's bha a h-uile sìon riamh aige, mar gum bitheadh, cha robh aige ach dìreach tòiseachadh air an cur na chèile.

DE: Bha. Bha e deiseil aige.

DI: Bha e deiseil aige ach a chur na chèile mar gum bitheadh.

DE: Dh'fheumadh e sin cuideachd thoradh 's e àm gu math trang a bhiodh ann dhen a' bhliadhna, nuair a bhiodh daoine a' sireadh nan crann, tha mi cinnteach.

DI: Uill 's e droch àm a bh' ann a chionn bha fios aige glè mhath, fhios agad, gum bitheadh a leithid seo ri dhèanamh de chruinn, a-nall mun àm ud a bhliadhna. 'S bha na h-òrdain a' tighinn a-staigh 's bha fios aige... tha mi cinnteach gun robh... bha fios aige... bha fios aige gun robh... gun robh e air... tha mi cinnteach gun robh e air litrichean fhaighinn, fhios agad, roimhe siud airson na cruinn agus bha fhios aige gum biodh aon deich no dusan aige ri dhèanamh co-dhiù, so bhiodh e ag obair tha mi cinnteach fad a' gheamhraidh. Tha cuimhn' agam gum biodh na làmhan agus na dromannan co-dhiù a-muigh ann a shiudach dèante. Feadhainn dhiubh air an tolladh 's feadhainn gun tolladh idir 's feadhainn dìreach rough mar sineach, 's feadhainn air an locradh 's feadhainn gun locradh idir. Bhiodh e ag obrachadh mar sin, fhios agad.

DE: Agus bha e mar gum bitheadh a' cumail stoc dhe na gnothaichean a bha sin, dìreach deiseil airson...

DI: Bha. Bhiodh daonnan... bhiodh daonnan ceithir no còig a làmhan aige, agus aon trì no ceithir a dhromannan, agus 's dòcha a dhà no trì de gheadhannan, 's bìdeagan beaga mar a bha na sàileagan 's rudan dhen t-seòrsa sin, Nam biodh pìos fiodh ann 's gun dèanadh e sàileag air, gun a chaitheamh air falbh, dhèanadh e sàileag air, 's bhiodh i ann a shiud, fhios agad, deiseil airson uair sam bith a bhiodh aige ri crann a dhèanamh.

DE: Seadh. Agus 's dòcha gum feumadh e leasachadh a chur air crann air choreigin cuideachd a bhiodh... nam biodh crann briste no a leithid sin?

DI: Uill bha gu leòr, bha gu leòr a' tighinn a-staigh, fhios agad, mar sineach. Cruinn air am bristeadh, 's crann a' tighinn a-staigh airson rudeigin a dhèanamh ris, 's crann a' tighinn a-staigh airson càradh air choreigin a dhèanamh air no rud dhen t-seòrsa sin. Sin mar a bha e ag obrachadh.

DE: 'S bha iad a' tighinn cho fada ri ceann a deas na dùthcha?

DI: Ò bha. Uill, 's ann às a' cheann a deas bu mhotha a bha iad a' tighinn, fhios agad.

DE: A bheil thu airson gun stad mi an-dràsta?

[Stad sa chlàradh an seo.]

DE: Seadh, uill, seo rud a bha sinn a' bruidhinn air ann a shiud, bhiodh iad a' tighinn às gach ceàrnaidh dhen dùthaich, mar gum bitheadh. Bha iad a'... ach 's ann à deas a bu mhotha a bha iad a' tighinn?

DI: 'S ann à deas fhad 's is cuimhnich leamsa. Fhios agad, 's ann à deas a bha a' chuid bu mhotha dhiubh, can shuas taobh Baghasdal 's Dalabrog 's Cille Bhrìghde, a chionn... fhios agad, tha mòran de dheagh mhachraichean aca shuas ann an shineach 's tha iad a' dèanamh mòran treabhaidh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin, agus 's e na cruinn-fhiodh a bha iad ag ùisneachadh, ach cha robh air fheadh seo, 's e na cruinn-fhiodh a bh' aca ann a sheo gun teagamh, fhios agad, timcheall air fheadh seo, ach fhad 's is cuimhneach leam... uill, bha e a' dèanamh feadhainn airson feadhainn a bh' air fheadh seo, ach 's ann mar bu trice às a' cheann a deas a bha iad a' tighinn. Bhiodh na brathan a' tighinn daonnan.

DE: Dè mu dheidhinn muinntir an Ìochdair 's na taobhannan sin?

DI: Chan eil cuimhne sam bith agam idir, idir, idir, air daoine a' tighinn às an Ìochdar. Sin an rud as neònaiche dheth.

DE: Saoil an robh duine ann a shin a bha a' dèanamh nan crann?

DI: Ò uill bha machaire gu leòr aca anns an àm a bh' ann a shiudach, 's tha mi cinnteach gun robh... ò chan eil mi a' smaointeachadh, mura robh cuideigin ann a bha a' dèanamh nan crann fhèin shìos, 's dòcha gun robh... chan eil mi a' smaointeachadh gun robh anns an Ìochdar idir mura biodh e ann am Beinn na Fadhla. Chanainn 's dòcha gum biodh... gum biodh Iain an Tàilleir gan dèanamh. 'S dòcha gum biodh esan fiot. Fhios agad, 's dòcha... chan eil fhios a'm an aithne dhut Dòmhnall Beag, mac Dòmhnall Beag Shunndachain, Dòmhnall Beag...

DE: Aidh, dìreach.

DI: Tha e pòsta aig nighean Iain an Tàilleir.

DE: Tha, dìreach. Chan aithne dhòmhsa an duine, ach 's aithne dhomh an t-ainm aige math gu leòr.

DI: Air neo an t-ainm aige. Uill 's e nighean aigesan, 's e a h-athair-se, 's e saor uabhasach math a bh' anns an fhear sin, agus 's dòcha gum biodh esan a-nist a' dèanamh nan crann cuideachd. Tha cuimhn' a'm gum biodh e a' dèanamh na... gun robh e uabhasach, uabhasach math air rothan nan cairtean a dhèanamh. So tha mi glè chinnteach gun dèanadh e na cruinn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good