Leasanan do dh’Àrd-sgoiltean

Leasanan do dh’Àrd-sgoiltean

Chaidh na stuthan-taic seo a chruthachadh do dh’fhileantaich san àrd-sgoil. Chaidh 25 clàraidhean a thaghadh le taic bho thidsearan agus chaidh stuthan taic a dhèanamh dhaibh. Tha an clàradh tùsail agus tàr-sgrìobhadh ann airson a h-uile clàradh, agus tha bhidiothan an cois 10 dhiubh.

Tha na clàraidhean bho dhiofar sgìrean agus air diofar chuspairean, le pìosan-obrach do sgoilearan nan cois. Tha ceistean, freagairtean agus briathrachas ann airson a h-uile clàradh, agus cuideachd molaidhean a thaobh rudan cruthachail a b’ urrainn dha na sgoilearan a dhèanamh a tha ceangailte ris a’ chlàradh. Tha na clàraidhean seo làn de sgeulachdan agus fiosrachadh mu dheidhinn dòighean-beatha. A bharrachd air a bhith a’ toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean, tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn air an làraich agus ’s e dòigh mhath a th’ ann airson sgilean rannsachaidh a thogail agus a leudachadh.

Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig airson an taic a thug iad dhuinn leis na leasanan.

Leasan 1

Eisimpleir de mhanadh san Sgarp

Read More
Leasan 2

Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg

Read More
Leasan 3 (le bhideo)

Bàs na Cailliche Bèire

Read More
Leasan 4 (le bhideo)

Oifigeach Dubh Bhaile a’ Chròthain

Read More
Leasan 5

Mar a dh’fhàs clòimh air each

Read More
Leasan 6

An t-eun mòr agus am baile a chaidh a bhàthadh

Read More