Neach-ealain Ùr air Mhuinntireas aig ATLAS Arts agus Tobar an Dualchais
Tha ATLAS Arts agus Tobar an Dualchais (TAD) toilichte innse gun deach Iseabail Law a thaghadh mar an Neach-ealain air Mhuinntireas aca airson 2026/27.
Seo an seachdamh bliadhna a chaidh an cothrom sònraichte seo a thairgsinn. Tha e a’ cumail taic ri neach-ealain gus ùine a chosg air na cruinneachaidhean air làrach-lìn TAD airson beul-aithris, òrain, sgeulachdan, traidiseanan is guthan na h-Alba a rannsachadh, agus obair ùr a dhèanamh stèidhichte orra.
’S ann à Caol Reatha san Eilean Sgitheanach a tha Iseabail Law. Tha togail dhealbh agus rannsachadh leantainneach air àite, cuimhne agus buinteanas aig cridhe a cuid obrach. Tha i an-dràsta ag obair le pròiseasan fotografach eadar-roghnach agus ìomhaigh, cyanotypte agus mapaichean nam measg, a’ rannsachadh smuaintean air neo-làthaireachd agus làthaireachd san Eilean Sgitheanach.
Do dh’Iseabail, tha am muinntireas a’ toirt còmhla tòrr de na h-ùidhean a th’ aig cridhe na dòigh-obrach aice: “Tha mi dìreach air bhioran gus tòiseachadh air a’ mhuinntireas seo oir tha e a’ bualadh air mòran de rudan anns a bheil ùidh mhòr agam, a leithid an Eilein Sgitheanaich, eachdraidh agus cultair. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn dè is urrainn dhomh a thoirt còmhla le bhith a’ measgachadh mo chuid ealain lèirsinneach agus na clàraidhean.”
Thuirt Katharine NicPhàrlain, Riochdaire aig ATLAS Arts: “Tha sinn air ar dòigh glan gun tèid an t-eòlas a th’ aig Iseabail air togail dhealbh a chleachdadh mar mheadhan air rannsachadh a dhèanamh an dà chuid air beul-aithris agus air dealbhan de na seanchaidhean. ’S e goireas prìseil a th’ anns na clàraidhean, sgeulachdan, òrain agus guthan a tha ri fhaighinn air TAD, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn na chruthaicheas Iseabail mar phàirt den mhuinntireas seo agus na cothroman agus na ceanglaichean ùra a thig às an rannsachadh aice.”
Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche Tobar an Dualchais:
“’S e naidheachd fìor mhath a th’ ann gun deach Iseabail a thaghadh mar Neach-ealain air Muinntireas am-bliadhna. ’S e neach-ealain tàlantach a th’ innte agus tha mi a’ làn-chreidsinn gum bi e na bhuannachd dhi a bhith a’ rannsachadh nan clàraidhean air an làraich-lìn againn. Tha mòran de na clàraidhean dlùth-cheangailte ris na cuspairean a tha a’ còrdadh rithe agus bheir iad dhi brosnachadh anns an obair aice. Tha sgioba TAD a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cumail taic ri Iseabail tron mhuinntireas, agus a bhith a’ faicinn mar a thèid i an sàs anns na cruinneachaidhean agus na thig às a sin.”
Tron mhuinntireas, cuiridh Iseabail ùine seachad a’ rannsachadh na làraich-lìn agus a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh i na clàraidhean a cheangal ri a cuid obrach agus ris an dàimh a th’ aice ris an Eilean Sgitheanach.
Tha ATLAS Arts agus TAD a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cumail taic ri Iseabail sa bhliadhna ri thighinn agus ri bhith a’ leigeil fios do dhaoine mun phròiseact mar a thèid e air adhart.
Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Alba Chruthachail (Maoin Amasaichte na Gàidhlig) agus tha seo a’ toirt a-steach chìsean, taic-airgid gus ealain a chruthachadh, agus cosgaisean siubhail.
Le taic bho Alba Cruthachail.