Selected Subjects for Schools

Selected Subjects for Schools

Tha an làrach-lìn a’ toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean agus tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn oirre.

Air sgàth ’s gu bheil uimhir air an làraich-lìn, ge-tà, tha e a’ cosg ùine do thidsearan clàraidhean a lorg a tha freagarrach a thaobh cuspair, ìre cànain, aois a’ chlais agus mar sin air adhart agus tha seo uaireannan a’ cur bacadh air tidsearan, a tha gu math trang, bho bhith ga chleachdadh. ’S ann airson an suidheachadh sin a leasachadh a chaidh an earrann seo a dheasachadh, le taghadh de chlàraidhean air diofar chuspairean agus aig diofar ìrean den bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Chaidh na cuspairean a thaghadh às dèidh chòmhraidhean ri tidsearan.

Bho na liostaichean gu h-ìosal chan eil agaibh ach putadh air an tiotal agus chì sibh na diofar earrainn agus na clàraidhean nam broinn. Ma phutas sibh air ceangal sam bith tha sibh a’ faighinn dhan chlàradh agus barrachd fiosrachaidh mun chlàradh. Faodaidh sibh an uair sin èisteachd ris a’ chlàradh a tha a dhìth.

FREAGARRACH AIRSON BUN-SGOILTEAN

Eòin is Ainmhidean

Read More
FREAGARRACH AIRSON BUN-SGOILTEAN: CLAS 4 AGUS NAS ÀIRDE

Caistealan is Cinnidhean

Read More
FREAGARRACH AIRSON CEANN SHUAS NA BUN-SGOILE AGUS ÀRD-SGOILTEAN

Fèilltean, Làithean is Aimsirean

Read More
FREAGARRACH AIRSON ÀRD-SGOILTEAN

A’ Chiad Chogadh

Read More
FREAGARRACH AIRSON ÀRD-SGOILTEAN

An Dàrna Cogadh

Read More
FREAGARRACH AIRSON ÀRD-SGOILTEAN: GÀIDHLIG AGUS CUSPAIREAN TRO MHEADHAN NA GÀIDHLIG- EACHDRAIDH, CEÒL IS CRUINN-EÒLAS

Fuadaichean is Eilthireachd

Read More