Rannsaich
Ciad ainm Aonghas
Cinneadh MacIlleMhaoil
Far-ainm Aonghas Barrach
Bliadhna breith 1874
Bliadhna bàis 1954

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - Grìminis

Àireamh an neach 3218

Eachdraidh-beatha

Rugadh Aonghas MacIlleMhaoil (Aonghas Barrach) air 3 an t-Iuchar 1874. B' e sgeulaiche air leth a bh' ann aig an robh tòrr sgeulachdan, fada is goirid. Dh'ionnsaich e deagh chuid de na sgeulachdan seo bho athair, Calum Barrach, agus bhiodh an taigh aige làn de dhaoine a thigeadh a dh'èisteachd ri sgeulachdan Chaluim.

Rugadh Aonghas ann an Grìminis, Beinn a' Bhadhla, ach b' ann à Barraigh a bha a sheanair air taobh athar. An dèidh dha an sgoil fhàgail, bha e ag obair e air croit athar agus air tac ann am Baile nan Cailleach. An uair sin fhuair e obair a' togail rathaidean ann an Rùm fad bliadhna mus do thòisich e ag obair mar phost san eilean.

Nuair a dh'fhàg e Rùm, chuir e seachad trì bliadhna ag obair air rèile Taobh an Iar-Thuath na Gàidhealtachd eadar an Gearasdan agus Malaig. Chaidh a thoirt dhan Mhailisidh nuair a thòisich Cogadh nam Boer agus chaidh e gu Aldershot agus Èirinn gus trèanadh a dhèanamh. Cha deach e gu Afraga air sgàth 's gun do ghabh e a' ghriùthrach aig an àm a bha dùil aige a dhol a-null. Chaidh a chur gu Èirinn dà thuras agus chuir e seachad 15 bliadhna sa Mhailisidh uile-gu-lèir mus do thill e dhachaigh.

Chlàraich Calum Iain MacIlleathain, a bha ag obair aig Coimisiún Béaloideasa Éireann aig an àm, eachdraidh-beatha Aonghais eadar 1948 is 1950, le cuid de na sgeulachdan aige am measg an fhiosrachaidh. Tha tar-sgrìobhaidhean nan clàraidhean seo air an cumail anns a' chruinneachadh nàiseanta beul-aithris Cnuasach Bhéaloideas Éireann aig Colaiste Oilthigh Bhaile Átha Cliath.

Bha cuid de na sgeulachdan aig Aonghas gu math fada agus anns an fhiosrachadh a chlàraich Calum Iain, thuirt Aonghas gun do dh'innis e sgeulachd do bhuidheann de dhaoine a thòisich e aon oidhche agus bha a' ghrian air èirigh an ath latha mus do chuir e crìoch air. Aig a' cheart àm bha an comas aige sgeulachdan a ghiorrachadh a rèir càit an robh e agus na bh' aige de dh'ùine.