Back

A Mhurchaidh Òig Thàillear

Lyrics:

Sèist

Ho rì hil o ro bha,
Ho rì hil o rè,
Ho rì hil i rì,
Hil o hi rì hil o rè.

A Mhurchaidh òig thàilleir,
Gu ma slàn bhios tu fhèin.
Rinn thu m' aodach-sa chàradh,
Seo pàigheadh da rèir.

Rinn thu m' aodach-sa chàradh,
Seo pàigheadh da rèir.
Chuir thu dhomhsa poc' achlais
Air casag an fhèidh.

Chuir thu dhomhsa poc' achlais
Air casag an fhèidh.
'S mi ri dìreadh a' mhonaidh,
'S mo ghunna fo m' sgèith.

'S mi ri dìreadh a' mhonaidh,
'S mo ghunna fo m' sgèith.
'S ged a thilleadh an t-uisge,
Cha fhliuchadh e 'n gleus.