Ciad ainm Calum Iain
Cinneadh MacIlleathain
Bliadhna breith 1915
Bliadhna bàis 1960
Sgìre
Siorrachd : Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste : Port Rìgh
Eilean : Ratharsair
Baile/Àite : Òsgaig
Àireamh an neach 273

Eachdraidh-beatha

Bha Calum Iain MacIllEathain air fear dhe na ciad obraichean-raoin a bh' aig Sgoil Eòlais na h-Alba, agus is glè ainneamh a leithid a thaobh na rinn e ann a bhith a' gleidheadh cultar agus dòigh-beatha a dh'atharraich gu tur anns na 70 bliadhna bho thòisich e a' clàradh òrain, sgeulachdan agus cleachdaidhean na Gàidhealtachd air Latha na Bliadhn' Ùire 1951. Bha e naoi bliadhna a' clàradh ann an Alba às leth Sgoil Eòlais na h-Alba agus anns an ùine seo rinn e na ceudan a chlàraidhean, a bha ionnan, tha e coltach, ri ceud mìle a dh'fhaid de theip. Thuig e glè mhath an suidheachadh air an raon, ge-tà, agus bha e riamh dhen a' bheachd gun robh feum air barrachd obair-raoin a dhèanamh, agus chuir e seachad a bheatha a' clàradh beul-aithris agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd.

Rugadh Calum ann an Ratharsair air an 6mh latha dhen t-Sultain 1915, agus b' e an treas mac a bh' aig an tàillear Calum MacIllEathain (1880-1951) agus Curstaidh NicNeacail (1886-1974). Cha b' e Calum an aon neach anns an teaghlach a bha na shàr sgoilear – bha a bhràthair òg, Somhairle, air fear dhe na bàird agus na sgoilearan as iomraitiche bhon 20mh linn, agus am measg a bhràithrean 's a pheathraichean eile, bha dithis dhotair agus dithis thidsear. Chaidh Calum dhan sgoil ann an Ratharsair mus deach e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh e an uair sin a dh'Oilthigh Dhùn Èideann a dhèanamh nan Cànanan Ceilteach agus, fo stiùireadh nan Àrd-ollamhan Uilleam Watson agus Seumas Watson, cheumnaich e ann an 1939 le urram aig a' chiad ìre. An dèidh dha ceumnachadh, ghlèidh e sgoilearachdan gus Gaeilge a rannsachadh ann an Èirinn, ach chuir toiseach an Dàrna Cogaidh stad orra seo gu grad.

Chuir Calum an cogadh seachd ann an Èirinn, far an robh e airson a' mhòr-chuid dhen ùine ann an Idreabhán ann an Conamara a' cruinneachadh beul-aithris pàirt-ùine airson Coimisiún Béaloideasa Éireann. Fhuair e dreuchd mhaireannach aig a' Choimisiún ann an 1945, agus chaidh a chur a dh'Alba ann an 1946 a chruinneachadh stuthan ann an Gàidhlig na h-Alba, a bha gun choimisean beul-aithris de sheòrsa sam bith anns an àm. Bha e còig bliadhna ag obair ann an Alba mus deach e gu Sgoil Eòlais na h-Alba, a bha air ùr-stèidheachadh ann an 1951. 'S e duine bàidheil, càirdeil, teò-chridheach a bh' ann, agus tha e tric air a ràdh gur e seo fear dhe na prìomh adhbharan a shoirbhich gu mòr leis anns an obair aige, mar a mhìnich Seán Ó Súilleabhain ann an 1975:

"...above all else, his personality qualities stood him in good stead and opened all doors and heart to him in his homeland, as in Ireland. He had kindness, generosity, open-heartedness, candour and firmness of opinion he was good-humoured and light of heart. He was unselfishly devoted to task. He loved country people best of all perhaps, and his ability to sing or lilt or play music or tell stories ensured that he was quickly accepted into the company of strangers."

Thàinig an obair aig Calum gu ceann fada ro thràth nuair a dh'eug e ann an Uibhist a Deas anns an Lùnastal 1960, 's gun e ach 44 bliadhna a dh'aois. Tha a dhìleab fhathast beò, ge-tà, agus tha na clàraidhean aige fhathast a' toirt dhuinn sealladh iongantach air cultar agus dòigh-beatha a tha air crìonadh anns na 60 bliadhna a dh'fhalbh. Bho sgeulachdan mu na h-àirighean gu sgeulachdan na Fèinne, tha beairteas agus farsaingeachd anns na clàraidhean aige, a rinn e de dhaoine bho gach seòrsa suidheachadh-beatha.

'S e fìor stòras prìseil de dh'obair Chaluim a th' ann an làrach-lìn Tobar an Dualchais. Tha e a' nochdadh ann an cha mhòr 4,000 clàradh, agus tha mu chairteal dhiubh sin air tighinn bho Uibhist a Deas. Rinneadh an còrr dhe na clàraidhean aige air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus cuideachd anns na Crìochan agus Sealtainn. Am measg nan daoine a chlàraich e, tha Ceit Dhòmhnallach (Bean Eairdsidh Raghnaill) à Gearraidh Sheilidh, Uibhist a Deas, Donnchadh MacDhòmhnaill (Donnchadh mac Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh) à Peighinn nan Aoireann, Uibhist a Deas, Aonghas Mac a' Mhaoilein (Aonghas Barrach) à Grìminis, Beinn na Fadhla, Iain MacDhòmhnaill (Am Bàrd) às an Drochaid Àird, Loch Abar, agus John Hewit à Heiton, Roxburghshire.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

'Obituary of Mr C. Maclean', The Glasgow Herald, 17 Lùnastal 1960, td. 7

Ó Súilleabhain, Seán, 'Memoir' in The Highlands (2nd ed.), by Calum I. Maclean (Inverness: Club Leabhar, 1975), td. vii-xx

'In Memoriam, Calum Iain Maclean (1915–1960)', ann an Tocher vol. 39: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An t-Earrach 1985), deasaichte le Alan Bruford.

Wiseman, Andrew, 'The Little One of the Big Heart: Calum Iain Maclean (1915-1960)', History Scotland, Samhain/Dùbhlachd 2011, td. 30-35