Rannsaich
07.05.24

Abair Rionnagan aig Cuirm-chiùil an Uibhist

Bha meall de luchd-ciùil tàlantach an eilein ri chluinntinn aig a’ chuirm ‘Dualchas Uibhist’ a chaidh a chumail bho chionn ghoirid ann an Talla Naomh Peadar ann an Uibhist a Deas. Chuireadh a’ chuirm air dòigh le Ceòlas agus Tobar an Dualchais agus thug i luchd-ciùil, seinneadairean, dannsairean agus sgoilearan bho Sgoil Dhalabroig cruinn còmhla. Air a brosnachadh le dualchas na sgìre, agus gu h-àraid leis na tha ri fhaighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais, bha a’ chuirm làn de Ghàidhlig, dualchas, càirdeas agus smior na coimhearsnachd.

Ghabh sàr luchd-ciùil chun an àrd-ùrlair agus nam measg bha Seonaidh Mac an t-Saoir air a’ phìob (Trail West), Pàdruig Moireasdan air a’ bhogsa (Beinn Lee), na seinneadairean Joe MacNèill, Arabella Manchester agus John Joe MacNèill, agus a’ chòisir ionadail Guthan an Iar. Bha an dannsair Gàidhealach Chiara Fisher sgoinneil, agus bha cothrom ann cuideachd don luchd-èisteachd dannsa no dhà a dhèanamh.

Am measg nam pìosan a b’ fheàrr air an oidhche, bha còig òrain Ghàidhlig a ghabh Clas 1 & 2 bho Sgoil Dhalabroig gun mheang. Ghabh còisir na sgoile òrain ionadail gu math cuideachd, leithid ‘Machaire Bhòrnais’. Ghabh a’ chlann air fad Duain na Cullaig agus dhùisg seo iomadh cuimhneachan snog am measg an luchd-èisteachd. Bha seo uile fo stiùir an tidseir aca, Iseabail Dhòmhnallach.

Abair seinn brèagha a bh' aig a' chloinn bho Sgoil Dhalabroig. / Tobar an Dualchais

Bha oileanaich bhon chùrsa BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig air aoigheachd agus chluich iad grunn sheataichean cho math ri bhith a’ toirt taic do chuid dhe na cluicheadairean agus na seinneadairean eile. Ann a bhith ag ullachadh airson na cuirme, rinn na h-oileanaich rannsachadh air ceòl à Uibhist a Deas a th’ air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus bha cuid dhe na puirt seo am measg na chluich iad air an oidhche.

Cuid de na h-oileanaich bhon chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig a' cluich seat de phuirt. / Tobar an Dualchais

Thuirt Ceannard Cheòlais, John Joe MacNèill: “Bha sluagh mòr aig a’ chuirm agus bha an t-àite beòthail, sunndach. Tha sinn air leth fortanach gu bheil luchd-ciùil tàlantach againn an Uibhist, agus mar phàirt dhen obair againn bidh sinn a’ toirt seachad cuideachadh agus stiùireadh do dhaoine airson an cuid sgilean ciùil a leasachadh. Bidh sinn cuideachd a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh cultar na Gàidhlig ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan ionadail, agus bha a’ chuirm seo na fìor dheagh eisimpleir dhen obair seo.”

Bha a’ chuirm aig deireadh cùrsa dà-latha a chaidh a chur air dòigh le Tobar an Dualchais ann an co-bhonn le Ceòlas. Bha an cùrsa ‘Ceanglaichean Cruthachail’ air a dhealbh do dhaoine cruthachail a bha airson barrachd ionnsachadh mun ghoireas Tobar an Dualchais, cò thog na clàraidhean ’s carson, agus carson a tha iad luachmhor san latha an-diugh. Bha an cùrsa a’ coimhead gu sònraichte air Uibhist agus air clàraidhean a thogadh air feadh nan eilean.

’S e sàr sgoilearan agus luchd-ealain a tha mion-eòlach air na clàraidhean a lìbhrig an cùrsa, leithid Dr Màiri NicPhàidein, Raghnaid Sandilands, Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart, Dr Decker Forrest, Liam Crouse agus Flòraidh Forrest.

Thug Liam Crouse, oileanach PhD aig Sabhal Mòr Ostaig is Tobar an Dualchais, seachad òraid stèidhichte air rannsachadh a rinn e bho chionn ghoirid air an t-saoghal os-nàdarra an Uibhist. / Tobar an Dualchais

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche Tobar an Dualchais: “’S e seo a’ chiad turas a chaidh an cùrsa a lìbhrigeadh gu pearsanta air an làraich, seach air-loidhne, agus bha sinn air leth toilichte leis na bha de dhaoine an làthair. Bha còrr ’s 40 neach bho air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air a’ chùrsa agus bha am fios a fhuair sinn air ais bhuapa gu math brosnachail. Chuir sinn fàilte air a’ chothrom a bhith ag obair còmhla le Ceòlas agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn cothrom mar seo a-rithist. Ar taing do dh’Alba Chruthachail airson an taic-airgid a leig leinn an cùrsa agus a’ chuirm a chur air dòigh.”

Rinn Frank McConnell an cùrsa agus thuirt e: “’S e cùrsa uabhasach fhèin math a bh’ ann agus bha brosnachadh agus fiosrachadh am pailteas mu na sgeulachdan, na h-òrain, an dualchas agus na daoine ceangailte ri Uibhist a tha ri fhaotainn air an làraich-lìn. Ged a tha mòran dhe na clàraidhean sean, tha e follaiseach gu bheil an susbaint a th’ annta fhathast gu math iomchaidh san latha an-diugh.”

Chòrd an cùrsa ri com-pàirtichean Catrìona Nic an t-Saoir agus Catrìona NicIlleDhuibh, far an do dh'ionnsaich iad barrachd mu Thobar an Dualchais. / Tobar an Dualchais