Back

A Fhleasgaich an Fhuilt Chraobhaich Chais

Lyrics:

A fhleasgaich an fhuilt chraobhaich chais,
Òigear a' chùil dualaich,
A fhleasgaich òig an òr-fhuilt chais,
Gur i do mhais' a bhuair mi.

Mheall thu, mheall thu, mheall thu mi,
Do bhòidhchead a bhuair mi,
Is gheall thu dhòmhs' air iomadh dòigh
Gum biodh do stòras buan dhomh.

O gur mise tha gu tinn
Is falt mo chinn air fuasgladh,
'S gun fhios 'am fhèin ciod e 'n cion-fàth
Thug dhuts', a ghràidh, bhith 'n gruaim rium.

B' òg a thug mi dhut mo ghaol
Ged nach d' rinn mi bhuannachd,
'S an t-snaim a cheangail sinn gu teann,
I air gach ceann air fuasgladh.