Rannsaich
16.05.24

Cothrom air Leth ann an Gàidhlig is Albais do Luchd-ealain Òg

Chaidh pròiseact ùr Sgrìobh | Scrieve a chur air bhonn le Eden Court is Tobar an Dualchais (TAD) far am faigh dithis neach-ealain òg an cothrom pìos ciùil ùr is bàrdachd ùr a chruthachadh ann an Gàidhlig is Albais. Mar phàirt den phròiseact, gheibh an luchd-ealain ùine gus rannsachadh a dhèanamh air làrach-lìn TAD mus cruthaich iad obair ùr a thèid a thaisbeanadh aig Under Canvas 2024 aig Eden Court.

Chaidh Anndra Cuimeanach às an Leathad, sgìre Gheàrrloch a thaghadh mar an neach-ealain Gàidhlig airson a’ phròiseict. Bha e na oileanach aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc agus bidh e a’ cluich a’ bhogsa is na pìob, a bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh òrain Ghàidhlig. Tha an còmhlan-ciùil Niteworks agus an t-seinn aig Kathleen NicAonghais a’ còrdadh ris gu mòr agus bidh Anndra am measg an luchd-chiùil a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois as t-samhradh.

Thuirt Anndra: “Bha mi dìreach air bhioran nuair a chuala mi gun deach mo thaghadh airson a’ phròiseict seo. Tha mi air grunn òran a sgrìobhadh mar-thà ach tha mi den bheachd gun leasaich am pròiseact seo mo chuid sgilean cruthachail. Tha mi ’n dùil tòrr rannsachaidh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh làrach-lìn TAD agus le bhith a’ bruidhinn ri daoine air a bheil mi eòlach anns an sgìre agam fhìn, agus tha mi ’n dòchas gum brosnaich seo mi gus òran a dhèanamh mu dheidhinn Taobh Siar Rois.”

Tha Anndra Cuimeanach à sgìre Gheàrrloch na neach-ealain Gàidhlig airson Sgrìobh | Scrieve. / Anndra Cuimeanach

’S e Lucy Beth à Inbhir Uaraidh, Siorrachd Obar Dheathain an neach-ealain Albais airson Sgrìobh | Scrieve. ’S e cleasaiche a th’ innte a bhios a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an Doric, a’ chiad chainnt aice. Tha Lucy airson sealltainn gu bheil luach fhathast ann an Albais agus dualchainntean Albais san là an-diugh agus gu bheil daoine òga fhathast ga bruidhinn bho là gu là agus ga cleachdadh ann an obair chruthachail.

Thuirt Lucy: “Tha mi cho taingeil agus cho toilichte gun deach mo thaghadh mar neach-ealain airson Sgrìobh | Scrieve. Thòisich mi air rannsachadh a dhèanamh air an òran Albais ainmeil ‘Bogie’s Bonnie Belle’ agus na diofar dhreachan a tha ri fhaotainn air làrach-lìn TAD/KOR. Tha mi am beachd an rannsachadh seo a chleachdadh gus bàrdachd a sgrìobhadh bho shealladh Iseabail, sealladh air nach robh daoine a’ toirt an aire gu ruige seo. Bheir mi prìomhachas do sgeulachd Iseabail agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur an dreach ùir seo air beulaibh an luchd-èisteachd aig Under Canvas.”

’S ann à Inbhir Uaraidh a tha Lucy Beth, an neach-ealain Albais airson Sgrìobh | Scrieve. / Lucy Beth

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche Tobar an Dualchais: “Bha sinn glè thoilichte le cho math ’s a bha na h-iarrtasan a fhuair sinn airson a’ phròiseict agus tha sinn an dùil gum bi an obair a nì Lucy is Anndra le bhith a’ cleachdadh làrach-lìn TAD dìreach sònraichte. Mar thoradh air a’ chothrom a bhios aca pàirt a ghabhail ann an Under Canvas 2024, ruigidh an obair aca luchd-èisteachd ùr, chan ann a-mhàin ann an Inbhir Nis agus air a’ Ghàidhealtachd ach cuideachd am measg an luchd-turais bho air feadh an t-saoghail a bhios a’ tighinn gu Under Canvas gach samhradh. ’S e pròiseact paidhleat a th’ ann ach tha sinn an dòchas a leudachadh gu bhith na phròiseact slàn san àm ri teachd.”

A' bruidhinn air cho cudromach ’s a tha an cothrom ùr seo, thuirt Emily NicDhòmhnaill, Manaidsear Phròiseactan Gàidhlig aig Eden Court: “Tha ar co-obrachadh le Tobar an Dualchais a’ brosnachadh ealain traidiseanta na h-Alba ann an Albais is Gàidhlig gu mòr. Tha sinn a’ creidsinn gum faigh luchd-ealain is luchd-èisteachd tuigse nas fheàrr air traidiseanan na h-Alba agus, aig an aon àm, tha e a’ cruthachadh rudeigin ùr is iomchaidh ann an Alba san là an-diugh. Tha sinn fada an comain Wee Grants for Creativity in the Scots Leid aig Alba Chruthachail airson an cuid taic ann a bhith a’ toirt a’ phròiseict seo gu buil.”

Bidh Anndra is Lucy air an àrd-ùrlar aig Under Canvas 2024 air 18 Lùnastal aig 2.00f. Bidh Marcas Mac an Tuairneir, Màiri Anna NicUalraig agus Ceitidh Chaimbeul cuideachd air an àrd-ùrlar air an là ud, le bàrdachd, ceòl is òrain ann an Gàidhlig, Albais is Beurla. Gheibhear tiogaidean an seo: https://eden-court.co.uk/event/sgriobh-scrieve-paillean-nam-bard

’S e goireas air-loidhne a th’ ann an Tobar an Dualchais/Kist o Riches a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h-Alba a thaisbeanadh agus àrdachadh. Tha òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan am measg nam prìomh stuthan anns na clàraidhean seo, a chaidh a thogail bho na 1930an suas. Thàinig na clàraidhean, a th’ ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla, bho thrì tasglannan: Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Rèidio nan Gàidheal. Tha còrr is 47,000 clàradh air an làraich-lìn.