Back

A Mhàiri Bhòidheach 's a Mhàiri Ghaolach

Lyrics:

Sèist

A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach,
A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort,
A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi,
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air d' fhaotainn.

A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort;
Gur tric mi cuimhneachadh ort 's mi m' aonar;
Ged a shiùbhlainn gach ceum den t-saoghal,
Bidh t' ìomhaigh bhòidheach tighinn beò gach taobh dhìom.

'S truagh nach robh mi 's mo Mhàiri bhòidheach
Ann an gleannan faoin is ceò air;
'S ged bu Rìgh mi san Roinn Eòrpa,
Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach.

Ach chithear fèidh air sgèith sna speuran
'S chithear iasg air àird nan slèibhtean
Chithear sneachda dubh air gheugan
Mum faicear caochladh tighinn air mo ghaol dhut.

O Mhàiri, lughdaich thu mo chiall dhomh;
Tha mo chridh' le do ghaol air lìonadh;
Tha gach latha ann am fad mar bhliadhna,
Mur faic mi t' aodann a tha mar ghrian dhomh.

Cò chì mo Mhàiri 's is urrainn àicheadh
Gu bheil a chridhe laist' le gràdh dhith?
Thug i barrachd ann an àilleachd
Thar gach maise tha fàs san àl seo.

Do shùilean meallach fod mhala bhòidhich,
Do bhilean tana air dhath nan ròsan,
Slios mar chanach an gleannan mòintich,
'S do ghruaidh mar chaorann fo sgèith nam mòr-bheann.

Càite am faicear san t-saoghal bean t' aogais,
Chan eil i idir ann ri fhaotainn,
Am maise, 'n tuigse 's an deagh bheusan,
Tha thu ro àrda os cionn gach aon dhiubh.

Fhir a shiùbhlas thar tonnan uaibhreach,
A dh'ionnsaigh Innsibh cian nan cuantaibh;
Thoir gach sìod' agus nì tha luachmhor,
Dh'ionnsaigh Mhàiri a rinn mo bhuaireadh.

Eòin as moiche a thèid air sgiathaibh,
'S a thèid àrda anns an iarmailt,
Na biodh latha anns a' bhliadhna,
'S nach seinn thu ceòl do mo Mhàiri chiataich.

Ach cha dèan eala air slios nam mòr-thonn,
Cha dèan smeòrach am badan bòidheach,
Cha dèan gach inneal-ciùil ach crònan
Nuair a sheinneas mo Mhàiri bhòidheach.

Ged a bhiodh mi gu tùrsach cianail,
'S mi le cùram air mo lìonadh,
Nì do ghnùis-sa a tha mar ghrian dhomh,
Mo chridhe sunndach nuair thig thu m' fhianais.

Gu ma slàn do mo Mhàiri bhòidheach,
Ge b' e àite sam bidh i còmhnaidh;
'S e mo ghuidh-sa am fad 's is beò mi,
Gum bi gach sòlas aig Màiri bhòidheach.