Search
Aiseag: Foghlam Cultarail do Sgoiltean

Aiseag: Foghlam Cultarail do Sgoiltean

Is e Aiseag sreath de chuspairean ceangailte ri dualchas, a chaidh a leasachadh le Tobar an Dualchais. Leis na leasanan agus gnìomhan seo tha sinn airson aire nan sgoilearan a thoirt air an t-saoghal a tha timcheall orra, gu sònraichte air na sgeulachdan ceangailte ris na h-àiteachan sna sgìrean aca fhèin. Tha e cudromach gu bheil na sgoilearan a' tuigsinn gu bheil iad fhèin mar phàirt do sgeulachd phrìseil an àite aca.

Anns gach pàirt tha bhideo ann air aithris le ‘Cailtin’ a tha a' toirt seachad bun-stèidh air gach cuspair. An uairsin tha diofar ghnìomhan agus ceistean ann as urrainn do thidsearan a dhèanamh ris a chloinn.

Tha na gnìomhan seo ag amas air sgoilearan Bun-sgoil Clas 5 suas gu S2 san Àrd-sgoil. Chan fheum sibh a h-uile leasan a dhèanamh- taghaibh an fheadhainn a chòrdas ribh.

Aig a' cheann thall thathar ag amas air mapa cultarail a dhèanamh de sgìre nan sgoilearan. Dh’fhaodadh sin a bhith mar mhapa beag pearsanta no mapa mòr a nì an clas còmhla, mar seo.

Nam biodh tidsearan ag iarraidh, b’ urrainn do fheadhainn bho sgioba Tobar an Dualchais a' tadhal air an sgoil aca airson diofar leasanan a lìbhrigeadh.

Leasan 7

Mar a chì is chluinneas tusa

Read More