Back
A Fhleasgaich Ùr Leanainn Thu
Lyrics:
Sèist
A fhleasgaich ùir, leanainn thu
Fhìr a' chùil bhòidhich,
A fhleasgaich ùir, leanainn thu.
'S mi gun rachadh ad choinneamh
Air mo bhonnaibh gun bhrògan.
Air bonnaibh mo chasan
Ged bhiodh clachan gan stròiceadh.
Ged bhiodh reothadh glè chruaidh ann,
Sneachda fuar air a' mhòintich.
Fhir nan camagan donna
Rinn mi coinneamh glè òg riut.
Dh'fhalbhainn air muir no tìr leat
Gu ruig crìoch na Roinn Eòrpa.
Ach guidheam gu slàn thu,
Gach latha fhad 's is beò mi.